Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 13:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Mar sin, canaidh sinne le misneachd: “'S e an Tighearna m' fhear‑cuideachaidh; cha bhi eagal orm. Dè a nì duine orm?”

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Ionnas gum faod sinn a ràdh gu dàn, Is e an Tighearna m’fhear-cuideachaidh, agus chan eagal leam aon nì a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Ionnas gum faod sinn a ràdh gu dàn, Is e an Tighearna m’fhear‐cuideachaidh, agus chan eagal leam aon nì a dh’fhaodas duine a dhèanamh orm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 Air chor ʼs gum faod sinn a radh gu misneachail: Se an Tighearna mʼ fhear-cuideachaidh: cha ghabh mi eagal á ciod a ni duine orm.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 13:6
29 Iomraidhean Croise  

Agus na biodh eagal oirbh on fheadhainn a mharbhas an corp ach nach urrainn an t‑anam a mharbhadh. An àite sin, biodh eagal oirbh on Aon as urrainn an dà chuid an corp 's an t‑anam a sgrios ann an Ifrinn.


Dè mar sin a chanas sinn ri na rudan sin? Ma tha Dia air ar son, cò as urrainn a bhith nar n‑aghaidh?


anns a bheil dànachd is slighe chinnteach a‑steach againn tro chreideamh annsan.


Mar sin, a bhràithrean, on a tha dànachd againn gus a dhol a‑steach dhan àite naomh tro fhuil Ìosa,


Bu chòir dhuinn tighinn ma‑thà le dànachd gu rìgh‑chathair nan gràs, airson 's gun tèid tròcair a thoirt dhuinn agus gum faigh sinn gràs airson cuideachaidh tràthail.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan