Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 10:27 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

27 ach dùil eagalach ri breitheanas agus teine eudmhor a dh'itheas suas na nàimhdean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

27 Ach dùil eagalach ri breitheanas, agus feirg theinntich, a sgriosas na h‑eascairdean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

27 Ach dùil eagalach ri breitheanas, agus feirg theinntich, a sgriosas na h‑eascairdean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

27 Ach duil eagalach ri breitheanas, agus teine eud-mhor a loisgeas na naimhdean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 10:27
41 Iomraidhean Croise  

agus tilgidh iad dhan fhùirneis theinntich iad. An sin bidh caoineadh is gìosgan fhiacal.


agus tilgidh iad dhan fhùirneis theinntich iad. An sin bidh caoineadh is gìosgan fhiacal.


“An uair sin canaidh e riuthasan air a làimh chlì, ‘Thallaibh uam, a luchd mhallaichte, dhan teine sìorraidh a chaidh ullachadh dhan diabhal agus dha na h‑ainglean aige.


Ach mu thràth tha an tuagh air a cur ri bun nan craobh; mar sin gach craobh nach toir a‑mach toradh math, thèid a gearradh sìos, agus a tilgeil dhan teine.


Tha a ghuit aige na làimh, agus glanaidh e an t‑ùrlar‑bualaidh aige, agus cruinnichidh e a chruithneachd dha shabhal, ach loisgidh e am moll le teine nach urrainn a bhith air a chur às.”


Agus seall, dh'èigh iad, “Dè an gnothach a th' agad leinne, a Mhic Dhè? An tàinig thu an seo airson ar cur fo àmhghar ron àm?”


Agus dh'èigh e, ‘Athair Abrahàim, dèan tròcair orm, agus cuir Làsaras airson 's gum bog e bàrr a chorraig ann an uisge agus gum fuaraich e mo theanga, oir tha mi air mo phianadh gu mòr anns an lasair seo.’


Ach na nàimhdean seo agamsa, leis nach bu toigh l' gum bithinn‑sa nam rìgh os an cionn, thugaibh an seo iad agus marbhaibh iad mum choinneamh.’”


Thèid daoine ann an laigse le eagal agus le droch‑dhùil mu na tha a' tighinn air an t‑saoghal, oir bidh cumhachdan nan nèamh air an crathadh.


An uair sin, “‘tòisichidh iad air cantainn ris na beanntan, “Tuitibh oirnn!” Agus ri na cnuic, “Falaichibh sinn!”’


Iadsan a tha a' dèanamh rudan matha, èiridh iad gu aiseirigh na beatha, ach iadsan a tha a' dèanamh droch rudan, gu aiseirigh an dìtidh.


Thoiribh an aire nach diùlt sibh esan a bhruidhneas. Oir, mura do theich iadsan nuair a dhiùlt iad am fear a thug rabhadh air talamh, 's ann gu math nas lugha a theicheas sinne ma dhiùltas sinn am fear a bhruidhneas o nèamh.


Oir tha ar “Dia‑ne na theine sàr‑loisgeach.”


ciamar a gheibh sinn dol‑às ma nì sinn dearmad air sàbhaladh cho mòr? Às dèidh dha a bhith air aithris leis an Tighearna, chaidh a dhaingneachadh dhuinn leothasan a chuala e.


Oir dìreach mar a tha e air òrdachadh gum faigh daoine bàs aon uair agus às dèidh sin am breitheanas,


Tha ur n‑òr 's ur n‑airgead air meirgeadh; agus bidh a' mheirg aca na fianais nur n‑aghaidh, agus ithidh i ur feòil mar theine. Thaisg sibh ionmhas anns na làithean deireannach.


Agus ma bha neach sam bith nach robh air a lorg sgrìobhte ann an leabhar na beatha, bha e air a thilgeil dhan loch theine.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan