Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 2:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Oir bha e freagarrach dhàsan, dham bheil a h‑uile sìon 's trom bheil a h‑uile sìon, esan a dhèanamh foirfe a tha a' toirt iomadh mac gu glòir 's a tha na ùghdar dhen t‑sàbhalaidh tro fhulangasan.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Oir b’iomchaidh dhàsan, airson a bheil na h‑uile nithean, agus tre a bheil na h‑uile nithean, ann an tabhairt mòran mhac a‑chum glòire, ceannard an slàinte a dhèanamh foirfe tre fhulangais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Oir b’iomchaidh dhàsan, airson a bheil na h‑uile nithean, agus tre a bheil na h‑uile nithean, ann an tabhairt mòran mhac a‑chum glòire, ceannard an slàinte a dhèanamh foirfe tre fhulangais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Oir thigeadh dhasan, air son am beil nichean uile, us troimh am beil nichean uile, ʼsa thug moran cloinne gu gloir, gun dianteadh ughdair an t-sabhalaidh coimhlionta le a phàis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 2:10
46 Iomraidhean Croise  

Fhreagair e, “Thallaibh agus innsibh dhan t‑sionnach sin, ‘Seall, tha mi a' tilgeil a‑mach dheamhan agus tha mi a' dèanamh leigheis an‑diugh is a‑màireach, agus air an treas latha crìochnaichidh mi m' obair.’


“Glòir do Dhia anns na h‑àrdan, agus air talamh sìth am measg dhaoine leis a bheil e toilichte.”


Nach fheumadh Crìosd na rudan seo fhulang, agus a dhol a‑steach dha ghlòir?”


Agus thuirt e riutha, “Mar seo tha e sgrìobhte, gum feumadh an Crìosd fulang agus èirigh o na mairbh air an treas latha,


agus chan ann airson an nàisein a‑mhàin, ach cuideachd airson 's gun cruinnicheadh e còmhla, nan aon, clann Dhè a bh' air an sgapadh mu sgaoil.


Mar sin nuair a bha Ìosa air am fìon‑geur a ghabhail, thuirt e, “Tha e crìochnaichte.” Agus chrom e a cheann is thug e suas a spiorad.


agus mharbh sibh Ùghdar na Beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.


Dh'àrdaich Dia esan aig a dheas‑làimh na Phrionnsa 's na Shlànaighear, airson aithreachas a thoirt do dh'Israel, agus mathanas pheacaidhean.


Oir is ann uaithesan is troimhesan is dhàsan a tha a h‑uile sìon. Dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh. Amen.


Agus rinn e seo airson 's gun dèanadh e aithnichte saidhbhreas a ghlòire air soithichean na tròcaire, a dh'ullaich e ro‑làimh airson glòire –


Ach tha sinn a' bruidhinn dìomhaireachd fhalaichte Dhè, a dh'òrdaich Dia ron t‑saoghal airson ar glòir‑ne.


chan eil ann dhuinne ach aon Dia, an t‑Athair, bhon a bheil a h‑uile sìon agus dham bheil sinn beò, agus aon Tighearna, Ìosa Crìosd, trom bheil a h‑uile sìon agus trom bheil sinn beò.


Ach tha sinne uile – le aghaidhean gun chòmhdach, a' coimhead mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna – gar n‑atharrachadh chun na h‑aon ìomhaigh o ghlòir gu glòir, dìreach mar on Tighearna, an Spiorad.


Oir tha ar n‑àmhghar aotrom, mòmaideach ag obrachadh dhuinne cuideam glòire sìorraidh a tha thar tomhais sam bith,


A‑nis tha na rudan sin uile o Dhia a rinn sinne rèidh ris fhèin tro Chrìosd agus a thug dhuinn ministrealachd na rèite;


Agus “Bidh mise nam Athair dhuibh, agus bidh sibhse nur mic is nur nigheanan dhòmhsa, tha an Tighearna uile‑chumhachdach ag ràdh.”


Oir tha sibh uile nur mic do Dhia tro chreideamh ann an Crìosd Ìosa.


airson 's gun sealladh e sna linntean ri teachd beairteas thar‑tomhas a ghràis ann an coibhneas dhuinne ann an Crìosd Ìosa.


airson 's gum biodh gliocas ioma‑fhillte Dhè a‑nis air a dhèanamh aithnichte tron eaglais dha na riaghladairean 's dha na h‑ùghdarrasan anns na h‑àiteachan nèamhaidh.


Nuair a bhios Crìosd, ur beatha, air fhoillseachadh, an uair sin bidh sibhse cuideachd air ur foillseachadh còmhla ris ann an glòir.


Mar sin tha mi a' giùlain a h‑uile sìon air an sgàth‑san a tha taghte, gus am faigh iadsan cuideachd an sàbhaladh a th' ann an Crìosd Ìosa, le glòir shìorraidh.


a' coimhead air Ìosa, ceannard is fear‑crìochnachaidh ar creideimh, esan a dh'fhuiling an crann‑ceusaidh airson an aoibhneis a bha roimhe, a' dèanamh dìmeas air a nàire agus a shuidh air deas‑làimh rìgh‑chathair Dhè.


far an deach Ìosa, an ro‑ruitheadair, a‑steach air ar son‑ne, a chaidh a dhèanamh na àrd‑shagart gu sìorraidh a rèir òrduigh Mhelchisedeic.


Oir bha e riatanach gum biodh a leithid seo de dh'àrd‑shagart againne; naomh, neoichiontach, neo‑thruaillidh, air leth bho pheacaich agus air a dhèanamh nas àirde na na nèamhan,


Oir tha an lagh a' suidheachadh shagartan de dhaoine a tha buailteach air laigse, ach tha facal a' mhionna, a thàinig às dèidh an lagha, a' suidheachadh a' Mhac, foirfe gu sìorraidh.


Chaidh fhoillseachadh dhaibh nach b' ann dhaib' fhèin ach dhuibhse a bha iad a' ministrealachadh nan rudan seo, a chaidh a‑nis an innse dhuibh tromhpasan a shearmonaich an deagh sgeul dhuibh san Spiorad Naomh, a chaidh a chur o nèamh, rudan air am miann le ainglean a bhith a' coimhead.


Mar sin, na h‑èildeirean nur measg, tha mi a' misneachadh, mar cho‑èildeir 's mar fhianais air fulangasan Chrìosd, agus mar chom‑pàirtichean dhen ghlòir a tha gu bhith air fhoillseachadh,


A‑nis, nì Dia nan uile ghràs – a ghairm sibh gu a ghlòir shìorraidh ann an Crìosd Ìosa, às dèidh dhuibh fulang beagan ùine – ur coileanadh, ur suidheachadh, ur neartachadh agus ur stèidheachadh.


“Is airidh thusa, a Thighearna ar Dia, air glòir is urram is cumhachd fhaighinn, oir chruthaich thusa a h‑uile sìon, agus a rèir do thoil‑sa thàinig iad gu bhith ann agus bha iad air an cruthachadh.”


Às dèidh nan rudan sin chunnaic mi; agus seall, co‑chruinneachadh mòr, nach b' urrainn do dhuine sam bith àireamh, o gach nàisean is treubh is cinneadh is teanga, a' seasamh mu choinneamh na rìgh‑chathrach agus mu choinneamh an Uain, air an èideadh ann an culaidhean geala agus slatan pailme aca nan làmhan,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan