Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 13:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 Biodh cuimhne agaibh air ur ceannardan, a bhruidhinn facal Dhè ribh, agus leanaibh an creideamh‑san a' meòrachadh air toradh an caitheamh‑beatha‑san.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 Bithibh cuimhneachail air ur cinn-iùil, a labhair ribh facal Dhè: leanaibh an creideamh-san, a’ beachdachadh air crìch an caitheamh-beatha:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 Bithibh cuimhneachail air ur cinn‐iùil, a labhair ribh facal Dhè: leanaibh an creideamh‐san, a’ beachdachadh air crìch an caitheamh‐beatha:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 Cuimhnichibh ur luchd-eaglais, a labhair facal De ribh: leanaibh an creideamh, a beachdachadh air crich an caithe-beatha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 13:7
27 Iomraidhean Croise  

“Cò, mar sin, a tha na sheirbheiseach dìleas agus glic, a chuir a mhaighstir os cionn seirbheisich a thaighe, a thoirt am bìdh dhaibh aig an àm cheart?


Agus thuirt an Tighearna, “Cò e mar sin an stiùbhard dìleas is glic sin a chuireas a mhaighstir os cionn a theaghlaich, airson an roinn bìdh a thoirt dhaibh aig an àm cheart?


Ach thachair, nuair a bha an sluagh a' teannadh dlùth ris airson facal Dhè a chluinntinn, gun do sheas e ri taobh loch Ghenesaret,


“Is e seo ciall na cosamhlachd: is e an sìol facal Dhè.


An uair sin bhruidhinn Pòl is Barnabas a‑mach gu dàn, ag ràdh, “Dh'fheumadh facal Dhè a bhith air a bhruidhinn ribhse an toiseach. Ach air sgàth 's gu bheil sibh ga dhiùltadh agus a' toirt breith nach eil sib' fhèin airidh air a' bheatha shìorraidh, seallaibh, tha sinne a' tionndadh gu na Cinnich.


Agus nuair a bha iad air èildearan a shuidheachadh dhaibh anns gach eaglais, às dèidh ùrnaigh a dhèanamh le trasgadh, dh'earb iad iadsan dhan Tighearna san robh iad air creidsinn.


Agus nuair a bha iad air ùrnaigh a dhèanamh, bha an t‑àite san robh iad cruinn air a chrathadh, agus chaidh iad uile a lìonadh leis an Spiorad Naomh agus dh'aithris iad facal Dhè le dànachd.


Mar sin tha creideamh a' tighinn o èisteachd, agus èisteachd tro fhacal Chrìosd.


Chan eil buaireadh sam bith air breith oirbh nach eil cumanta dhan duine. Tha Dia dìleas, agus cha leig e leibh a bhith air ur buaireadh thar ur comais, ach leis a' bhuaireadh bheir e cuideachd slighe airson teicheadh, airson 's gum faod sibh a bhith an comas fhulang.


Bithibh nur luchd‑leanmhainn ormsa mar a tha mise air Crìosd.


Tha mi a' guidhe oirbh, mar sin, bithibh nur luchd‑leanmhainn ormsa.


A bhràithrean, aonaichibh ann a bhith gam leantainn‑sa, agus thoiribh an aire dhaibhsan a tha a' coiseachd a rèir na h‑eisimpleir a th' agaibh annainne,


Agus thàinig sibh gu bhith nur luchd‑leanmhainn dhuinne, agus dhen Tighearna, nuair a ghabh sibh ris an fhacal ann an trioblaid mhòir, le aoibhneas an Spioraid Naoimh;


Agus air sgàth seo tha sinne cuideachd a' toirt taing do Dhia gun sgur, nuair a fhuair sibh facal Dhè uainne, gun do ghabh sibh ris, cha b' ann mar fhacal dhaoine, ach mar a tha e dha‑rìribh, facal Dhè, a tha ag obair annaibhse cuideachd a tha a' creidsinn.


Oir tha fios agaib' fhèin cho cudromach 's a tha e gun lean sibh ar n‑eisimpleir, oir cha robh sinne leisg nar measg‑se.


Chan e nach eil ùghdarras againn, ach gus an toireadh sinn sinn fhèin mar phàtran dhuibhse, airson 's gun leanadh sibh ar n‑eisimpleir.


Ach mura h‑aithne do neach an taigh aige fhèin a stiùireadh, ciamar a choimheadas e às dèidh eaglais Dhè?


Thoiribh feart dhur ceannardan agus bithibh umhail dhaibh, oir tha iadsan a' gabhail cùram dhur n‑anman oir bheir iad cunntas orra, airson 's gun tèid aca air sin a dhèanamh le aoibhneas 's chan ann le mulad; oir cha bhiodh seo gu sìon a bhuannachd dhuibh.


Cuiribh fàilte air ur ceannardan gu lèir 's air na naoimh gu lèir. Tha an fheadhainn às an Eadailt a' cur fàilte oirbh.


airson 's nach bi sibh leisg ach nur luchd‑leanmhainn orrasan a shealbhaicheas na geallaidhean tro chreideamh 's tro fhoighidinn.


Ma bhruidhneas neach sam bith, dèanadh e sin mar neach a tha ag aithris faclan Dhè, ma mhinistrealaicheas neach sam bith, dèanadh e sin leis an neart a bheir Dia dha, gus am bi Dia air a ghlòrachadh sa h‑uile nì tro Ìosa Crìosd, dha bheil a' ghlòir agus an cumhachd fad saoghal nan saoghal. Amen.


Bha mise, Eòin – ur bràthair a tha nam chom‑pàirtiche leibh ann an trioblaid is ann an rìoghachd agus ann an leanaltas ann an Ìosa – air an eilean ris an canar Patmos air sgàth facal Dhè agus teisteanas Chrìosd.


Agus chunnaic mi rìgh‑chathraichean agus shuidh iad orra agus chaidh breitheanas a thoirt dhaibh, agus chunnaic mi anman na feadhna on deach an cinn a thoirt airson teisteanas Ìosa agus air sgàth facal Dhè, agus iadsan nach do rinn adhradh dhan bhèist no dhan ìomhaigh aice agus nach d' fhuair an comharra air clàr am bathais 's air an làmhan, agus thàinig iad beò is rìoghaich iad còmhla ri Crìosd airson mìle bliadhna.


Agus nuair a dh'fhosgail e an còigeamh seula, chunnaic mi fon altair anman na feadhna a chaidh a mharbhadh airson facal Dhè 's airson an teisteanais a ghlèidh iad.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan