Eabhraidhich 2:14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 201714 A nis, ma‑thà, a chionn 's gu bheil compàirteachadh dhe fhuil 's dhe fheòil aig a' chloinn, san aon dòigh, ghabh esan cuideachd pàirt sna h‑aon rudan, airson 's, tron bhàs, gun sgriosadh e esan aig an robh cumhachd a' bhàis – 's e sin an diabhal – Faic an caibideilAm Bìoball Gàidhlig 199214 Uime sin, a mheud is gu bheil aig a’ chloinn co‑roinn de fheòil agus de fhuil, ghabh esan mar an ceudna roinn dhiubh sin; a‑chum tre an bhàs gun claoidheadh e esan aig a bheil cumhachd a’ bhàis, is e sin an diabhal; Faic an caibideilAm Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 199214 Uime sin, a mheud is gu bheil aig a’ chloinn co‑roinn de fheòil agus de fhuil, ghabh esan mar an ceudna roinn dhiubh sin; a‑chum tre an bhàs gun claoidheadh e esan aig a bheil cumhachd a’ bhàis, is e sin an diabhal; Faic an caibideilTiomnadh Nuadh (MacEachen) 187514 A bhrigh ma ta gum beil a chlann a comh-phairteachadh de dhʼ fheoil ʼs de dhʼ fhuil, is amhuil sin a ghabh e fhein comh-roinn sna nichean ciadna: los le bhàs gun sgriosadh e esan aig an robh cumhachd a bhàis, se sin an deomhan; Faic an caibideil |
Agus feumaidh e a bhith air aideachadh gur mòr dìomhaireachd na diadhaidheachd: a bh' air fhoillseachadh san fheòil, air a dhearbhadh fìreanta leis an Spiorad, air fhaicinn le ainglean, air a shearmonachadh am measg nan Cinneach, a chaidh creidsinn ann anns an t‑saoghal, 's a bha air a thogail suas ann an glòir.