Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 13:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Na dìochuimhnichibh math agus co‑roinn a dhèanamh, oir tha Dia fìor thoilichte le ìobairtean mar seo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Ach na dìochuimhnichibh math a dhèanamh, agus co‑roinn a thoirt uaibh: oir tha an leithidean sin de ìobairtean taitneach do Dhia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Ach na dìochuimhnichibh math a dhèanamh, agus co‑roinn a thoirt uaibh: oir tha an leithidean sin de ìobairtean taitneach do Dhia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Ach na diochuimhnichibh math a dhianamh, us buileachadh air a cheile: oir le iobairtean mar so coisnear deagh thoil Dhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 13:16
22 Iomraidhean Croise  

Nuair a chuala Ìosa seo, thuirt e ris, “Tha aon rud fhathast a dhìth ort. Reic a h‑uile rud a th' agad agus dèan roinn air am measg nam bochdan agus bidh ionmhas agad ann an nèamh, agus trobhad 's lean mise.”


mar a dh'ung Dia Ìosa o Nàsaret leis an Spiorad Naomh is le cumhachd, agus mar a chaidh e mun cuairt a' dèanamh maith agus gan slànachadh‑san uile a bh' air an claoidh leis an diabhal, oir bha Dia còmhla ris.


A‑nis ann an Iopa bha bana‑dheisciobal dham b' ainm Tabita, a tha, air eadar‑theangachadh, a' ciallachadh Dorcas. Bha ise làn de dheagh obraichean is de ghnìomhan carthannais a bha i a' dèanamh gun sgur.


Cuidichibh le feumalachdan nan naomh agus thoiribh aoigheachd.


Mar sin, fhad 's a tha an cothrom againn, dèanamaid math dhan a h‑uile duine, agus gu h‑àraidh dhaibhsan a tha de theaghlach a' chreideimh.


Agus dèanadh gach neach a th' air a theagasg san fhacal, co‑roinn leis an neach a tha ga theagasg, sa h‑uile rud math.


Esan a tha a' goid, na goideadh e tuilleadh, ach an àite sin dèanadh e saothair, ag obrachadh an rud a tha math le a làmhan, airson 's gum bi rud aige ri bhuileachadh air an neach air a bheil dìth.


A dh'aindeoin sin, is math a rinn sibh compàirteachadh leam nam thrioblaid.


Ach tha mise air a h‑uile sìon a shealbhachadh 's tha pailteas agam; chaidh mo lìonadh às dèidh dhomh faighinn – o Epaphrodìtus – na chuir sibhse thugam: fàileadh cùbhraidh, ìobairt iomchaidh, fìor thlachdmhor do Dhia.


Bithibh faiceallach nach pàigh sibh air ais peacadh airson peacaidh do neach sam bith, ach iarraibh an‑còmhnaidh am math, an dà chuid do chàch‑a‑chèile 's dha na h‑uile.


Ach sibhse a bhràithrean, na caillibh ur misneachd ann a bhith a' dèanamh maith.


gus math a dhèanamh, gus a bhith pailt ann an obraichean mhatha, gus a bhith fialaidh, deiseil gu bhith a' compàirteachadh.


airson 's gum bi co‑chomann do chreideimh èifeachdach ann a bhith ag aideachadh a h‑uile rud math a th' againn ann an Crìosd.


Oir chan eil Dia cho neo‑fhìreanta 's gun dìochuimhnicheadh e ur saothair agus an gràdh a sheall sibh dha ainm, mar a rinn sibh frithealadh agus mar a tha sibh fhathast a' frithealadh dha na naoimh.


Fhir ghràdhaichte, na dèan atharrais air na tha olc, ach air na tha math. Tha esan a tha a' dèanamh maith o Dhia; chan fhaca esan a tha a' dèanamh an uilc Dia.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan