Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 1:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 anns na làithean deireannach seo bhruidhinn e rinne tro a Mhac, a thagh e na oighre air a h‑uile sìon, tron do rinn e an cruinne‑cè cuideachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Labhair e anns na làithean deireannach seo rinne le a Mhac, a dh’òrdaich e na oighre air na h‑uile nithean, tre an do chruthaich e fòs na saoghail;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Labhair e anns na làithean deireannach seo rinne le a Mhac, a dh’òrdaich e na oighre air na h‑uile nithean, tre an do chruthaich e fòs na saoghail;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Mu dheireadh uile labhair e ruinne anns na laithean so le Mhac, a dhʼ orduich e ʼna oighre air a h-uile ni, ʼs leis an dʼ rinn e an saoghal cuideachd:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 1:2
70 Iomraidhean Croise  

agus is e an nàmhaid a chuir iad an diabhal. Is e am fogharadh deireadh na linne, agus is iad na buanaichean na h‑ainglean.


Nuair a bha e fhathast a' bruidhinn, seall, chuir sgòth dheàlrach sgàil orra, agus thuirt guth às an sgòth riutha, “Is e seo mo Mhac gràdhaichte, leis a bheil mi fìor thoilichte; èistibh ris‑san!”


“Ach nuair a chunnaic na tuathanaich am mac, thuirt iad ri chèile, ‘Is e seo an t‑oighre. Thigibh, marbhamaid e, agus faigheamaid an oighreachd aige.’


Ach dh'fhan Ìosa sàmhach. Agus thuirt an t‑àrd‑shagart ris, “Tha mi gad chur fo mhionnan tron Dia bheò, innis dhuinn mas tu an Crìosd, Mac Dhè?”


Agus thàinig Ìosa is thuirt e riutha, “Chaidh a h‑uile h‑ùghdarras ann an nèamh agus air talamh a thoirt dhòmhsa.


Agus seall, thuirt guth o nèamh, “Is e seo mo Mhac gràdhach, anns a bheil mi fìor thoilichte.”


Toiseach soisgeul Ìosa Crìosd, Mac Dhè.


“Bha fhathast aon fhear eile aige, mac a bu ghràdhach leis. Mu dheireadh chuir e esan thuca, ag ràdh, ‘Bheir iad urram dham mhac.’


“Ach thuirt na tuathanaich ud ri càch‑a‑chèile, ‘Is e seo an t‑oighre. Thigibh, marbhamaid e, agus bidh an oighreachd leinn fhèin.’


Bha e anns an t‑saoghal, agus ged a chaidh an saoghal a dhèanamh troimhe, cha do dh'aithnich an saoghal e.


Chaidh am Facal a dhèanamh na fheòil agus ghabh e còmhnaidh nar measg. Chunnaic sinne a ghlòir‑san, mar ghlòir an Aonghin on Athair, làn gràis agus fìrinn.


Chaidh a h‑uile rud a dhèanamh troimhesan; agus às aonais‑san cha deach aon rud a dhèanamh a chaidh a dhèanamh.


Bha fios aig Ìosa gun tug an t‑Athair a h‑uile rud dha na làmhan, agus gur ann o Dhia a thàinig e, agus gur ann gu Dia a bha e a' dol.


Ma tha Dia air a ghlòrachadh annsan, glòraichidh Dia esan cuideachd ann fhèin, agus glòraichidh e anns a' bhad e.


Chan eil mi a' gabhail seirbheisich oirbh tuilleadh; oir chan aithne dhan t‑seirbheiseach dè a tha a thighearna a' dèanamh. Ach tha mi air caraidean a ghabhail oirbh; oir a h‑uile rud a chuala mi om Athair, rinn mi aithnichte dhuibhse.


A h‑uile rud a th' aig an Athair, is ann leamsa a tha e; b' ann air an adhbhar sin a thuirt mi gun gabh e dhem chuid‑sa, agus gun cuir e an cèill dhuibhse e.


Oir thug thu ùghdarras dha thairis air gach feòil, airson 's gun toireadh e a' bheatha shìorraidh dha na h‑uile a thug thu dha.


“Oir is ann mar seo a ghràdhaich Dia an saoghal: gun tug e aonghin Mhic fhèin, airson 's, ge b' e a chreideas ann, nach tèid a sgrios ach gum bi a' bheatha shìorraidh aige.


An uair sin dh'èirich deasbad eadar cuid de dheisciobail Eòin agus Iùdhaich mu ghnàth‑glanaidh.


Oir mar a tha beatha aig an Athair ann fhèin, mar sin cuideachd thug e dhan Mhac beatha a bhith aige ann fhèin.


Agus thug e ùghdarras dha airson breith a thoirt, oir is esan Mac an Duine.


Tha fios againn gun do bhruidhinn Dia ri Maois, ach an duine seo, chan eil fios againn cò às a tha e.”


Chuir e am facal gu clann Israeil, a' searmonachadh deagh sgeul na sìthe tro Ìosa Crìosd, as e Tighearna nan uile.


“‘Agus tachraidh anns na làithean deireannach, tha Dia ag ràdh, gun dòirt mise a‑mach dhem Spiorad air a h‑uile feòil; agus nì ur mic is ur nigheanan fàidheadaireachd, agus chì ur fir òga seallaidhean is bidh ur seann daoine ag aisling aislingean.


agus a bh' air a dhearbhadh gu follaiseach a bhith na Mhac Dhè le cumhachd a rèir Spiorad na naomhachd, tron aiseirigh o na mairbh: Ìosa Crìosd ar Tighearna.


agus mas clann, mar sin oighreachan – oighreachan do Dhia agus co‑oighreachan cuide ri Crìosd, mas e 's gum fulaing sinn dha‑rìribh còmhla ris, airson 's gun tèid ar glòrachadh còmhla ris.


Ach tha sinn a' bruidhinn dìomhaireachd fhalaichte Dhè, a dh'òrdaich Dia ron t‑saoghal airson ar glòir‑ne.


chan eil ann dhuinne ach aon Dia, an t‑Athair, bhon a bheil a h‑uile sìon agus dham bheil sinn beò, agus aon Tighearna, Ìosa Crìosd, trom bheil a h‑uile sìon agus trom bheil sinn beò.


Ach nuair a thàinig lànachd na h‑ùine, chuir Dia a Mhac fhèin a‑mach, air a bhreith o mhnaoi, air a bhreith fon lagh,


mar phlana airson lànachd na h‑ùine, gus a h‑uile nì a chruinneachadh ann an Crìosd, rudan sna nèamhan agus air an talamh.


agus gun dèanainn soilleir dè a th' ann an stiùbhardachd na dìomhaireachd a th' air a bhith falaichte o linntean ann an Dia a chruthaich a h‑uile sìon;


Oir, cò dhe na h‑ainglean ris an tuirt e riamh, “Is tusa mo mhac; an‑diugh ghin mi thu”? Agus a‑rithist, “Bidh mise nam Athair dha, agus bidh esan na Mhac dhòmhsa”?


Ach mun Mhac: “Tha do rìgh‑chathair, a Dhè, gu saoghal nan saoghal, slat‑rìoghail a' cheartais, slat‑rìoghail do rìoghachd‑sa.


Tro chreideamh, tha sinne a' tuigsinn gun deach na saoghail a chruthachadh le facal Dhè airson 's gun tuig sinn nach deach na tha ri fhaicinn a chruthachadh o na tha faicsinneach.


ciamar a gheibh sinn dol‑às ma nì sinn dearmad air sàbhaladh cho mòr? Às dèidh dha a bhith air aithris leis an Tighearna, chaidh a dhaingneachadh dhuinn leothasan a chuala e.


Ach tha Crìosd mar Mhac os cionn a thaighe‑san, is sinne a thaigh ma chumas sinn gu deimhinn an dànachd 's an dòchas, cùis ar bòstaidh.


Mar sin, on a tha àrd‑shagart mòr againn a chaidh a‑steach tro na nèamhan, Ìosa Mac Dhè, cumamaid gu daingeann ar n‑aidmheil.


Ged a bha e na mhac, dh'ionnsaich e ùmhlachd bho na rudan a dh'fhulaing e.


Oir tha an lagh a' suidheachadh shagartan de dhaoine a tha buailteach air laigse, ach tha facal a' mhionna, a thàinig às dèidh an lagha, a' suidheachadh a' Mhac, foirfe gu sìorraidh.


gun athair, gun mhàthair, gun shinnsireachd, gun toiseach làithean no deireadh beatha ach air a dhèanamh coltach ri Mac Dhè, fanaidh e na shagart gu sìorraidh.


oir bhiodh aige ri fulang iomadh uair o thoiseach an t‑saoghail; ach a‑nis aig deireadh nan linntean, nochd e e fhèin aon uair airson mathanas pheacaidhean tro e fhèin ìobradh.


Chaidh a ro‑aithneachadh dha‑rìribh ro leagail bhunaitean an t‑saoghail, ach chaidh a nochdadh anns na h‑amannan dheireannach dhuibhse,


le fios air a seo an toiseach, gun tig, anns na làithean deireannach, luchd‑magaidh a' magadh, a' dol mun cuairt a rèir an ana‑miannan fhèin.


gun tuirt iad ribh, “Anns na h‑amannan deireannach thig luchd‑magaidh, a' gluasad a rèir an ana‑miannan ain‑diadhaidh fhèin.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan