Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 11:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Tro chreideamh, chaidh Enoch a thoirt suas airson 's nach fhaiceadh e bàs, agus cha robh e ri fhaighinn a chionn 's gu robh Dia air a thoirt suas: oir, mus deach a thoirt suas, fhuair e teisteanas gun do thoilich e Dia gu mòr.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 Tre chreideamh dh’atharraicheadh Enoch a‑chum nach faiceadh e bàs; agus cha d’fhuaireadh e, do bhrìgh gun d’atharraich Dia e: oir ro a atharrachadh thugadh fianais dha gun do thaitinn e ri Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 Tre chreideamh dh’atharraicheadh Enoch a‑chum nach faiceadh e bàs; agus cha d’fhuaireadh e, do bhrìgh gun d’atharraich Dia e: oir ro a atharrachadh thugadh fianais dha gun do thaitinn e ri Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Le creideamh dhʼ atharraicheadh Henoch, gus nach faiceadh e bàs, ʼs cha dʼ fhuaradh e: a chionn gun dʼ atharraich Dia e: oir roimh ʼatharrachadh bha teisteanas aige, gun do thoilich e Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 11:5
17 Iomraidhean Croise  

Agus chaidh fhoillseachadh dha leis an Spiorad Naomh nach fhaiceadh e bàs mus faiceadh e an Crìosd aig an Tighearna.


mhic Mhatùsala, mhic Enoich, mhic Iareid, mhic Mhalelèil, mhic Chanàain,


ach eadhon mar a bha sinn taitneach le Dia, 's an soisgeul air earbsadh rinn. Mar sin, tha sinn a' bruidhinn, chan ann a' toileachadh dhaoine, ach Dia, a tha a' dearbhadh ar cridheachan.


Gun chreideamh, tha e do‑dhèanta a thoileachadh; oir feumaidh an neach a thig thuige creidsinn gu bheil e ann, agus gun toir e duais dhaibhsan a shireas e gu dìcheallach.


Ach chì sinn Ìosa, a chaidh a dhèanamh airson greiseig na b' ìsle na na h‑ainglean, air a chrùnadh le glòir 's le onair tro fhulangas a' bhàis airson 's gum blaiseadh e am bàs airson a h‑uile duine tro ghràs Dhè.


agus rud sam bith a dh'iarras sinn uaithe‑san tha sinn a' faighinn, oir tha sinn a' cumail àithntean agus a' dèanamh na thoilicheas esan.


Agus cuideachd rinn Enoch, a bha dhen t‑seachdamh ginealach o Àdhamh, fàidheadaireachd mun deidhinn, ag ràdh, “Seall, thàinig an Tighearna le deich mìle dhen fheadhainn naomh aige,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan