Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 2:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Oir gu deimhinn cha do rinn e e fhèin na aingeal, ach na bhall de shìol Abrahàim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Oir gu deimhinn cha do ghabh e nàdar nan aingeal air; ach ghabh e sìol Abrahàim air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Oir gu deimhinn cha do ghabh e nàdar nan aingeal air; ach ghabh e sìol Abrahàim air.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Oir cha dʼ rinn e idir greim air na h-ainglean, ach rinn e greim air siol Abrahaim.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 2:16
11 Iomraidhean Croise  

Oir tha timcheall‑ghearradh dha‑rìribh na bhuannachd ma chumas tu an lagh, ach ma bhriseas tu an lagh, tha do thimcheall‑ghearradh a' tighinn gus a bhith na neo‑thimcheall‑ghearradh.


A‑nis chaidh na geallaidhean a ràdh ri Abrahàm 's ri a shìol. Chan eil e ag ràdh, “Agus do shìolan,” mar gun robh e a' bruidhinn mu thòrr, ach an àite sin mu aon, “Agus dhad shìol‑sa,” 's e sin Crìosd.


Agus mas ann le Crìosd a tha sibh, mar sin is sibhse sìol Abrahàim, oighreachan a rèir a' gheallaidh.


Oir bha iadsan gar smachdachadh airson beagan làithean nuair a chunnaic iad freagarrach e, ach tha esan ga dhèanamh airson ar buannachd, agus airson 's gum bi roinn againn na naomhachd.


agus gun saoradh e iadsan, a bha, tro eagal a' bhàis, fo dhaorsa fad am beatha gu lèir.


Air an adhbhar sin, bha e mar fhiachaibh air a bhith air a dhèanamh coltach ri a bhràithrean sa h‑uile sìon, airson 's gum biodh e na àrd‑shagart tròcaireach agus dìleas anns na bhuineadh do Dhia, gus rèite a dhèanamh airson pheacaidhean an t‑sluaigh.


Oir bheir daoine mionnan air rudeigin nas motha na iad fhèin, agus tha mionnan barantais na cho‑dhùnadh dheireannach sa h‑uile connspaid eatorra.


Chaidh a ro‑aithneachadh dha‑rìribh ro leagail bhunaitean an t‑saoghail, ach chaidh a nochdadh anns na h‑amannan dheireannach dhuibhse,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan