Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 2:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Air an adhbhar sin, feumaidh sinn barrachd aire a thoirt dha na rudan a chuala sinn, air eagal 's gun èalaidh sinn air falbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Uime sin is còir dhuinn an ro‑thuilleadh aire a thoirt do na nithean a chuala sinn, air eagal uair sam bith gun leigeamaid ruith leo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Uime sin is còir dhuinn an ro‑thuilleadh aire a thoirt do na nithean a chuala sinn, air eagal uair sam bith gun leigeamaid ruith leo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 As leth sin is còir dhuinn na nichean a chuala sinn a chumail le barrachd dichill, air eagal ma dhʼ fhaoidte gun leig sinn ruith leo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 2:1
25 Iomraidhean Croise  

An e nach eil sibh fhathast a' toirt fa‑near? An e nach eil sibh a' cuimhneachadh nan còig lofaichean airson nan còig mìle, agus cia mheud basgaid a chruinnich sibh?


A bheil sùilean agaibh is nach fhaic sibh agus a bheil cluasan agaibh is nach cluinn sibh? Agus nach eil sibh a' cuimhneachadh?


Agus a thaobh an t‑sìl a thuit air an talamh mhath, is iadsan an fheadhainn, às dèidh dhaibh am facal a chluinntinn, a tha ga chumail nan cridhe onarach agus math, agus a bheir a‑mach toradh le foighidinn.


“Taisgibh nur cluasan na faclan seo: tha Mac an Duine gu bhith air a thoirt thairis do làmhan dhaoine.”


Mar sin thog iadsan clachan airson an tilgeil air Ìosa, ach dh'fhalaich e e fhèin agus chaidh e a‑mach às an teampall.


Agus tha sibh air an iarrtas a th' air a dhèanamh oirbh mar a mhic‑san a dìochuimhneachadh: “A mhic, na cuir suarach smachd an Tighearna, agus na lagaich nuair a smachdaicheas e thu,


Agus nì mi a h‑uile dìcheall an‑còmhnaidh, gum bi na rudan seo agaibh nur cuimhne às dèidh dhomh fàgail.


'S e seo a‑nis, a mhuinntir ghràdhaichte, an dara litir a tha mi air a sgrìobhadh thugaibh, anns a bheil mi gur dùsgadh suas nur n‑inntinn fhìorghlan le bhith a' cuimhneachadh dhuibh


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan