Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 10:29 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

29 Nach ann nas miosa a shaoileas sibh a bhios am peanas a tha freagarrach dhàsan a shaltair Mac Dhè fo a chasan, a thruaill fuil a' chùmhnaint leis an deach a naomhachadh agus a thàmailtich Spiorad a' ghràis?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

29 Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

29 Cia mòr as mò na sin am peanas a shaoileas sibh air am measar esan toillteanach, a shaltair fo a chasan Mac Dhè, agus a mheas mar nì mì‑naomh fuil a’ choicheangail, leis an do naomhaicheadh e, agus a rinn tarcais air Spiorad nan gràs?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

29 Nach mor nas mua na sin, a shaoileas sibh, a thoilieas esan pian nas truime, a shaltair fo chasan Mac Dhe, ʼsa mheas neoghlan fuil an tiomnaidh, leis an do naomhaicheadh e, ʼsa thug taire do Spiorad nan gras?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 10:29
40 Iomraidhean Croise  

oir is i seo m' fhuil‑sa, fuil a' chùmhnaint, a tha air a dòrtadh a‑mach airson mhòran airson mathanas pheacaidhean.


“Na toiribh an rud naomh dha na coin agus na tilgibh ur neamhnaidean mu choinneamh nam muc, gun fhios nach saltair iad orra len casan agus a' tionndadh gun reub iad sibhse às a chèile.


Agus chunnaic iad gun robh cuid dhe na deisciobail aige ag ithe arain le làmhan “neòghlan”, is e sin gun an nighe.


Agus a h‑uile neach a chanas facal an aghaidh Mhic an Duine, thèid a mhathadh dha, ach dhan neach a chanas toibheum an aghaidh an Spioraid Naoimh cha tèid mathanas a thoirt dha.


an can sibh ris‑san, a naomhaich an t‑Athair agus a chuir e dhan t‑saoghal, ‘Tha thu ag ràdh toibheim,’ a chionn 's gun tuirt mi, ‘Is mise Mac Dhè’?


Agus air an son‑san tha mise gam naomhachadh fhèin, airson 's gum bi iadsan cuideachd air an naomhachadh ann am fìrinn.”


“A dhaoine rag‑amhaicheil, neo‑thimcheall‑gheàrrte ann an cridhe 's ann an cluasan, tha sibh an‑còmhnaidh a' cur an aghaidh an Spioraid Naoimh. Tha sibhse a' dèanamh dìreach mar a rinn ur n‑athraichean.


Brùthaidh Dia na sìthe a dh'aithghearr an Sàtan for casan. Gun robh gràs ar Tighearna Ìosa còmhla ribh.


Mar sin, ge b' e cò a dh'itheas an t‑aran no a dh'òlas cupa an Tighearna gu neo‑iomchaidh, bidh e ciontach de chorp agus de dh'fhuil an Tighearna.


Oir neach sam bith a dh'itheas agus a dh'òlas, gun aithne a dhèanamh air corp an Tighearna, tha e ag ithe agus ag òl breitheanas dha fhèin.


Oir feumaidh esan riaghladh gus an cuir e a nàimhdean gu lèir fo a chasan.


Oir “chuir e a h‑uile sìon fo smachd – fo a chasan.” Ach nuair a tha e ag ràdh gun do chuir e “a h‑uile sìon” fo smachd, tha e follaiseach gu bheil esan a chuir a h‑uile sìon fo smachd air leth on a seo.


Agus bha cuid agaibhse mar sin. Ach chaidh ur nighe, chaidh ur naomhachadh, chaidh ur fìreanachadh ann an ainm an Tighearna Ìosa Crìosd agus le Spiorad ar Dè‑ne.


Agus na cuiribh doilgheas air Spiorad Naomh Dhè, leis an deach seula a chur oirbh gu latha na saorsa.


airson 's gum faodadh e a naomhachadh, às dèidh dha a nighe le glanadh an uisge tron fhacal,


agus tha sinne air ar naomhachadh leis an toil seo, tro thairgsinn chuirp Ìosa Crìosd aon uair is gu sìorraidh.


Thoiribh an aire nach diùlt sibh esan a bhruidhneas. Oir, mura do theich iadsan nuair a dhiùlt iad am fear a thug rabhadh air talamh, 's ann gu math nas lugha a theicheas sinne ma dhiùltas sinn am fear a bhruidhneas o nèamh.


Agus gum biodh Dia na sìthe – a thug air ais bho na mairbh ar Tighearna Ìosa, buachaille mòr nan caorach, tro fhuil a' chùmhnaint shìorraidh –


Oir tha an dà chuid – esan a tha a' naomhachadh 's iadsan a th' air an naomhachadh – uile on aon fhear; air an adhbhar sin chan eil nàire air ‘bràithrean’ a ghabhail orra,


ciamar a gheibh sinn dol‑às ma nì sinn dearmad air sàbhaladh cho mòr? Às dèidh dha a bhith air aithris leis an Tighearna, chaidh a dhaingneachadh dhuinn leothasan a chuala e.


Mar sin, on a tha àrd‑shagart mòr againn a chaidh a‑steach tro na nèamhan, Ìosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil.


Oir tha e do‑dhèanta dhaibhsan a chaidh a shoillseachadh aon uair, a bhlais an tiodhlac nèamhaidh 's a chaidh an dèanamh nan compàirtich dhen Spiorad Naomh,


agus a thuit air falbh, an t‑aithreachas aca ath‑nuadhachadh a‑rithist, oir tha iad a' ceusadh a‑rithist dhaib' fhèin Mac Dhè agus a' dèanamh culaidh‑mhagaidh phoblaich dheth.


Oir ma nì fuil tharbh 's ghobhar, is luath aighe air a crathadh air an fheadhainn a tha neòghlan, an naomhachadh airson glanadh na feòla,


ag ràdh, “Is i seo fuil a' chùmhnaint a dh'òrdaich Dia dhuibh.”


Agus o Ìosa Crìosd, an fhianais dìleas, an ciad‑ghin o na mairbh, agus riaghladair rìghrean na talmhainn. Dhàsan a tha gar gràdhachadh agus a shaor sinn o ar peacaidhean le fhuil fhèin,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan