Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 12:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Thuige seo, cha do dh'fhuiling sibh gu ìre dòrtadh fala nur strì an aghaidh pheacaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Cha do sheas sibh fhathast gu fuil, a’ cathachadh an aghaidh peacaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Cha do sheas sibh fhathast gu fuil, a’ cathachadh an aghaidh peacaidh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

4 Rir Ceannard, suas sìor‑dhearcamaid, neach, airson aoibhneis mhòir Bha roimhe, dh'fhuiling ceusadh 's nàir 's an tràth s' tha riaghladh 'n glòir.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Oir cha do chath sibh fhathast gu fuil, a stri an aghaidh a pheacaidh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 12:4
12 Iomraidhean Croise  

“An uair sin bheir iad thairis sibh gu àmhghar agus cuiridh iad gu bàs sibh, agus bidh fuath aig a h‑uile nàisean dhuibh air sgàth m' ainme‑sa.


Chan eil buaireadh sam bith air breith oirbh nach eil cumanta dhan duine. Tha Dia dìleas, agus cha leig e leibh a bhith air ur buaireadh thar ur comais, ach leis a' bhuaireadh bheir e cuideachd slighe airson teicheadh, airson 's gum faod sibh a bhith an comas fhulang.


Agus air fhaighinn ann an cruth duine, dh'irioslaich e e fhèin, le bhith a' fàs umhail gu bàs – eadhon bàs a' chroinn‑ceusaidh.


a' coimhead air Ìosa, ceannard is fear‑crìochnachaidh ar creideimh, esan a dh'fhuiling an crann‑ceusaidh airson an aoibhneis a bha roimhe, a' dèanamh dìmeas air a nàire agus a shuidh air deas‑làimh rìgh‑chathair Dhè.


Air an adhbhar seo, rachamaid a‑mach thuigesan air taobh a‑muigh a' champa, a' giùlain a mhaslaidh‑san.


Agus bhuadhaich iad thairis air, tro fhuil an Uain, agus tro fhacal am fianais‑san, agus cha do ghràdhaich iad am beatha fhèin, eadhon gu bàs.


Agus chunnaic mi am boireannach air mhisg le fuil nan naomh agus le fuil luchd‑fianais Ìosa. Agus nuair a chunnaic mi i, bha iongnadh mòr orm.


Agus sa bhaile chaidh fuil nam fàidh 's nan naomh a lorg agus fuil na feadhna gu lèir a chaidh a mharbhadh air an talamh.”


Tha fios agam càit a bheil thu a' fuireach, far a bheil rìgh‑chathair Shàtain, agus tha thu a' cumail grèim daingeann air m' ainm, agus cha do dh'àich thu mo chreideamh, eadhon ann an làithean Antipais m' fhianais dhìleas, a chaidh a mharbhadh nur measg, far a bheil Sàtan a' fuireach.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan