Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 13:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Biodh urram aig na h‑uile dhan phòsadh agus chan eil an leabaidh‑pòsaidh ri bhith air a truailleadh, oir nì Dia breitheanas air luchd‑strìopachais agus luchd‑adhaltranais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Tha am pòsadh urramach anns na h‑uile, agus an leabaidh neo-shalach: ach air luchd-strìopachais agus adhaltranais bheir Dia breith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Tha am pòsadh urramach anns na h‑uile, agus an leabaidh neo‐shalach: ach air luchd‐strìopachais agus adhaltranais bheir Dia breith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

4 O! sgrìobh do lagh air clàr ar cridh, nar gnìomh sìor‑dheàlradh e! 'N sin ruigidh sinn, fo cheannsal Chrìosd, air seilbh an rìoghachd nèimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Tha am posadh urramach anns gach uile, agus an leaba neo-thruaillidh. Oir air luchd striopachais agus adhaltrais bheir Dia breth.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 13:4
33 Iomraidhean Croise  

Tha Dia a' toirt breith orrasan a th' air an taobh a‑muigh, “Cuiribh air falbh an duine olc o ur measg.”


Teichibh o fheise mhì‑mhoralta. Tha a h‑uile peacadh a nì neach air taobh a‑muigh a' chuirp, ach tha an neach a tha ri feise mhì‑mhoralta a' peacachadh an aghaidh a chuirp fhèin.


Nach aithne dhuibh nach sealbhaich na h‑eucoirich rìoghachd Dhè? Na bithibh air ur mealladh, cha shealbhaich luchd‑strìopachais, no luchd‑iodhal‑adhraidh, no luchd‑adhaltranais, no daoine boireannta no fir a tha ri fearas‑feise,


Mar sin tha esan a phòsas a mhaighdean a' dèanamh gu math, agus tha esan a tha a' seachnadh a phòsaidh a' dèanamh nas fheàrr.


Nach eil còir againn bean‑phòsta a thoirt leinn, mar a th' aig na h‑abstoil eile agus aig bràithrean an Tighearna agus Cèphas?


Oir feumaidh sinn uile nochdadh mu choinneamh cathair‑breitheanais Chrìosd, airson 's gum faod a h‑uile neach na tha e airidh air fhaighinn, airson na rinn e sa bhodhaig, ge b' e math no olc.


A‑nis tha gnìomhan na feòla follaiseach, is iad: adhaltranas, neòghlaine, feòlmhorachd,


farmad, misg, ruidhtearachd, agus rudan mar seo, mum bheil mi a' toirt rabhaidh dhuibh ro‑làimh, mar a thug mi rabhadh dhuibh roimhe, nach sealbhaich iadsan a tha a' dèanamh nan leithidean sin rìoghachd Dhè.


Oir tha fios agaibh air a seo, nach eil aig neach‑strìopachais sam bith, no aig neach‑neòghlan no aig neach‑sanntach (a tha na iodhal‑adhradair), oighreachd ann an rìoghachd Chrìosd is Dhè.


gun neach a bhith a' peacachadh 's a' gabhail brath air a bhràthair san nì seo, oir is e Aon a pheanasaicheas a th' anns an Tighearna, a thaobh nan rudan seo gu lèir, eadhon mar a thuirt sinn ribh roimhe 's air an tug sinn làn‑fhianais.


Biodh na deuconan nam fir de dh'aon bhean, a' stiùireadh an cuid chloinne gu math agus an dachaighean fhèin.


Feumaidh mar sin am fear‑coimhid a bhith os cionn adhbhar càinidh, fear de dh'aon bhean, measarra, ciallach, urramach, aoigheil, comasach air teagasg,


a' stiùireadh a thaigh fhèin gu math, a chlann aige ann an ùmhlachd, leis a h‑uile h‑iomchaidheachd.


a' toirmisg a' bhith a' pòsadh, 's ag iarraidh gum biodh biadhan air an seachnadh, rudan a chruthaich Dia airson an gabhail le taingealachd leothasan a tha a' creidsinn, agus leothasan dhan aithne an fhìrinn.


Bu mhiann leam mar sin gum pòsadh an fheadhainn òga, gun giùlaineadh iad clann, gun ruitheadh iad an dachaighean, gun a bhith a' toirt cothruim càinidh sam bith dhan nàmhaid.


Biodh a' leithid gun choire, fear aon bhean, a chuid chloinne creidmheach, saor o chasaid ana‑measarrachd no eas‑ùmhlachd.


air eagal 's gum bi neach‑striòpachais air choireigin no cuideigin eas‑creidmheach mar a bha Esau, a reic còir a' chiad‑bhreith airson grèim bìdh.


Air an taobh a‑muigh tha na coin, is luchd na buidseachd is luchd an strìopachais is na murtairean is luchd an iodhal‑adhraidh agus a h‑uile neach a tha a' gràdhachadh 's a' cleachdadh na brèige.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan