Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 13:21 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

21 gur coileanadh leis gach rud math airson a thoil a dhèanamh, ag obrachadh nar measg na tha taitneach fa chomhair‑san, tro Ìosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir fad saoghal nan saoghal. Amen.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 Sibhse coileanta anns gach uile dheagh obair, a‑chum sibh a dhèanamh a thoile-san, ag obrachadh annaibh an nì a tha taitneach na làthair-san, tre Iosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 Sibhse coileanta anns gach uile dheagh obair, a‑chum sibh a dhèanamh a thoile‐san, ag obrachadh annaibh an nì a tha taitneach na làthair‐san, tre Iosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

21 A dhʼ uidheamaicheas sibh gus a h-uile math, los gun dian sibh a thoil: e fhein a g-oibreachadh unnaibh na tha taitneach ʼna lathair tromh Iosa Criosta, dha bheil gloir fad linn nan linn, Amen.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 13:21
53 Iomraidhean Croise  

Oir ge b' e cò a nì toil m' Athar‑sa a th' air nèamh, 's e sin fhèin mo bhràthair agus mo phiuthar agus mo mhàthair.”


“Cò dhen dithis a rinn toil athar?” Thuirt iadsan, “A' chiad fhear.” Thuirt Ìosa riutha, “Gu fìrinneach, tha mise ag ràdh ribh, tha na cìs‑mhaoir agus na siùrsaichean a' dol a‑steach do rìoghachd Dhè romhaibhse.


a' teagasg dhaibh a bhith a' cumail a h‑uile rud a dh'àithn mise dhuibh. Agus seall, tha mise còmhla ribh an‑còmhnaidh, gu deireadh na linne.”


Agus na treòraich sinn a‑steach do bhuaireadh, ach saor sinn on olc.’


“Chan e a h‑uile neach a chanas riumsa, ‘A Thighearna, a Thighearna’ a thèid a‑steach do rìoghachd nèimh, ach an neach a nì toil m' Athar‑sa a th' air nèamh.


Mise anntasan, agus thusa annamsa, airson 's gun tigeadh iad gus a bhith nan aon gu coileanta, airson 's gun urrainn fios a bhith aig an t‑saoghal gun do chuir thusa a‑mach mi agus gun do ghràdhaich thu iadsan mar a ghràdhaich thu mise.


Ma tha neach sam bith ag iarraidh toil Dhè a dhèanamh, bidh fios aige mun teagasg, an ann o Dhia a tha e, no a bheil mise a' bruidhinn uam fhèin.


Oir is ann uaithesan is troimhesan is dhàsan a tha a h‑uile sìon. Dhàsan gu robh glòir gu sìorraidh. Amen.


do Dhia a tha a‑mhàin glic, gu robh glòir tro Ìosa Crìosd gu sìorraidh. Amen.


Agus tha Dia an comas air a h‑uile gràs a dhèanamh pailt dhuibh, airson 's – an‑còmhnaidh le gu leòr sa h‑uile sìon – gum bi pailteas agaibh airson gach deagh obrach.


dhàsan gun robh a' ghlòir gu saoghal nan saoghal. Amen.


Oir is sinne obair‑san, air ar cruthachadh ann an Crìosd Ìosa airson deagh obraichean, a dh'ullaich Dia ro‑làimh, airson 's gun coisicheamaid annta.


Oir troimhesan tha slighe a‑steach aig an dà chuid againn ann an aon Spiorad chun an Athar.


air ur lìonadh le toradh na fìreantachd a tha tro Ìosa Crìosd, gu glòir is cliù Dhè.


agus gun aidicheadh gach teanga gur e Ìosa Crìosd an Tighearna, gu glòir Dhè an t‑Athair.


oir is e Dia a tha ag obrachadh annaibh, an dà chuid airson rùnachadh 's airson obrachadh a rèir a dheagh thoil fhèin.


Is urrainn dhomh a h‑uile sìon a dhèanamh troimheasan a tha gam neartachadh.


Ach tha mise air a h‑uile sìon a shealbhachadh 's tha pailteas agam; chaidh mo lìonadh às dèidh dhomh faighinn – o Epaphrodìtus – na chuir sibhse thugam: fàileadh cùbhraidh, ìobairt iomchaidh, fìor thlachdmhor do Dhia.


Agus ge b' e dè a nì sibh, ann am facal no ann an gnìomh, dèanaibh iad uile ann an ainm an Tighearna Ìosa, a' toirt taing do Dhia an t‑Athair troimhesan.


A chlann, bithibh umhail dhur pàrantan sa h‑uile sìon, oir tha seo a' toileachadh an Tighearna.


Tha Epaphras – a tha dhib' fhèin – seirbheiseach Chrìosd, a' cur fàilte oirbh, an‑còmhnaidh a' strì gu dùrachdach na ùrnaighean air ur son, airson 's gun seas sibh coileanta is làn‑chinnteach ann an uile thoil Dhè.


gus an stèidhich e ur cridheachan gun choire ann an naomhachd mu choinneamh Dhè agus ar n‑Athar, aig tighinn ar Tighearna Ìosa, leis na naoimh aige gu lèir. Amen.


Oir is e seo toil Dhè, ur naomhachadh: gun seachnadh sibh strìopachas;


A‑nis gun dèanadh Dia na sìthe fhèin naomh sibh gu h‑iomlan agus gun gleidheadh e ur spiorad agus ur n‑anam slàn, agus ur cuirp gun choire, aig tighinn ar Tighearna Ìosa Crìosd.


misnicheadh e ur cridheachan agus stèidhicheadh e sinn sa h‑uile h‑obair is facal math.


A‑nis, do Rìgh nan linntean, neo‑bhàsmhor, neo‑fhaicsinneach, an t‑aon Dia, gu robh urram agus glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.


tè aig a bheil teisteanas airson deagh obraichean, ma thog i clann, ma thug i aoigheachd, ma nigh i casan nan naomh, ma thug i cuideachadh dhaibhsan a bh' ann an trioblaid, ma thug i i fhèin do gach deagh obair.


a tha a‑mhàin neo‑bhàsmhor, a tha a' còmhnaidh ann an solas neo‑ruigsinneach, esan nach fhaca neach sam bith o mheasg dhaoine, 's nach motha is urrainn dhaibh fhaicinn; gu robh urram is cumhachd sìorraidh aige. Amen.


airson 's gum biodh duine Dhè air a dheisealachadh, 's e air uidheamachadh airson gach deagh obair.


Saoraidh an Tighearna mi on a h‑uile h‑obair olc agus sàbhalaidh e mi airson a rìoghachd nèamhaidh. Dhàsan gu robh glòir gu saoghal nan saoghal. Amen.


Oir tha feum agaibh air fulangas airson duais ur geallaidh fhaighinn às dèidh toil Dhè a dhèanamh.


agus cruinneachadh nan ciad‑ghin air an clàradh ann an nèamh, agus Dia, Britheamh nan uile, agus spioradan nam fìrean air an dèanamh foirfe,


Mar sin, on a tha sinn a' faighinn rìoghachd nach gabh crathadh, cumamaid grèim air gràs, airson 's gun tèid againn, troimhe, air adhradh taitneach a thairgsinn do Dhia le urram is eagal.


Na dìochuimhnichibh math agus co‑roinn a dhèanamh, oir tha Dia fìor thoilichte le ìobairtean mar seo.


agus tha sib' fhèin mar chlachan bheò, gur togail suas mar thaigh spioradail gu bhith nur sagartachd naomh, a thairgeas suas ìobairtean spioradail, tlachdmhor do Dhia, tro Ìosa Crìosd.


airson 's nach bi sibh beò nas motha san ùine a th' air fhàgail ann an ana‑miannan dhaoine, ach ann an toil Dhè.


Ach fàsaibh ann an gràs is eòlas ar Tighearna 's ar Slànaigheir Ìosa Crìosd. Dhàsan gu robh glòir, a‑nis agus gu sìorraidh. Amen.


Agus tha an saoghal a' dol seachad, 's a chuid ana‑miann; ach mairidh am fear a nì toil Dhè gu sìorraidh.


agus rud sam bith a dh'iarras sinn uaithe‑san tha sinn a' faighinn, oir tha sinn a' cumail àithntean agus a' dèanamh na thoilicheas esan.


an aon Dia, ar Slànaighear, tro Ìosa Crìosd ar Tighearna – gu robh glòir, mòralachd, cumhachd is ùghdarras, ro na linntean, agus a‑nis, agus gu sìorraidh! Amen.


Agus mu choinneamh na rìgh‑chathrach, bha, mar gum biodh, muir ghlainne, mar chriostal. Agus ann am meadhan na rìgh‑chathrach, agus mu chuairt na rìgh‑chathrach bha ceithir creutairean beòtha, làn shùilean – air am beulaibh 's air an cùlaibh.


Agus a h‑uile creutair a th' air nèamh 's air an talamh agus fon talamh 's air a' mhuir agus a h‑uile nì a th' annta, chuala mi iad ag ràdh: “Dhàsan a tha na shuidhe air an rìgh‑chathair agus dhan Uan gu robh am moladh 's an t‑urram agus a' ghlòir 's an tighearnas gu saoghal nan saoghal.”


Agus sheinn iad òran ùr, ag ràdh: “Is airidh thusa air an rolla a ghabhail agus air a sheulachan fhosgladh, oir chaidh do mharbhadh agus cheannaich thu daoine do Dhia led fhuil, às gach treubh is teanga is sluagh is nàisean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan