Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 1:14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

14 Nach eil iad uile nan spioradan‑frithealaidh, air an cur a‑mach gus seirbheis a dhèanamh dhaibhsan a tha an impis sàbhaladh fhaighinn mar oighreachd?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Nach spioradan-frithealaidh iad uile, air an cur a‑mach a‑chum frithealaidh dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Nach spioradan‐frithealaidh iad uile, air an cur a‑mach a‑chum frithealaidh dhaibhsan a bhios nan oighreachan air slàinte?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

14 Nach spioraid-fhrithealaidh iad uile, air an cur a fhrithealadh dhaibh-san, a ghlacas oighreachd an t-sabhalaidh?

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 1:14
65 Iomraidhean Croise  

Ach fhad 's a bha e a' smaoineachadh mu na rudan seo, seallaibh, nochd aingeal an Tighearna ris ann an aisling, ag ràdh, “Iòsaiph, a mhic Dhaibhidh, na biodh eagal ort Moire a ghabhail mar bhean, oir an nì a tha air a ghineamhainn innte, is ann on Spiorad Naomh a tha e.


Cuiridh Mac an Duine na h‑ainglean aige a‑mach, agus cruinnichidh iad às a rìoghachd‑san gach ceap‑tuislidh agus iadsan a tha a' dèanamh mì‑riaghailt,


“Thugaibh an aire nach dèan sibh tàir air aon dhen fheadhainn bhig seo. Oir tha mise ag ràdh ribh gu bheil an ainglean‑san ann an nèamh an‑còmhnaidh a' faicinn aghaidh m' Athar‑sa a tha ann an nèamh.


A‑nis nuair a bha iad air fàgail, seallaibh, nochd aingeal leis an Tighearna ri Iòsaph ann an aisling, ag ràdh, “Èirich! Gabh am pàiste agus a mhàthair, is teich dhan Èipheit, agus fan an sin gus an innis mise dhut, oir tha Herod a' dol a choimhead airson a' phàiste, airson cur às dha.”


Agus cuiridh e a‑mach na h‑ainglean aige le gairm àrd trompaid, agus cruinnichidh iad an fheadhainn thaghte aige o na ceithir gaothan, o aon cheann de nèimh gus an ceann eile.


“An uair sin canaidh an Rìgh riuthasan air a làimh dheis, ‘Thigibh, sibhse a tha beannaichte lem Athair‑sa, sealbhaichibh mar oighreachd an rìoghachd a th' air a deasachadh dhuibh o bhunait an t‑saoghail.


An uair sin dh'fhàg an diabhal e, agus, seall, thàinig ainglean agus bha iad a' frithealadh dha.


Fhad 's a bha e a' tòisicheadh air a shlighe, ruith duine suas thuige agus chaidh e sìos air a ghlùinean ma choinneamh, agus dh'fhaighnich e dha, “Fhir‑Teagaisg mhaith, dè a dh'fheumas mi a dhèanamh airson 's gun sealbhaich mi a' bheatha shìorraidh?”


Agus fhreagair an t‑aingeal e, “Is mise Gàbriel a tha a' seasamh mu choinneamh Dhè, agus chaidh mo chur airson bruidhinn riutsa agus an naidheachd mhath seo a thoirt thugad.


Agus nuair a bha làithean a fhrithealaidh seachad chaidh e dha thaigh fhèin.


“Bhàsaich an duine bochd agus chaidh a ghiùlain leis na h‑ainglean gu taobh Abrahàim. Fhuair an duine beairteach cuideachd bàs agus chaidh adhlacadh,


Agus gu h‑aithghearr bha mòr‑shluagh de dh'armailt nèamhaidh còmhla ris an aingeal a' moladh Dhè agus ag ràdh:


Agus nochd aingeal an Tighearna riutha, agus dheàlraich glòir an Tighearna mun cuairt orra, agus ghabh iad eagal mòr.


Agus thàinig iomradh air a seo gu cluasan na h‑eaglaise ann an Ierusalem, agus chuir iad Barnabas gu Antioch.


Sa bhad bhuail aingeal dhen Tighearna sìos e, a chionn 's nach tug e a' ghlòir do Dhia, agus chaidh ithe le cnuimhean is chaidh an deò às.


Agus seall, nochd aingeal dhen Tighearna gu grad ri thaobh, agus dheàlraich solas sa chealla. Bhuail e Peadar air a chliathaich agus dhùisg e e, ag ràdh, “Èirich gu grad!” Agus thuit na slabhraidhean far a làmhan.


Agus fhad 's a bha iad ag adhradh do Dhia agus a' trasgadh, thuirt an Spiorad Naomh, “Coisrigibh dhòmhsa Saul is Barnabas chun na h‑obrach gus an do ghairm mi iad.”


agus gu grad bha crith‑thalmhainn mhòr ann, is chaidh bunaitean a' phrìosain a chrathadh; agus sa bhad chaidh na dorsan uile fhosgladh, agus bha cuibhrichean gach neach air am fuasgladh.


Oir air an oidhche seo fhèin sheas rim thaobh aingeal dhen Dia dham buin mi agus dha bheil mi ag adhradh,


Ach san oidhche dh'fhosgail aingeal dhen Tighearna dorsan a' phrìosain agus threòraich e a‑mach iadsan, agus thuirt e,


airson 's, ann an dòigh air choireigin, gun dèanainn farmadach sluagh mo cho‑fheòla, is mar sin gun sàbhailinn cuid dhiubh.


Air an aon adhbhar tha sibh cuideachd a' pàigheadh chìsean, oir tha iad nan seirbheisich Dhè, a' frithealadh an nì seo fhèin.


gus a bhith nam mhinisteir de Chrìosd Ìosa dha na Cinnich ann an seirbheis shagartail soisgeul Dhè, airson 's gum bi tabhartas nan Cinneach fìor‑iomchaidh, air a naomhachadh leis an Spiorad Naomh.


Oir bha iad toilichte, agus tha iad fo fhiachan dhaibh. Oir ma thàinig na Cinnich gus a bhith a' faighinn roinn sna gnothaichean spioradail acasan, bu chòir dhaibh cuideachd a bhith a' frithealadh dhaibhsan ann an gnothaichean an t‑saoghail seo.


agus mas clann, mar sin oighreachan – oighreachan do Dhia agus co‑oighreachan cuide ri Crìosd, mas e 's gum fulaing sinn dha‑rìribh còmhla ris, airson 's gun tèid ar glòrachadh còmhla ris.


Oir a chionn 's ann an gliocas Dhè nach b' aithne dhan t‑saoghal Dia tro ghliocas, thoilich e Dia, tro amaideas na tha sinn a' searmonachadh, iadsan a chreideas a shàbhaladh.


Oir tha ministrealachd na seirbheis seo, chan ann a‑mhàin a' solarachadh feumalachdan nan naomh, ach tha e cuideachd a' cur thairis tro thòrr thaingealachdan do Dhia.


Agus mas ann le Crìosd a tha sibh, mar sin is sibhse sìol Abrahàim, oighreachan a rèir a' gheallaidh.


Mar sin biodh fios agaibh gur iadsan a tha dhen chreideamh a tha nam mic do dh'Abrahàm.


Mar sin tha iadsan a tha dhen chreideamh air am beannachadh còmhla ri Abrahàm, an creidmheach.


gu bheil na Cinnich nan co‑oighreachan agus nan co‑bhuill dhen chorp, agus nan co‑luchd‑compàirt dhen ghealladh ann an Crìosd tron t‑soisgeul,


Ach ma tha mi cuideachd air mo dhòrtadh a‑mach air ìobairt is seirbheis ur creideimh, tha mi toilichte 's a' dèanamh gàirdeachais còmhla ribhse uile.


Ach shaoil mi gun robh e deatamach Epaphroditus – mo bhràthair 's mo cho‑obraiche 's mo cho‑shaighdear 's ur teachdaire‑se, agus an neach a fhritheil dham dhìth – a chur thugaibh.


Agus dhuibhse, an fheadhainn a th' air ur claoidh, faochadh còmhla rinne aig foillseachadh an Tighearna Ìosa o nèimh le ainglean a chumhachd


agus, air ar fìrinneachadh tro a ghràs‑san, bhitheamaid nar n‑oighreachan a rèir dòchais na beatha shìorraidh.


Agus tha a h‑uile sagart a' seasamh gach latha a' frithealadh agus gu tric a' tairgsinn nan aon ìobairtean nach urrainn peacaidhean a thoirt air falbh a‑chaoidh.


ciamar a gheibh sinn dol‑às ma nì sinn dearmad air sàbhaladh cho mòr? Às dèidh dha a bhith air aithris leis an Tighearna, chaidh a dhaingneachadh dhuinn leothasan a chuala e.


Agus air a dhèanamh foirfe, chaidh a dhèanamh dhaibhsan uile a bheir ùmhlachd dha, na adhbhar sàbhalaidh sìorraidh,


airson 's nach bi sibh leisg ach nur luchd‑leanmhainn orrasan a shealbhaicheas na geallaidhean tro chreideamh 's tro fhoighidinn.


San aon dòigh, bha Dia a' miannachadh gun tuigeadh oighrean a' gheallaidh gu coileanta nach gabhadh a thoil atharrachadh agus thug e mionnan cuideachd,


Ach a‑nis, fhuair esan ministrealachd a tha cho math nas fheàrr na an cùmhnant air a bheil esan na eadar‑mheadhanair, agus cùmhnant a tha stèidhichte air geallaidhean a tha nas fheàrr.


mar sin cuideachd chaidh Crìosd a thairgsinn suas aon uair gus peacaidhean mhòrain a thoirt air falbh agus bidh e air fhaicinn an dara h‑uair gun pheacadh leothasan a tha ga fheitheamh airson sàbhalaidh.


Èistibh, mo bhràithrean gràdhach! Nach do thagh Dia feadhainn bhochda an t‑saoghail seo gus a bhith beairteach ann an creideamh agus nan oighreachan air rìoghachd Dhè, a gheall e ro‑làimh dhan fheadhainn aig a bheil gràdh dha?


Chaidh fhoillseachadh dhaibh nach b' ann dhaib' fhèin ach dhuibhse a bha iad a' ministrealachadh nan rudan seo, a chaidh a‑nis an innse dhuibh tromhpasan a shearmonaich an deagh sgeul dhuibh san Spiorad Naomh, a chaidh a chur o nèamh, rudan air am miann le ainglean a bhith a' coimhead.


gu oighreachd neo‑bhàsmhor is neo‑thruaillte, agus nach crìon, a th' air a cumail anns na nèamhan dhuibhse,


San aon dòigh, fheara‑pòsta, bithibh beò còmhla ri ur mnathan‑phòsta le tuigse, a' toirt urraim dhaibh, mar le soitheach a tha nas laige, mar cho‑oighreachan air gràs na beatha, gus nach bi ur n‑ùrnaighean air am bacadh.


Agus cuideachd rinn Enoch, a bha dhen t‑seachdamh ginealach o Àdhamh, fàidheadaireachd mun deidhinn, ag ràdh, “Seall, thàinig an Tighearna le deich mìle dhen fheadhainn naomh aige,


Agus chunnaic mi eadar an rìgh‑chathair agus na ceithir creutairean beòtha, agus ann am measg nan èildearan, Uan mar gum biodh e air a mharbhadh, air an robh seachd adhaircean agus seachd sùilean; is iadsan seachd spioradan Dhè, a th' air an cur dhan t‑saoghal gu lèir.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan