Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Eabhraidhich 1:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 Aig iomadh àm 's ann an iomadh dòigh, bhruidhinn Dia o shean ris na h‑athraichean tro na fàidhean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 Dia, a labhair o shean gu minig, agus air iomadh dòigh ris na h‑athraichean leis na fàidhean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 Dia, a labhair o shean gu minig, agus air iomadh dòigh ris na h‑athraichean leis na fàidhean,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 Dia, a labhair air iomadh àm, ʼs air iomadh seol, bho shean ris na h-aithrichean leis na faidhean:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Eabhraidhich 1:1
35 Iomraidhean Croise  

Mar a thuirt e ri ar n‑athraichean, ri Abrahàm agus ri a shliochd gu sìorraidh.”


A dhèanamh tròcair air ar n‑athraichean, agus an cùmhnant naomh aige a chuimhneachadh,


Agus a' tòiseachadh le Maois is o na fàidhean gu lèir, dh'eadar‑mhìnich e dhaibh anns na Sgriobtaran uile na rudan ma thimcheall fhèin.


An uair sin thuirt e riutha, “Is iad seo m' fhaclan‑sa a thuirt mi ribh fhad 's a bha mi fhathast còmhla ribh, gum feumadh a h‑uile sìon a tha sgrìobhte mum dheidhinn‑sa ann an Lagh Mhaois is anns na Fàidhean is anns na Sailm a bhith air a choileanadh.”


Ach nuair a thig esan, Spiorad na Fìrinn, treòraichidh e sibh a‑steach dha gach fìrinn. Oir cha bhruidhinn e uaithe fhèin; ach ge b' e dè a chluinneas e, canaidh e, agus cuiridh e an cèill dhuibhse na tha ri thighinn.


Thug Maois dhuibh an timcheall‑ghearradh (ged nach ann o Mhaois a tha e, ach o na h‑athraichean), agus air sgàth sin timcheall‑ghearraidh sibhse duine air an t‑Sàbaid.


Tha fios againn gun do bhruidhinn Dia ri Maois, ach an duine seo, chan eil fios againn cò às a tha e.”


“Agus tha sinne a' toirt thugaibh an deagh sgeòil dhen ghealladh a thug Dia dha na h‑athraichean,


Agus, mar sin, a chionn 's gum b' e fàidh a bh' ann agus e fiosrach gun robh Dia air bòideachadh le mionnan dha gun suidhicheadh e aon dhe a shliochd air a rìgh‑chathair‑san,


Nuair a bha iad air latha a shuidheachadh air a shon, thàinig iad thuige dhan taigh‑loidsidh aige ann an àireamhan na bu mhotha. O mhadainn gu feasgar rinn e mìneachadh dhaibh, a' toirt fianais a thaobh rìoghachd Dhè agus a' feuchainn ri dhearbhadh dhaibh mu Ìosa, an dà chuid o Lagh Mhaois agus o na Fàidhean.


Neach a dh'fheumas nèamh a ghabhail a‑steach gus an t‑àm nuair a thèid a h‑uile rud aiseag, air an do bhruidhinn Dia le beul nam fàidhean naomha aige o chionn fhada.


ged a chaidh a ràdh ris, “Ach tro Ìsaac bidh do shliochd air ainmeachadh.”


Oir 's ann troimhe a fhuair na sinnsirean teisteanas.


Thoiribh an aire nach diùlt sibh esan a bhruidhneas. Oir, mura do theich iadsan nuair a dhiùlt iad am fear a thug rabhadh air talamh, 's ann gu math nas lugha a theicheas sinne ma dhiùltas sinn am fear a bhruidhneas o nèamh.


Oir ma chaidh am facal a thuirt na h‑ainglean a dhaingneachadh is gun d' fhuair a h‑uile briseadh‑lagha is eas‑ùmhlachd ath‑dhìoladh dligheach;


ciamar a gheibh sinn dol‑às ma nì sinn dearmad air sàbhaladh cho mòr? Às dèidh dha a bhith air aithris leis an Tighearna, chaidh a dhaingneachadh dhuinn leothasan a chuala e.


Agus gu deimhinn bha Maois dìleas na thaigh‑san gu lèir mar sheirbheiseach, mar theisteanas air na rudan a bha rin ràdh às dèidh sin.


Oir nam biodh Iosua air fois a thoirt dhaibh, cha bhiodh Dia air bruidhinn às dèidh sin mu latha eile.


Mar sin cuideachd, cha do ghlòraich Crìosd e fhèin gus a bhith air a dhèanamh na àrd‑shagart, ach esan a thuirt ris: “Is tusa mo Mhac; an‑diugh ghin mi thu.”


Bhruidhinn Maois ris an t‑sluagh gu lèir mun a h‑uile àithne a rèir an lagha, thug e thuige fuil laogh is ghobhar le uisge agus clòimh dhearg is hiosop agus chrath e an dà chuid, air an leabhar fhèin 's air an t‑sluagh,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan