Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Colosianach 2:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 airson 's gum biodh an cridheachan air am misneachadh, às dèidh dhaibh a bhith air an dlùth‑cheangal ri chèile ann an gràdh, airson ruigsinn air uile‑bheairteas làn‑dhearbhachd tuigse, 's air eòlas dìomhaireachd Dhè, as e Crìosd,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Ionnas gum faigheadh an cridhe sòlas, air dhaibh a bhith air an dlùth-cheangal ri chèile ann an gràdh, agus a‑chum uile shaoibhreas an làn dearbhachd tuigse, a‑chum eòlas rùn-diamhair Dhè, eadhon an Athar, agus Chrìosd;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Ionnas gum faigheadh an cridhe sòlas, air dhaibh a bhith air an dlùth‐cheangal ri chèile ann an gràdh, agus a‑chum uile shaoibhreas an làn dearbhachd tuigse, a‑chum eòlas rùn‐diamhair Dhè, eadhon an Athar, agus Chrìosd;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

2 'S ann a tha mi ag iarraidh gum bi an cridheachan air am misneachadh, 's gum bi iad air an aonadh ri chèile ann an gràdh. Gheibh iad mar sin tuigse agus gliocas ann an làn phailteas, gus a bhith a' faighinn fìor eòlas air an diamhaireachd a dh'fhoillsich Dia, 's e sin Crìosd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Gus an cridheachan a bhith air am furtachadh, ʼs iad air an teagasg ann an carrantachd, agus anns a h-uile saibhreas lanachd tuigse, gu ruighinn air eolas mistire Dhe, an t-Athair, agus Iosa Criosta,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Colosianach 2:2
58 Iomraidhean Croise  

Aig an àm sin thuirt Ìosa, “Tha mi a' toirt taing dhut, O Athair, a Thighearna nèimh is na talmhainn, gun do dh'fhalaich thu na rudan seo o dhaoine glic is tuigseach agus gun do dh'fhoillsich thu iad do leanabanan.


Chaidh a h‑uile rud a thoirt dhòmhsa lem Athair, agus chan aithne do neach sam bith am Mac ach an t‑Athair; cha mhotha as aithne do neach sam bith an t‑Athair ach am Mac agus neach sam bith dhan toigh leis a' Mhac fhoillseachadh.


Agus fhreagair e iad, “Chaidh a thoirt dhuibhse eòlas a bhith agaibh air dìomhaireachdan rìoghachd nèimh, ach dhaibhsan cha deach a thoirt.


A chionn 's gu bheil mòran air gabhail os làimh cunntas a chur ri chèile mu na rudan a chaidh a choileanadh nar measg‑ne,


Mise agus an t‑Athair, is aon sinn.”


Ach ma nì mi iad, ged nach eil sibh gam chreidsinn‑sa, creidibh na h‑obraichean, airson gum bi fios agaibh agus gun tuig sibh gu bheil an t‑Athair annamsa, agus mise anns an Athair.”


A h‑uile rud a th' aig an Athair, is ann leamsa a tha e; b' ann air an adhbhar sin a thuirt mi gun gabh e dhem chuid‑sa, agus gun cuir e an cèill dhuibhse e.


Agus is i seo a' bheatha shìorraidh, gum biodh eòlas aca ortsa an t‑aon Dia fìor, agus airsan a chuir thu a‑mach, Ìosa Crìosd.


Ach fhreagair Ìosa iad, “Tha m' Athair ag obair chun a seo, agus tha mise ag obair.”


airson 's gun toireadh na h‑uile urram dhan Mhac mar a bheir iad urram dhan Athair. An neach nach toir urram dhan Mhac, chan eil e a' toirt urraim dhan Athair a chuir a‑mach e.


Agus tha sinne air creidsinn, agus air tighinn gus a bhith a' tuigsinn, gur tusa Aon Naomh Dhè.”


Agus bha a' chuideachd dhiubhsan a chreid de dh'aon chridhe is anam, agus cha tuirt neach sam bith gum bu leis fhèin a bha gin dhe na rudan a bu sheilbh dha, ach bha a h‑uile rud aca gu coitcheann.


Gum biodh Dia an dòchais gur lìonadh leis a h‑uile h‑aoibhneas is sìth ann a bhith a' creidsinn, airson 's gum biodh sibh a' cur thairis le dòchas, tro chumhachd an Spioraid Naoimh.


A‑nis dhàsan a tha comasach air sibhse a stèidheachadh a rèir mo shoisgeul‑sa agus searmonachadh Ìosa Crìosd, a rèir taisbeanadh an dìomhaireachd a bh' air a chumail falaichte airson linntean fada,


No a bheil thu a' gabhail ort fhèin saidhbhreas a' choibhneis 's an fhad‑fhulangais 's an fhoighidinn aige a chur an dìmeas, gun fhios agad gu bheil coibhneas Dhè gad threòrachadh‑sa gu aithreachas?


Oir is urrainn dhuibh uile fàidheadaireachd a dhèanamh, gach neach às dèidh a chèile, airson 's gun ionnsaich a h‑uile neach agus gum bi a h‑uile neach air a mhisneachadh,


A‑nis tha sinn air sealbhachadh, chan e spiorad an t‑saoghail, ach an Spiorad a tha o Dhia, airson 's gun tuigeamaid na rudan a chaidh a thoirt dhuinn gu saor le Dia.


Chan eil Iùdhach no Greugach, chan eil daor no saor, chan eil fireann no boireann ann; oir tha sibh uile nur n‑aon ann an Crìosd Ìosa.


Annsan tha saorsa againn tro fhuil‑san, mathanas ar peacaidhean, a rèir beairteas a ghràis,


gun ceadaicheadh e dhuibh, a rèir beairteas a ghlòire, a bhith air ur neartachadh le cumhachd tro a Spiorad‑san san duine air an taobh a‑staigh,


mar sin gun robh, an dìomhaireachd air a dèanamh aithnichte dhomh tro thaisbeanadh, mar a sgrìobh mi roimhe gu h‑aithghearr.


Tha mi air a chur thugaibh airson an adhbhair seo fhèin, airson 's gum biodh fios nan rudan a bhuineas dhuinne agaibh, agus gun toireadh e cofhurtachd dhur cridheachan.


Mar sin, ma tha misneachd sam bith ann an Crìosd, ma tha cofhurtachd sam bith gràidh ann, ma tha co‑chomann sam bith an Spioraid ann, ma tha bàidh sam bith is truas ann,


Ach dha‑rìribh, tha mi a' meas a h‑uile sìon na chall, air sgàth sàr‑luach eòlais Chrìosd Ìosa mo Thighearna, dhan do dh'fhuiling mi a h‑uile nì a chall, 's tha mi gam meas mar sgudal airson 's gum buannaichinn Crìosd,


an dìomhaireachd a bha falaichte o na linntean agus o ghinealaich, ach a‑nis a th' air fhoillseachadh dha naoimh‑san,


dhan do rùnaich Dia a dhèanamh aithnichte am measg nan Cinneach dè a th' ann am beairteas glòir na dìomhaireachd seo, is e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire.


Air an adhbhar seo cuideachd, on latha a chuala sinn e, chan eil sinne air sgur a dhèanamh ùrnaigh air ur son‑se 's a' guidhe gum biodh sibh air ur lìonadh le eòlas a thoil‑san sa h‑uile gliocas is tuigse spioradail,


agus gun a bhith a' cumail grèim daingeann air a' Cheann om bheil an corp gu lèir air a bheathachadh 's air a cheangal ri chèile tro uilt is cheanglaichean, a' fàs le fàs Dhè.


Thar nan rudan seo gu lèir cuiribh gràdh oirbh, nì a tha na cheangal coileantais.


ag ùrnaigh aig an aon àm air ar son‑ne cuideachd gum fosgladh Dia doras dhuinn airson an fhacail, gus an cuir sinn an cèill dìomhaireachd Chrìosd, dham bheil mise air mo phrìosanachadh,


Chuir mi esan thugaibh airson an adhbhair seo fhèin, gum biodh fios aige mur staid, is gun toireadh e cofhurtachd dhur cridheachan,


oir cha tàinig ar soisgeul‑ne thugaibhse ann am facal a‑mhàin, ach cuideachd ann an cumhachd, agus san Spiorad Naomh, agus le mòran dearbhaidh, eadhon mar a tha fios agaibh air dè an seòrsa dhaoine a bh' annainne nur measg agus air ur son.


Agus chuir sinn Timòteus thugaibh, ar bràthair agus co‑obraiche Dhè ann an soisgeul Chrìosd, gus an stèidhicheadh e sibh agus gum misnicheadh e sibh a thaobh ur creideimh.


Agus tha sinn gur misneachadh, a bhràithrean: comhairlichibh iadsan a tha dìomhain, thoiribh cofhurtachd dhaibhsan aig nach eil misneachd, cumaibh suas iadsan a tha lag, bithibh foighidneach le gach neach.


Agus feumaidh e a bhith air aideachadh gur mòr dìomhaireachd na diadhaidheachd: a bh' air fhoillseachadh san fheòil, air a dhearbhadh fìreanta leis an Spiorad, air fhaicinn le ainglean, air a shearmonachadh am measg nan Cinneach, a chaidh creidsinn ann anns an t‑saoghal, 's a bha air a thogail suas ann an glòir.


rachamaid dlùth le cridhe fìor, ann an làn earbsa a' chreideimh le cridheachan air an crath‑ghlanadh o dhroch chogais, agus ar cuirp air an nighe le uisge glan.


Tha miann againn gun seall gach neach agaibh an dearbh èasgaidheachd mu choileanadh ur dòchais chun an deiridh,


An àite sin, a bhràithrean, bithibh buileach dìcheallach airson ur gairm 's ur taghaidh a dhèanamh cinnteach, oir ann a bhith a' dèanamh nan rudan seo, cha tuislich sibh idir.


Chaidh gach nì a thoirt dhuinne mar thiodhlac, tron chumhachd dhiadhaidh aigesan, airson beatha is diadhaidheachd, tro eòlas airsan a ghairm sinn gu a ghlòir fhèin agus gu sàr‑mhathais.


Ach fàsaibh ann an gràs is eòlas ar Tighearna 's ar Slànaigheir Ìosa Crìosd. Dhàsan gu robh glòir, a‑nis agus gu sìorraidh. Amen.


Agus mar seo tha fios againn gum buin sinn dhan fhìrinn, agus gun toir seo dearbhachd dhar cridheachan na làthair‑san.


Oir tha triùir ann a tha a' toirt fianais,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan