Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 12:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Mar sin, thugaibh fa‑near esan a dh'fhuiling a' leithid de nàimhdeas na aghaidh o pheacaich, airson 's nach bi sibh air ur mì‑mhisneachadh no a' toirt thairis nur n‑inntinnean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Uime sin thugaibh fa‑near esan a dh’fhuiling a shamhail sin de ana-cainnt o pheacaich na aghaidh fhèin, air eagal gum bi sibh sgìth agus lag nur n‑inntinnean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Uime sin thugaibh fa‑near esan a dh’fhuiling a shamhail sin de ana‐cainnt o pheacaich na aghaidh fhèin, air eagal gum bi sibh sgìth agus lag nur n‑inntinnean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

3 Ach riaghailt‑stiùiridh 's fheàrr na seo, 's ion thoirt fa‑near air tùs; Eisimpleir Ìos' a stiùireas sinn, tre chreideamh chum ar crùin.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Oir meòraichibh gu dichiollach air-san, a dhʼ fhuilig a leithid so de dhiachuinn bho pheacaich ʼna aghaidh fhein; chum nach gabh sibhse sgios, a fannachadh ʼnur n-inntinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 12:3
46 Iomraidhean Croise  

Thàinig Mac an Duine ag ithe 's ag òl, agus thuirt iad, ‘Seall, craosaire agus drungaire, caraid chìs‑mhaor is pheacach.’ Ach tha gliocas air a fìreanachadh le a gnìomhan.”


Ach nuair a chuala na Pharasaich seo, thuirt iad, “Chan eil am fear seo a' tilgeil a‑mach dheamhan ach tro Bheelsebul, uachdaran nan deamhan.”


“Carson a bhios do dheisciobail a' briseadh dualchas nan èildear? Oir cha bhi iad a' nighe an làmhan nuair a dh'itheas iad aran.”


Agus nuair a chaidh Ìosa a‑steach dhan teampall, thàinig na h‑àrd‑shagartan agus èildearan an t‑sluaigh thuige fhad 's a bha e a' teagasg, ag ràdh, “Dè an t‑ùghdarras a th' agad airson nan rudan seo a dhèanamh? Agus cò a thug dhut an t‑ùghdarras seo?”


Agus bha iad a' sireadh cothrom a chur an greim ach bha eagal an t‑sluaigh orra, oir bha iadsan a' meas gum b' e fàidh a bh' ann.


An uair sin dh'fhalbh na Pharasaich agus ghabh iad comhairle còmhla a thaobh ciamar a dh'fhaodadh iad esan a ghlacadh na chainnt.


Agus thachair, nuair a bha Ìosa a' dol chun an taighe aig aon de riaghladairean nam Pharasach air an t‑Sàbaid a dh'ithe arain, gun robh iad a' dèanamh geur‑fhaire air.


Agus bha na Pharasaich is na sgrìobhaichean a' gearain, ag ràdh, “Tha am fear seo a' cur fàilte air peacaich agus ag ithe còmhla riutha.”


Chuala na Pharasaich, aig an robh gràdh air airgead, na rudan sin uile, agus rinn iad magadh air.


Agus bheannaich Simeon iad, agus thuirt e ri Moire a mhàthair, “Seall, chaidh am pàiste seo a shuidheachadh airson tuiteam is èirigh mhòran ann an Israel, agus na chomharra a thèid cur na aghaidh


Agus thòisich na sgrìobhaichean agus na Pharasaich air reusanachadh, ag ràdh, “Cò e seo a tha a' bruidhinn gu toibheumach? Cò a dh'fhaodas peacaidhean a mhathadh ach Dia a‑mhàin?”


Thuirt mòran dhiubh, “Tha deamhan ann agus tha e às a rian. Carson a tha sibh ag èisteachd ris?”


Nuair a bha e air na rudan seo a ràdh, bhuail aon dhe na seirbheisich, a bha na sheasamh faisg air làimh, Ìosa anns an aghaidh, ag ràdh, “An ann mar seo a fhreagras tu an t‑àrd‑shagart?”


Air an adhbhar seo rinn na h‑Iùdhaich geur‑leanmhainn air Ìosa, oir bha e a' dèanamh nan rudan seo air an t‑Sàbaid.


Agus bha tòrr borbhain ma dheidhinn a' dol am measg an t‑sluaigh. Thuirt cuid, “Is e duine math a th' ann.” Thuirt feadhainn eile, “Chan e, tha e a' mealladh an t‑sluaigh.”


Thuirt na Pharasaich ris, “Tha thu a' toirt fianais mud dheidhinn fhèin; chan eil d' fhianais fìor.”


An uair sin thuirt na h‑Iùdhaich ris, “A‑nis tha fios againn gu bheil deamhan annad. Fhuair Abrahàm bàs, fhuair agus na fàidhean, ach tha thusa ag ràdh, ‘Ma chumas neach m' fhacal‑sa, cha bhlais e bàs gu bràth.’


Mar sin thog iadsan clachan airson an tilgeil air Ìosa, ach dh'fhalaich e e fhèin agus chaidh e a‑mach às an teampall.


Chuala cuid dhe na Pharasaich a bha còmhla ris na rudan seo agus thuirt iad ris, “A bheil sinne cuideachd dall?”


Mar sin, mo bhràithrean gràdhaichte, bithibh daingeann, neo‑ghluasadach, an‑còmhnaidh a' meudachadh ann an obair an Tighearna, is fios agaibh nach eil ur saothair dìomhain san Tighearna.


Mar sin, bhon a tha a' mhinistrealachd seo againn tro thròcair Dhè, chan eil sinn a' call misneachd.


Mar sin chan eil sinn a' call misneachd, ach ged a tha ar duine a th' air an taobh a‑muigh a' crìonadh, tha ar nàdar a th' air an taobh a‑staigh ga ath‑nuadhachadh latha 'n dèidh latha.


Agus na cailleamaid misneachd a thaobh math a dhèanamh, oir ann an àm iomchaidh buainidh sinn, mura gèill sinn.


Ach sibhse a bhràithrean, na caillibh ur misneachd ann a bhith a' dèanamh maith.


a' coimhead air Ìosa, ceannard is fear‑crìochnachaidh ar creideimh, esan a dh'fhuiling an crann‑ceusaidh airson an aoibhneis a bha roimhe, a' dèanamh dìmeas air a nàire agus a shuidh air deas‑làimh rìgh‑chathair Dhè.


Agus tha sibh air an iarrtas a th' air a dhèanamh oirbh mar a mhic‑san a dìochuimhneachadh: “A mhic, na cuir suarach smachd an Tighearna, agus na lagaich nuair a smachdaicheas e thu,


Mar sin, a bhràithrean naomha, aig a bheil compàirt sa ghairm nèamhaidh, thugaibh fa‑near an t‑abstol agus àrd‑shagart ar n‑aideachaidh, Ìosa.


Nuair a chaidh droch‑bheul a thoirt dha cha tug e droch‑bheul air ais; nuair a dh'fhuiling e cha do bhagair e, ach thug e e fhèin thairis dhàsan a tha a' toirt breith gu fìreanta.


Agus tha thu leanailteach agus dh'fhuiling thu air sgàth m' ainme‑sa, agus cha do dh'fhàs thu sgìth.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan