Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 12:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 a' coimhead air Ìosa, ceannard is fear‑crìochnachaidh ar creideimh, esan a dh'fhuiling an crann‑ceusaidh airson an aoibhneis a bha roimhe, a' dèanamh dìmeas air a nàire agus a shuidh air deas‑làimh rìgh‑chathair Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear-crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann-ceusaidh, a’ cur na nàire an neo-shuim, agus a shuidh air deis rìgh-chathair Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Ag amharc air Iosa, ceannard agus fear‐crìochnachaidh ar creidimh, neach airson an aoibhneis a chuireadh roimhe, a dh’fhuiling an crann‐ceusaidh, a’ cur na nàire an neo‐shuim, agus a shuidh air deis rìgh‐chathair Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

2 Air lorg nan naomh seo ruitheamaid, chum Chrìosd, le foighid bhuain; Gach leth‑trom 's peacadh leanailteach grad‑thilgeamaid fad uainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 A coimhead air Iosa, ughdair us fear-criochnachaidh a chreidimh, a dhʼ fhuilig a cheusadh air sgàth an t-sòlais a chuireadh roimhe, a dianamh diù de mhasladh, ʼsa tha nis ʼna shuidhe air deas laimh cathair Dhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 12:2
78 Iomraidhean Croise  

On àm sin thòisich Ìosa air sealltainn dha dheisciobail gum feumadh esan a dhol gu Ierusalem agus mòran rudan fhulang o na h‑èildearan, o na h‑àrd‑shagartan is o na sgrìobhaichean, agus a bhith air a chur gu bàs, agus air an treas latha a bhith air a thogail suas.


dìreach san dòigh anns nach tàinig Mac an Duine airson 's gun deigheadh frithealadh a dhèanamh dha, ach a dhèanamh frithealaidh, agus airson a bheatha fhèin a thoirt mar èirig airson mhòran.”


Agus thuirt e, “Abba, Athair, tha gach rud an comas dhutsa. Thoir an cupa seo air falbh uam. Ach chan e na 's toigh leamsa, ach na 's toigh leatsa.”


Agus chaidh an sgriobtar a choileanadh a thuirt, “Agus bha e air àireamh am measg nan ciontach.”


Mar sin an uair sin, às dèidh dhan Tighearna Ìosa bruidhinn riutha, chaidh a thoirt suas gu nèamh agus shuidh e air deas‑làimh Dhè.


Agus thuirt esan riutha, “Tha Eliah a' tighinn an toiseach airson a h‑uile rud aiseag; ach ciamar a tha e sgrìobhte mu Mhac an Duine, gu bheil e a' dol a dh'fhulang tòrr rudan agus gu bhith air a chur ann an dìmeas?


Sa bhad dh'èigh athair an leanaibh, “Tha mi a' creidsinn, cuidich thusa lem eas‑creideamh!”


Thuirt na h‑abstoil ris an Tighearna, “Meudaich ar creideamh!”


An uair sin chuir Herod agus a shaighdearan ann an suarachas e agus rinn iad magadh air. Agus às dèidh a sgeadachadh ann an aodach àlainn, chuir e air ais gu Pìlat e.


Nach fheumadh Crìosd na rudan seo fhulang, agus a dhol a‑steach dha ghlòir?”


Air an ath latha chunnaic Eòin Ìosa a' tighinn thuige agus thuirt e, “Seallaibh, Uan Dhè, a tha a' toirt air falbh peacadh an t‑saoghail!


Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, mura tuit gràinne cruithneachd dhan talamh agus gum bàsaich i, fanaidh i na h‑aonar, ach ma bhàsaicheas i, bheir i a‑mach toradh mòr.


Agus mise, nuair a bhios mi air mo thogail suas on talamh, tàirngidh mi na h‑uile thugam.”


Bha fios aig Ìosa gun tug an t‑Athair a h‑uile rud dha na làmhan, agus gur ann o Dhia a thàinig e, agus gur ann gu Dia a bha e a' dol.


Oir is i seo toil m' Athar, gum biodh a' bheatha shìorraidh aig gach neach a choimheadas ris a' Mhac agus a chreideas ann, agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach.”


Rinn Abrahàm ur n‑athair‑se aoibhneas gum faiceadh e mo latha‑sa; chunnaic e e, agus bha e aoibhneach.”


“Mar sin biodh fios cinnteach aig taigh Israeil gu lèir gun do rinn Dia an dà chuid, na Thighearna agus na Chrìosd, an t‑Ìosa seo a cheus sibhse.”


agus mharbh sibh Ùghdar na Beatha, a thog Dia o na mairbh; air a bheil sinne nar fianaisean.


Dh'àrdaich Dia esan aig a dheas‑làimh na Phrionnsa 's na Shlànaighear, airson aithreachas a thoirt do dh'Israel, agus mathanas pheacaidhean.


Mar sin dh'fhàg iadsan làthaireachd na Comhairle, a' dèanamh gàirdeachais a chionn 's gun deach an cunntadh airidh air eas‑urram fhulang airson an ainm.


Oir tha facal a' chroinn‑ceusaidh na amaideachd dhaibhsan a tha a' dol às an rathad, ach dhuinne a tha gar sàbhaladh, 's e cumhachd Dhè a th' ann.


ach tha sinne a' searmonachadh Chrìosd air a cheusadh, dha na h‑Iùdhaich na cheap‑tuislidh, agus dha na Cinnich na amaideachd,


agus gun dèanadh e an dà chuid rèidh ri Dia ann an aon chorp tro a chrann‑ceusaidh, mar sin a' cur às dhan nàimhdeas.


agus coisichibh ann an gràdh, mar a ghràdhaich Crìosd sinne cuideachd 's a thug esan e fhèin air ar son, na thabhartas is na ìobairt chùbhraidh do Dhia.


Oir tha mi cinnteach às an nì seo fhèin, esan a thòisich deagh obair annaibh, gun coilean e i gu latha Ìosa Crìosd.


Oir tha an t‑saoranas againne air nèamh, om bheil dùil againn cuideachd ri Slànaighear, an Tighearna Ìosa Crìosd;


Mu dheireadh tha crùn fìreantachd air a thasgadh suas dhomh, a bheir an Tighearna, am breitheamh fìreanta, dhomh san latha sin agus chan ann a‑mhàin dhòmhsa ach cuideachd dhaibhsan uile a ghràdhaich a thighinn‑san.


Ach cò dhe na h‑ainglean ris an tuirt e riamh: “Suidh air mo dheas‑làimh gus an suidhich mi do nàimhdean nan stòl airson do chasan”?


Is esan deàrrsadh a ghlòir‑san agus fìor ìomhaigh a shusbaint, a' cumail suas a h‑uile sìon le facal a chumhachd, às dèidh dha peacaidhean a ghlanadh air falbh, shuidh e air deas‑làimh na mòrachd sna h‑àrdan.


Oir le aon ìobairt, rinn e foirfe gu sìorraidh iadsan a th' air an naomhachadh.


uaireannan le bhith a' dol tro mhaslaidhean is thrioblaidean gu poblach agus uaireannan eile le bhith nur companaich dhaibhsan ris an deach dèiligeadh san dòigh sin.


Dh'fhuiling feadhainn eile cuideachd fanaidean is sgiùrsaidhean, agus fiù 's ceanglaichean is prìosanachadh.


Mar sin, thugaibh fa‑near esan a dh'fhuiling a' leithid de nàimhdeas na aghaidh o pheacaich, airson 's nach bi sibh air ur mì‑mhisneachadh no a' toirt thairis nur n‑inntinnean.


Air an adhbhar seo, rachamaid a‑mach thuigesan air taobh a‑muigh a' champa, a' giùlain a mhaslaidh‑san.


Agus air a dhèanamh foirfe, chaidh a dhèanamh dhaibhsan uile a bheir ùmhlachd dha, na adhbhar sàbhalaidh sìorraidh,


(oir cha tug an lagh sìon gu foirfeachd), ach air an làimh eile tha dòchas nas fheàrr air a thoirt a‑steach, tron tig sinn nas dlùithe do Dhia.


A‑nis, 's e seo geàrr‑chunntas dhe na chaidh a ràdh: tha an seòrsa seo de dh'àrd‑shagart againn; shuidh e sìos air deas‑làimh rìgh‑chathair na mòrachd anns na nèamhan,


mar sin cuideachd chaidh Crìosd a thairgsinn suas aon uair gus peacaidhean mhòrain a thoirt air falbh agus bidh e air fhaicinn an dara h‑uair gun pheacadh leothasan a tha ga fheitheamh airson sàbhalaidh.


Mo bhràithrean, na bithibh ri leth‑bhreith ach biodh creideamh agaibh nar Tighearna glòrmhor, Ìosa Crìosd.


A' sireadh gu dè an neach no dè an t‑àm a bha Spiorad Chrìosd a bh' annta a' foillseachadh dhaibh, a' dèanamh fàisneachd air fulangasan Chrìosd agus na glòirean a leanadh.


Oir dh'fhuiling Crìosd cuideachd aon uair airson pheacaidhean, fìrean airson nan neo‑fhìrean, airson 's gun toireadh e sibhse gu Dia, às dèidh a bhith air a chur gu bàs san fheòil ach air a dhèanamh beò san Spiorad;


a tha aig deas làimh Dhè, às dèidh dha a dhol do nèamh, 's e air ainglean is ùghdarrasan is cumhachdan a chur fo smachd.


cumaibh sib' fhèin ann an gràdh Dhè, a' feitheamh air tròcair ar Tighearna Ìosa Crìosd – gu beatha shìorraidh.


ag ràdh, “Na chì thu, sgrìobh ann an rolla, agus cuir gu na seachd eaglaisean e, gu Ephesus agus gu Smirna agus gu Pergamos agus gu Tiatìra agus gu Sardis agus gu Philadelphia agus gu Laodicèa.”


Agus nuair a chunnaic mi e, thuit mi aig a chasan mar dhuine marbh. Agus chuir e a làmh dheas orm ag ràdh, “Na biodh eagal ort! Is mise a' chiad neach 's an neach mu dheireadh,


“Is mise an t‑Alpha agus an t‑Omega,” tha an Tighearna Dia ag ràdh, “a tha agus a bha agus a tha a' tighinn, an t‑Uile‑Chumhachdach.”


“Agus gu aingeal na h‑eaglaise ann an Smirna, sgrìobh: Seo na rudan a tha e ag ràdh, a' chiad neach 's an neach mu dheireadh, a bha marbh agus a tha beò:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan