Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 11:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Tro chreideamh, nuair a chaidh Abrahàm a ghairm gus falbh a‑mach gu àite a bha e dol a dh'fhaighinn mar oighreachd, rinn e ùmhlachd agus dh'fhalbh e a‑mach gun fhios aige càit a robh e a' dol.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Tre chreideamh, nuair a ghairmeadh Abrahàm gu dol a‑mach do ionad a bha e gu fhaotainn an dèidh sin mar oighreachd, fhreagair e; agus dh’imich e a‑mach gun fhios a bhith aige càit an robh e a’ dol.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Le creideamh bha esan, ris an abrar Abraham, umhailt gu falbh do aite, a bha e dol a dhʼ fhaighinn mar oighreachd; us dhʼ fhalbh e gun fhios càite an robh e dol.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 11:8
32 Iomraidhean Croise  

Mar sin dh'èirich esan agus thug e leis an leanabh 's a mhàthair, agus chaidh e gu tìr Israeil.


Troimhesan fhuair sinne gràs is abstolachd gus ùmhlachd a' chreideimh a thoirt gu bith am measg nan nàiseanan gu lèir air sgàth ainm‑san.


Ach cha robh iad uile umhail dhan t‑soisgeul. Oir tha Isaiah ag ràdh, “A Thighearna, cò a chreid ar teachdaireachd?”


Ach taing do Dhia gu bheil sibhse a bha aon uair nar tràillean dhan pheacadh a‑nis umhail on chridhe, dhan deach an riochd‑teagaisg seo a thoirt,


Tha sinn a' sgrios argamaidean 's a h‑uile rud àrd a th' air a thogail suas an aghaidh eòlas Dhè, agus a' toirt am braighdeanas a h‑uile smuain gu ùmhlachd Chrìosd,


feadhainn, tro chreideamh, a cheannsaich rìoghachdan, a chuir ceartas an gnìomh, a fhuair geallaidhean, a dhùin beòil leòmhan,


Agus air a dhèanamh foirfe, chaidh a dhèanamh dhaibhsan uile a bheir ùmhlachd dha, na adhbhar sàbhalaidh sìorraidh,


A‑nis a chionn 's gun do ghlan sibh ur n‑anman tro ùmhlachd dhan fhìrinn airson gràidh neo‑chealgach dha na bràithrean, gràdhaichibh a chèile dha‑rìribh, à cridhe glan.


San aon dòigh, a mhnathan‑phòsta, bithibh umhail dhur fir‑pòsta fhèin, airson 's, eadhon ma tha fir‑pòsta sam bith eas‑umhail dhan fhacal, gum bi iad air am buannachadh, gun fhacal, tro dhòigh‑beatha nam mnathan‑phòsta aca,


Oir thàinig an t‑àm airson breitheanas tòiseachadh aig taigh Dhè, agus ma thòisicheas e againne, dè a' chrìoch a bhios ann dhaibhsan a tha eas‑umhail do shoisgeul Dhè?


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan