Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 10:24 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

24 Agus gabhamaid an aire dha chèile gus gràdh agus deagh obraichean a bhrosnachadh,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

24 Agus thugamaid an aire da chèile a‑chum ar brosnachadh gu gràdh, agus gu deagh obraichean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

24 Agus thugamaid an aire da chèile a‑chum ar brosnachadh gu gràdh, agus gu deagh obraichean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

24 Us leagamaid ar n-aire air a cheile, gu brosnachadh gu carrantachd, ʼs gu deagh oibrichean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 10:24
29 Iomraidhean Croise  

Mar sin chuir na deisciobail romhpa, gach aon a rèir a chomais, gun cuireadh iad cuideachadh gu na bràithrean a bha a' fuireach ann an Iudèa.


Ach dè a fhreagair Dia ris? “Tha mi air seachd mìle fear a chumail dhomh fhèin nach do lùb an glùin do Bhàal.”


Dèanaibh gàirdeachas leothasan a tha ri gàirdeachas, agus caoidh leothasan a tha ri caoidh.


dìreach mar a bhios mise a' feuchainn ris a h‑uile neach a thoileachadh sa h‑uile rud a nì mi – chan ann a' sireadh mo bhuannachd fhèin ach buannachd nam mòran, airson 's gum bi iad air an sàbhaladh.


Dhaibhsan a bha lag thàinig mi gus a bhith lag, airson 's gum buannaichinn iadsan a bha lag. Tha mi air tighinn gus a bhith nam uile nì dhan a h‑uile neach, airson 's – sa h‑uile dòigh – gun sàbhailinn cuid.


Chan ann mar àithne a tha mi ag ràdh seo, ach airson dearbhaidh, tro dhùrachd dhaoine eile is treibhdhireas ur gràidh‑se cuideachd.


oir is aithne dhomh ur deisealachd, mum bheil mi a' bòstadh mur deidhinn ris na Macedònianaich, ag ràdh gu robh Achaia deiseil bhon uiridh. Agus bhrosnaich ur n‑eud‑se barrachd dhiubh.


Oir chaidh ur gairm gu saorsa, a bhràithrean, ach a‑mhàin na cleachdaibh ur saorsa mar chothrom dhan fheòil, ach tro ghràdh, dèanaibh seirbheis dha chèile.


Ach is e toradh an Spioraid: gràdh, aoibhneas, sìth, foighidinn, coibhneas, mathas, creideamh,


Oir ann an Crìosd Ìosa chan eil timcheall‑ghearradh no neo‑thimcheall‑ghearradh feumail airson sìon, ach creideamh a tha ag obair tro ghràdh.


A bhràithrean, ma thèid neach sam bith a ghlacadh ann an cionta sam bith, sibhse a tha spioradail, aisigibh a shamhail sin de dhuine ann an spiorad na ciùine; a' toirt aire dhut fhèin, nach tèid do bhuaireadh san aon dòigh.


Leigibh le facal Dhè còmhnaidh a ghabhail annaibh gu saidhbhir, leis a h‑uile gliocas a' teagasg 's a' comhairleachadh a chèile le sailm is le laoidhean is le òrain spioradail, a' seinn le taingealachd nur cridheachan do Dhia.


a' cuimhneachadh air obair ur creideimh, agus saothair ur gràidh, agus leanaltas ur dòchais nar Tighearna Ìosa Crìosd, fa chomhair ar Dia 's ar n‑Athair.


Air an adhbhar sin, misnichibh a chèile agus togaibh càch‑a‑chèile suas, eadhon mar a tha sibh a' dèanamh.


Chan e nach eil ùghdarras againn, ach gus an toireadh sinn sinn fhèin mar phàtran dhuibhse, airson 's gun leanadh sibh ar n‑eisimpleir.


gus math a dhèanamh, gus a bhith pailt ann an obraichean mhatha, gus a bhith fialaidh, deiseil gu bhith a' compàirteachadh.


Mar sin, ionnsaichidh iad do bhoireannaich òga a bhith gràdhach air am fir 's air an cuid chloinne,


Is fìor am facal seo, agus mu na rudan seo bu mhath leam gun dearbhadh tu iad gu làidir, airson 's gum bi iadsan, a th' air creidsinn ann an Dia, cùramach a bhith coisrigte do dheagh obraichean. Tha na rudan seo math is tairbheach do dhaoine.


Gum mair gràdh bràithreil.


Biodh cuimhne agaibh air prìosanaich mar gum biodh sib' fhèin ceangailte còmhla riutha, agus air an fheadhainn a tha fo àmhghar on a tha bodhaigean agaib' fhèin.


Ach earalaichibh càch‑a‑chèile a h‑uile latha cho fad 's a bhios an‑diugh air a thoirt air, air sgàth 's nach bi duine agaibh air a chruadhachadh le mealltaireachd a' pheacaidh.


A chlann bheaga, na gràdhaicheamaid ann am facal no ann an teanga, ach ann an gnìomh agus ann am fìrinn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan