Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 13:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 'S na dèanaibh dearmad air aoigheachd, oir le seo, gun fhios dhaibh, thug feadhainn aoigheachd do dh'ainglean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Na dearmadaibh aoidheachd a thoirt do choigrich; oir le seo thug dream àraidh aoidheachd do ainglean gun fhios dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Na dearmadaibh aoigheachd a thoirt do choigrich; oir le seo thug dream àraidh aoigheachd do ainglean gun fhios dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

2 On ùir thog thu ar Triath an‑àird, gun spàirn o chuibhreich bàis; Mar sin le fhuil is aiseirigh, shìor naisg e 'n cùmhnant gràis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 ʼS na diochuimhnichibh aoidheachd: oir, gun fhios daibh, rinn cuid leatha so fialachd ri ainglean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 13:2
21 Iomraidhean Croise  

Oir bha mi acrach, agus thug sibh biadh dhomh; bha mi pàiteach agus thug sibh deoch dhomh; bha mi nam choigreach agus chuir sibh fàilte orm;


“Agus freagraidh an Rìgh iad, ‘Gu deimhinn, tha mi ag ràdh ribh, chun na h‑ìre a rinn sibh e do dh'aon dhe na bràithrean as lugha agamsa, rinn sibh dhòmhsa e.’


bha mi nam choigreach agus cha do chuir sibh fàilte orm; rùisgte agus cha do chuir sibh aodach orm; tinn agus ann am prìosan agus cha tàinig sibh a choimhead orm.’


Agus às dèidh dhi a bhith air a baisteadh, agus a teaghlach cuideachd, chuir i ìmpidh oirnn, ag ràdh, “Ma tha sibh air mo mheas dìleas dhan Tighearna, thigibh a‑steach dham thaigh is fuirichibh.” Agus thug i oirnn.


Cuidichibh le feumalachdan nan naomh agus thoiribh aoigheachd.


Tha Gaius, a tha a' toirt aoigheachd dhòmhsa 's dhan eaglais gu lèir, a' cur fàilte oirbh. Tha Erastus, stiùbhard a' bhaile, agus Cuartus, am bràthair, a' cur fàilte oirbh.


Feumaidh mar sin am fear‑coimhid a bhith os cionn adhbhar càinidh, fear de dh'aon bhean, measarra, ciallach, urramach, aoigheil, comasach air teagasg,


tè aig a bheil teisteanas airson deagh obraichean, ma thog i clann, ma thug i aoigheachd, ma nigh i casan nan naomh, ma thug i cuideachadh dhaibhsan a bh' ann an trioblaid, ma thug i i fhèin do gach deagh obair.


ach aoigheil, dèidheil air a' mhath, measarra, ceart, naomh, stuama.


Bithibh aoigheil dha chèile gun ghearain.


Fhir ghràdhaichte, tha thu a' dèanamh gu dìleas na nì thu airson nam bràithrean agus airson nan coigreach,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan