Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 11:6 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

6 Gun chreideamh, tha e do‑dhèanta a thoileachadh; oir feumaidh an neach a thig thuige creidsinn gu bheil e ann, agus gun toir e duais dhaibhsan a shireas e gu dìcheallach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

6 Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

6 Ach as eugmhais creidimh chan eil e comasach a thoileachadh: oir is èiginn don tì a thig a dh’ionnsaigh Dhè a chreidsinn gu bheil e ann, agus gur e an Tì e a bheir duais don dream a dh’iarras e gu dìcheallach.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

6 A nis gun chreideamh cha n-urrainnear Dia thoileachadh. Oir am fear a thig gu Dia, feumaidh e creidsinn gum beil Dia ann, ʼs gun toir e duais dhaibh-san, a tha an geall air fhein.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 11:6
47 Iomraidhean Croise  

Seadh, Athair, oir bha seo tlachdmhor nad shealladh.


Dèanaibh gàirdeachas agus bithibh toilichte, oir is mòr ur duais ann an nèamh, oir mar sin rinn iad geur‑leanmhainn air na fàidhean a bha romhaibh.


“Agus nuair a thraisgeas sibh, na coimheadaibh gruamach mar na breug‑chràbhaichean, oir nì iad an aghaidhean grànda airson 's gum faic daoine gu bheil iad a' trasgadh. Gu fìrinneach tha mi ag ràdh ribh gun d' fhuair iad an tuarastal gu lèir.


Ach siribh an toiseach rìoghachd Dhè agus fhìreantachd‑san, agus thèid na rudan seo uile a thoirt dhuibh.


“Agus nuair a nì thu ùrnaigh, na bi mar na breug‑chràbhaichean, oir is gràdh leotha seasamh is ùrnaigh a dhèanamh anns na sionagogan agus aig oiseanan nan sràid airson 's gum bi iad air am faicinn le daoine. Gu fìrinneach tha mise ag ràdh ribh gun d' fhuair iad an tuarastal.


Leanaidh na comharraidhean seo an fheadhainn a chreideas: nam ainm‑sa tilgidh iad a‑mach deamhain; bruidhinnidh iad le teangannan ùra;


An àite sin siribh‑se a rìoghachd‑san agus bidh na rudan seo air an cuir ribh.


Ach gràdhaichibh‑se ur nàimhdean, is dèanaibh math, is thugaibh iasad, gun dùil ri rud sam bith air ais, agus bidh ur duais mòr, is bidh sibh nur cloinn dhan Aon as Àirde, oir tha esan còir riuthasan a tha mì‑thaingeil agus olc.


Thuirt Ìosa ris, “Is mise an t‑slighe, agus an fhìrinn, agus a' bheatha. Cha tig neach sam bith chun an Athar ach tromhamsa.


Dh'innis mi dhuibh gum bàsaicheadh sibh nur peacaidhean; oir mura creid sibh gur ‘mise E’, gheibh sibh bàs nur peacaidhean.”


Ach ciamar a ghairmeas iad airsan anns nach do chreid iad? Agus ciamar a chreideas iad annsan mu nach cuala iad? Agus ciamar a chluinneas iad gun shearmonaiche?


Oir ann an Crìosd Ìosa chan eil timcheall‑ghearradh no neo‑thimcheall‑ghearradh feumail airson sìon, ach creideamh a tha ag obair tro ghràdh.


Mheas e gu robh masladh Chrìosd na bheairteas na bu motha na ionmhas na h‑Èipheit, oir bha e a' coimhead ris an ath‑dhìoladh.


Thugaibh an aire, a bhràithrean, air eagal math dh'fhaodte gum bi ann an aon fhear agaibh droch chridhe an eas‑creideimh, a dhèanadh sgaradh on Dia bheò.


Oir, gu deimhinn, chaidh an soisgeul a shearmonachadh dhuinne, dìreach mar a chaidh dhaibhsan, ach cha robh am facal a chuala iadsan gu buannachd dhaibh, o nach robh e air aonadh le creideamh anns an fheadhainn a chuala e.


Mar sin, on a th' aig feadhainn fhathast ri dhol a‑steach innte, agus o nach deach an fheadhainn a chuala an soisgeul a‑cheana a‑steach innte air sgàth eas‑ùmhlachd,


(oir cha tug an lagh sìon gu foirfeachd), ach air an làimh eile tha dòchas nas fheàrr air a thoirt a‑steach, tron tig sinn nas dlùithe do Dhia.


Agus mar sin, tha esan comasach air iadsan a thig gu Dia troimhesan a shàbhaladh gu h‑iomlan, oir tha e beò gu sìorraidh airson guidhe air an son.


An àite sin, a bhràithrean, bithibh buileach dìcheallach airson ur gairm 's ur taghaidh a dhèanamh cinnteach, oir ann a bhith a' dèanamh nan rudan seo, cha tuislich sibh idir.


Agus cuideachd airson an dearbh adhbhair seo, a' dèanamh ur n‑uile dhìcheall, cuiribh deagh‑bheus ri ur creideimh, agus ri deagh‑bheus, eòlas,


Mar sin, a mhuinntir ghràdhaichte, a chionn 's gu bheil sibh a' feitheamh airson nan rudan seo, dèanaibh ur dìcheall a bhith air ur faighinn gun spot is gun smal leis‑san ann an sìth.


Ach dhaibhsan a tha gealtach is eas‑creidmheach is gràineil is nam murtairean is nan adhaltranaich is nam buidsichean is a tha ri iodhal‑adhraidh agus dha na breugairean gu lèir, bidh am pàirt‑san san loch a tha a' losgadh le teine 's le pronnasg. 'S e sin an dara bàs.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan