Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 11:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 A‑nis 's e creideamh cinnt nan rudan ris a bheil dòchas againn, dearbhadh air na rudan nach fhaic sinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh-chinnte nan nithean nach faicear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 A‑nis is e creideamh brìgh nan nithean rim bheil dòchas, dearbh‐chinnte nan nithean nach faicear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 A nis se creideamh bun nan nichean ris a bheil dochas, dearbhadh nan nichean nach fhaicear.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 11:1
24 Iomraidhean Croise  

a' toirt fianais an dà chuid do dh'Iùdhaich is do Ghreugaich mu aithreachas a thaobh Dhè agus mu chreideamh nar Tighearna Ìosa Crìosd.


Ach a‑nis fanaidh creideamh, dòchas, gaol, na trì rudan seo; ach is e an gaol as motha dhiubh seo.


Na tha mi ag ràdh, chan eil mi ag ràdh mar an Tighearna, ach mar ann an amaideachd sa chinnt bòstaidh seo.


mar sin chan eil sinne a' coimhead air na rudan a tha rim faicinn, ach air na rudan nach eil rim faicinn; oir tha na rudan a chithear aimsireil, ach tha na rudan nach fhaicear sìorraidh.


Mar sin, ma tha neach sam bith ann an Crìosd, 's e creutair ùr a th' ann, chaidh na seann rudan seachad, seallaibh, tha rudan ùra air tighinn.


oir tha sinn a' coiseachd le creideamh, chan ann le sealladh.


no, ma thig gin dhe na Macedònianaich còmhla rium, is gun lorg iad sibhse neo‑dheiseil, gum biodh sinne – gun ghuth oirbh‑se – air ar nàrachadh leis a' chinnt seo.


Oir ann an Crìosd Ìosa chan eil timcheall‑ghearradh no neo‑thimcheall‑ghearradh feumail airson sìon, ach creideamh a tha ag obair tro ghràdh.


Pòl, seirbheiseach Dhè, agus abstol Ìosa Crìosd, a rèir creideamh dhaoine taghte Dhè is eòlas na fìrinne a tha a rèir diadhachd;


rachamaid dlùth le cridhe fìor, ann an làn earbsa a' chreideimh le cridheachan air an crath‑ghlanadh o dhroch chogais, agus ar cuirp air an nighe le uisge glan.


Ach cha bhuin sinne dhan fheadhainn sin a thionndaidheas air ais gu sgrios, ach dhan fheadhainn aig a bheil creideamh airson beatha a ghleidheadh.


Fhuair iadsan uile bàs ann an creideamh, gun na geallaidhean fhaighinn, ach chunnaic 'ad iad fad' às agus ghabh iad riutha, ag aideachadh gu robh iad nan luchd‑cuairt agus nan coigrich air thalamh.


Tro chreideamh, dh'fhàg e an Èipheit gun eagal air ro fhearg an rìgh; oir lean e air mar gun robh e a' faicinn an Aoin a bha neo‑fhaicsinneach.


Tro chreideamh, fhuair Nòah rabhadh mu rudan nach deach fhaicinn fhathast, agus gu h‑urramach thog e àirc airson a theaghlach a shàbhaladh. Le seo, dhìt e an saoghal agus chaidh a dhèanamh na oighre air an fhìreantachd a tha a rèir a' chreideimh.


ciamar a gheibh sinn dol‑às ma nì sinn dearmad air sàbhaladh cho mòr? Às dèidh dha a bhith air aithris leis an Tighearna, chaidh a dhaingneachadh dhuinn leothasan a chuala e.


Oir tha sinn air tighinn gus a bhith nar compàirtichean de Chrìosd, ma ghleidheas sinn gu daingeann toiseach ar barantais chun an deiridh.


Ach tha Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe‑san, is sinne a thaigh ma chumas sinn gu deimhinn an dànachd 's an dòchas, cùis ar bòstaidh.


airson 's nach bi sibh leisg ach nur luchd‑leanmhainn orrasan a shealbhaicheas na geallaidhean tro chreideamh 's tro fhoighidinn.


Sìmon Peadar, seirbheiseach is abstol Ìosa Crìosd, Thucasan a th' air an aon chreideamh phrìseil rinne fhaighinn, tro fhìreantachd ar Dè agus ar slànaigheir Ìosa Crìosd:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan