Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 10:31 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

31 'S e rud eagalach a th' ann tuiteam ann an làmhan an Dè bheò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

31 Is nì eagalach tuiteam ann an làmhan an Dè bheò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

31 Is nì eagalach tuiteam ann an làmhan an Dè bheò.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

31 Is eagalach an ni tuiteam ann an lamhan an De bheo.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 10:31
14 Iomraidhean Croise  

Agus na biodh eagal oirbh on fheadhainn a mharbhas an corp ach nach urrainn an t‑anam a mharbhadh. An àite sin, biodh eagal oirbh on Aon as urrainn an dà chuid an corp 's an t‑anam a sgrios ann an Ifrinn.


Fhreagair Sìmon Peadar, “Is tusa an Crìosd, Mac an Dè bheò.”


Ach seallaidh mi dhuibh cò e rom bu chòir eagal a bhith oirbh: biodh eagal an Aoin sin oirbh aig a bheil ùghdarras, às dèidh dha marbhadh, tilgeil do dh'Ifrinn. Seadh, biodh eagal an Aoin seo oirbh.


Bidh crithean‑talmhainn mòra ann, agus goirtean agus plàighean ann an iomadh àite, agus seallaidhean oillteil agus comharraidhean mòra o nèamh.


Agus a‑nis, seall, tha làmh an Tighearna ort, agus bidh thu dall 's gun comas a' ghrian fhaicinn.” Sa bhad thuit ceò is dorchadas air, agus chaidh e mun cuairt a' sireadh dhaoine a threòraicheadh air làimh e.


Mar sin, le fios a bhith againn air eagal an Tighearna, tha sinn a' cur ìmpidh air daoine, ach tha sinn fhèin air ar dèanamh follaiseach do Dhia, agus tha dòchas agam cuideachd gu bheil sinn air ar dèanamh follaiseach nur cogaisean‑se.


ach dùil eagalach ri breitheanas agus teine eudmhor a dh'itheas suas na nàimhdean.


Oir tha ar “Dia‑ne na theine sàr‑loisgeach.”


Thugaibh an aire, a bhràithrean, air eagal math dh'fhaodte gum bi ann an aon fhear agaibh droch chridhe an eas‑creideimh, a dhèanadh sgaradh on Dia bheò.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan