Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 10:14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

14 Oir le aon ìobairt, rinn e foirfe gu sìorraidh iadsan a th' air an naomhachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Oir le aon ìobairt rinn e a‑chaoidh foirfe iadsan a tha air an naomhachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Oir le aon ìobairt rinn e a‑chaoidh foirfe iadsan a tha air an naomhachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

14 Oir le aon iobairt rinn e coimhlionta am feasd iadsan, a tha air an naomhachadh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 10:14
16 Iomraidhean Croise  

“Agus a‑nis tha mi gur n‑earbsadh do Dhia agus do dh'fhacal a ghràis‑san, a tha comasach air ur daingneachadh is oighreachd a thoirt dhuibh am measg na feadhna sin uile a th' air an naomhachadh.


Mu mheadhan‑latha, a rìgh, chunnaic mi air an t‑slighe solas o nèamh, na bu shoilleire na a' ghrian, a' deàlradh timcheall ormsa agus orrasan a bha a' siubhal còmhla rium.


gus a bhith nam mhinisteir de Chrìosd Ìosa dha na Cinnich ann an seirbheis shagartail soisgeul Dhè, airson 's gum bi tabhartas nan Cinneach fìor‑iomchaidh, air a naomhachadh leis an Spiorad Naomh.


Gu eaglais Dhè a th' ann an Corintus, thucasan a th' air an naomhachadh ann an Crìosd Ìosa, air an gairm gus a bhith nan naoimh, cuide riuthasan uile a tha, sa h‑uile h‑àite, a' gairm air ainm ar Tighearna Ìosa Crìosd, an Tighearna acasan agus againne:


airson 's gum faodadh e a naomhachadh, às dèidh dha a nighe le glanadh an uisge tron fhacal,


Oir tha sgàil nan rudan matha a tha ri thighinn anns an lagh – chan e fìor‑chumadh nan rudan sin fhèin. Oir leis na h‑aon ìobairtean a tha iad a' tairgsinn an‑còmhnaidh a h‑uile bliadhna, chan eil e comasach an fheadhainn a tha an làthair a dhèanamh foirfe.


agus tha sinne air ar naomhachadh leis an toil seo, tro thairgsinn chuirp Ìosa Crìosd aon uair is gu sìorraidh.


Ach esan, às dèidh dha aon ìobairt a thairgsinn airson pheacaidhean gu sìorraidh, shuidh e sìos air deas‑làimh Dhè,


Mar sin, dh'fhuiling Ìosa cuideachd air taobh a‑muigh a' gheata, airson 's gun naomhaicheadh e an sluagh tro fhuil fhèin.


Oir tha an dà chuid – esan a tha a' naomhachadh 's iadsan a th' air an naomhachadh – uile on aon fhear; air an adhbhar sin chan eil nàire air ‘bràithrean’ a ghabhail orra,


(oir cha tug an lagh sìon gu foirfeachd), ach air an làimh eile tha dòchas nas fheàrr air a thoirt a‑steach, tron tig sinn nas dlùithe do Dhia.


Agus mar sin, tha esan comasach air iadsan a thig gu Dia troimhesan a shàbhaladh gu h‑iomlan, oir tha e beò gu sìorraidh airson guidhe air an son.


Chan eil annta ach riaghailtean feòlmhora a chaidh àithne gu àm an leasachaidh aca.


nach motha na sin a ghlanas fuil Chrìosd – a thairig e fhèin, tron Spiorad Sìorraidh, neoichiontach do Dhia – ar cogais o obraichean marbha airson adhraidh a thoirt dhan Dia bheò?


Iùdas, seirbheiseach Ìosa Crìosd agus bràthair Sheumais: Thucasan a th' air an gairm, gràdhaichte ann an Dia an t‑Athair, agus air an gleidheadh le Ìosa Crìosd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan