Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 2:18 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

18 Oir, a chionn 's gun do dh'fhuiling e fhèin 's gun deach a bhuaireadh, tha e comasach air iadsan a tha fo bhuaireadh a chuideachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Oir a mheud is gun d’fhuiling e fhèin, air dha a bhith air a bhuaireadh, is comasach e air cobhair a dhèanamh orrasan a tha air am buaireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Oir a mheud is gun d’fhuiling e fhèin, air dha a bhith air a bhuaireadh, is comasach e air cobhair a dhèanamh orrasan a tha air am buaireadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

18 Oir le feart fhulangais fhein ʼsa bhuairidh, tha e comasach air iadsan, a tha fo bhuaireadh, a chomhnadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 2:18
16 Iomraidhean Croise  

Is sibhse iadsan a dh'fhan còmhla riumsa nam dheuchainnean.


Nuair a bha mi còmhla ribh gach latha anns an teampall, cha do chuir sibh ur làmhan orm. Ach is i seo ur n‑uair‑se, agus cumhachd an dorchadais.”


M' Athair, a th' air an toirt dhòmhsa, is motha esan na na h‑uile; chan urrainn do neach sam bith an spìonadh à làimh m' Athar.


Chan eil buaireadh sam bith air breith oirbh nach eil cumanta dhan duine. Tha Dia dìleas, agus cha leig e leibh a bhith air ur buaireadh thar ur comais, ach leis a' bhuaireadh bheir e cuideachd slighe airson teicheadh, airson 's gum faod sibh a bhith an comas fhulang.


a chruth‑atharraicheas corp ar staid iriosail gus a bhith co‑choltach ri corp a ghlòir fhèin, a rèir obrachaidh a' chumhachd a th' aige, eadhon a h‑uile sìon a chur fo cheannsal fhèin.


Air an adhbhar sin tha mi a' fulang nan rudan seo, ach chan eil nàire orm, oir tha fios agam cò san do chreid mi, agus chaidh dearbhadh dhomh, gu bheil Esan comasach air an rud sin a dh'earb mise ris a ghleidheadh gus an Latha sin.


Is urrainn dha truas a ghabhail riuthasan a tha aineolach 's air seachran, a chionn 's gu bheil e fhèin cuideachd air a chuartachadh le laigse.


'S aithne dhan Tighearna an fheadhainn dhiadhaidh a shàbhaladh o bhuaireadh, agus an fheadhainn neo‑fhìreanta a ghleidheadh gu latha a' bhreitheanais airson am peanasachadh.


A‑nis dhàsan – a tha comasach air ur gleidheadh o thuisleadh, 's air ur nochdadh neo‑choireach fa chomhair a ghlòir, ann am mòr aoibhneas,


Oir ghlèidh thu facal mo leanaltais, agus gleidhidh mise thusa o uair na deuchainn a tha gus a thighinn air an t‑saoghal gu lèir airson an fheadhainn a tha a' còmhnaidh air an talamh a dhearbhadh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan