Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 10:39 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

39 Ach cha bhuin sinne dhan fheadhainn sin a thionndaidheas air ais gu sgrios, ach dhan fheadhainn aig a bheil creideamh airson beatha a ghleidheadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

39 Ach chan eil sinne den dream sin a thilleas air an ais a‑chum sgrios; ach den dream a chreideas a‑chum tèarnadh an anama.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

39 Ach chan eil sinne den dream sin a thilleas air an ais a‑chum sgrios; ach den dream a chreideas a‑chum tèarnadh an anama.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

39 Ach cha sinne clann a chul-shleamhnaichidh gu sgrios, ach a chreidimh gu sabhaladh an anma.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 10:39
28 Iomraidhean Croise  

Ge b' e cò a chreideas agus a th' air a bhaisteadh, thèid a shàbhaladh, ach ge b' e cò nach creid, thèid a dhìteadh.


An uair sin falbhaidh e agus bheir e leis seachd spioradan eile nas uilce na e fhèin, is thèid iad a‑steach agus fanaidh iad an sin, agus bidh staid dheireannach an duine sin nas miosa na a chiad staid.”


Fhad 's a bha mise còmhla riutha, chùm mi iad nad ainm‑sa, a tha thu air a thoirt dhomh. Tha mi air an gleidheadh, agus cha deach aon dhiubh a chall ach mac an sgrios, airson 's gum biodh an Sgriobtar air a choileanadh.


Ach tha iad seo sgrìobhte airson 's gun creideadh sibh gur e Ìosa an Crìosd, Mac Dhè, agus tro bhith a' creidsinn, gum biodh beatha agaibh na ainm‑san.


“Gu deimhinn, deimhinn tha mi ag ràdh ribh, ge b' e a chluinneas m' fhaclan agus a chreideas esan a chuir a‑mach mi, tha a' bheatha shìorraidh aige agus cha tig e a‑steach do bhreitheanas, ach chaidh a thoirt a‑mach à bàs gu beatha.


Oir is i seo toil m' Athar, gum biodh a' bheatha shìorraidh aig gach neach a choimheadas ris a' Mhac agus a chreideas ann, agus togaidh mise suas e air an latha dheireannach.”


Oir cha do shuidhich Dia sinn airson feirg, ach airson ar sàbhaladh fhaighinn, tro ar Tighearna Ìosa Crìosd,


Na biodh neach agaibh air a mhealladh ann an dòigh sam bith, oir cha tig e mura tig an t‑àicheadh‑creideamh an toiseach, agus mura tèid an duine lagh‑dhiùltach – mac an sgrios – a nochdadh;


Ach an fheadhainn a tha a' miannachadh a bhith beairteach, tha iad a' tuiteam ann am buaireadh 's ann an ribe, agus iomadh ana‑miann amaideach is cronail, rudan a tha a' bogadh dhaoine ann am milleadh 's ann an sgrios.


Oir ma pheacaicheas sinn gu toileach às dèidh dhuinn eòlas fhaighinn air an fhìrinn, chan eil ìobairt airson pheacaidhean tuilleadh ann,


Ach bidh am fìrean beò tro chreideamh annamsa. Agus ma thionndaidheas e air ais, cha bhi tlachd aig m' anam ann.”


A‑nis 's e creideamh cinnt nan rudan ris a bheil dòchas againn, dearbhadh air na rudan nach fhaic sinn.


a th' air ur gleidheadh ann an cumhachd Dhè, tro chreideamh, airson slàinte a tha deiseal gus a bhith air a foillseachadh san àm dheireannach,


Ach tha na nèamhan 's an talamh aig an àm seo, leis an aon fhacal, air an gleidheadh airson teine, airson latha a' bhreitheanais agus sgrios nan daoine ain‑diadhaidh.


Ma chì neach sam bith a bhràthair a' dèanamh peacaidh nach eil idir gu bàs, iarradh e, agus bheir Dia beatha dhàsan agus dhaibhsan nach eil a' dèanamh peacaidh a tha gu bàs. Tha peacadh ann a tha gu bàs. Chan eil mi ag ràdh gum bu chòir dha guidhe mun t‑seòrsa sin.


Cò a bheir buaidh air an t‑saoghal, mura h‑e esan a chreideas gur e Ìosa Mac Dhè?


Agus a' bhiast a bha ann 's nach eil ann, is e seo an t‑ochdamh rìgh, agus tha esan dhen t‑seachd, agus thèid e gu sgrios.


A' bhiast a chunnaic thu, bha i ann 's chan eil i ann, agus tha i gus tighinn a‑nìos às an Àibheis agus gus a dhol gu sgrios. Agus bidh iadsan a tha a' còmhnaidh air an talamh – aig a bheil ainmean nach eil air an sgrìobhadh ann an leabhar na beatha o thoiseach an t‑saoghail – fo iongnadh, nuair a chì iad a' bhiast a bha ann agus nach eil ann agus a bhitheas ann.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan