Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 12:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Agus tha sibh air an iarrtas a th' air a dhèanamh oirbh mar a mhic‑san a dìochuimhneachadh: “A mhic, na cuir suarach smachd an Tighearna, agus na lagaich nuair a smachdaicheas e thu,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Agus dhìochuimhnich sibh an earail a tha a’ labhairt ribh mar ri cloinn, A mhic, na cuir suarach smachdachadh an Tighearna, agus na fannaich nuair a chronaichear leis thu:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Agus dhìochuimhnich sibh an earail a tha a’ labhairt ribh mar ri cloinn, A mhic, na cuir suarach smachdachadh an Tighearna, agus na fannaich nuair a chronaichear leis thu:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

5 Ma ghiùlain Crìosd gu foighidneach droch chainnt is fanaid sluaigh, 'N ion duine, 'n nuair ar sàrachaidh, bhith gearan cràidh no truaigh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Oir leig sibh an diochuimhne an toil-inntinn, a tha labhairt ribh mar ri cloinn, a g-radh: A mhic, na leig á faire oilean an Tighearna; ʼs na gabh sgios nuair a chronaichear thu leis.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 12:5
33 Iomraidhean Croise  

Chan eil e an seo, ach tha e air èirigh! Cuimhnichibh mar a thuirt e ribh fhad 's a bha e fhathast ann an Galile:


Agus chuimhnich iad air na faclan aige.


Ach nuair a thèid breith a thoirt oirnn leis an Tighearna, tha sinn air ar smachdachadh airson 's nach bi sinn air ar dìteadh cuide ris an t‑saoghal.


Agus na cailleamaid misneachd a thaobh math a dhèanamh, oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura gèill sinn.


dhem bheil Himenèaus agus Alecsander – a thug mi thairis do Shàtan, gus am biodh iad air an teagasg gun a bhith ri toibheum.


Ma dh'fhuilingeas sibh smachdachadh, tha Dia a' dèiligeadh ribh mar ri mic. Oir cò am mac nach fhaigh smachdachadh o athair fhèin?


Tha mi a' guidhe oirbh, a bhràithrean, gum fulaing sibh mo bhrath earalachaidh, oir sgrìobh mi gu goirid thugaibh.


Is beannaichte an duine a dh'fhuilingeas buaireadh, oir air a dhearbhadh, gheibh e crùn na beatha, a gheall Dia dhan fheadhainn aig a bheil gràdh dha.


Iadsan uile dha bheil gràdh agam, ceartaichidh mi agus smachdaichidh mi; bi eudmhor mar sin agus dèan aithreachas.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan