Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




Colosianach 1:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Air an adhbhar seo cuideachd, on latha a chuala sinn e, chan eil sinne air sgur a dhèanamh ùrnaigh air ur son‑se 's a' guidhe gum biodh sibh air ur lìonadh le eòlas a thoil‑san sa h‑uile gliocas is tuigse spioradail,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Air an adhbhar seo, chan eil sinne mar an ceudna a’ sgur on là a chuala sinn e, a dhèanamh ùrnaigh air ur son-se, agus a ghuidhe gum biodh sibh air ur lìonadh le eòlas a thoile, anns an uile ghliocas agus thuigse spioradail;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Air an adhbhar seo, chan eil sinne mar an ceudna a’ sgur on là a chuala sinn e, a dhèanamh ùrnaigh air ur son‐se, agus a ghuidhe gum biodh sibh air ur lìonadh le eòlas a thoile, anns an uile ghliocas agus thuigse spioradail;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Ann An Gàidhlig an Latha An-diugh 1986

9 Chan eil sinne, mar sin, a' sgur a dh'ùrnaigh air ur son on chiad là a chuala sinn mur deidhinn. Tha sinn ag iarraidh gum bi sibh air ur lìonadh le fìor eòlas air toil Dhè, 's gum faigh sibh a h‑uile seòrsa gliocais agus breithneachaidh spioradail.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Uime sin, bho ʼn latha a chuala sinn so, cha n-eil sinn a lasachadh a g-urnaigh air ur son, agus a g-iarraidh sibh a bhith air ur lionadh le eolas air a thoil, anns a h-uile gliocas agus tuigse spioradail:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




Colosianach 1:9
35 Iomraidhean Croise  

Ma tha neach sam bith ag iarraidh toil Dhè a dhèanamh, bidh fios aige mun teagasg, an ann o Dhia a tha e, no a bheil mise a' bruidhinn uam fhèin.


Mar sin chaidh Peadar a chumail sa phrìosan, ach bha ùrnaigh dhùrachdach ga dèanamh ri Dia air a shon leis an eaglais.


Na bithibh air ur cumadh ris an t‑saoghal seo, ach bithibh air ur cruth‑atharrachadh tro ath‑nuadhachadh ur n‑inntinn, airson 's gun dearbh sibh dè toil Dhè – dè a tha math is iomchaidh is coileanta.


gun robh sibh sa h‑uile dòigh air ur dèanamh saidhbhir annsan anns a h‑uile facal agus sa h‑uile h‑eòlas –


a thug e dhuinn gu lìonmhor, sa h‑uile gliocas is tuigse,


a' dearbhadh dè a tha tlachdmhor dhan Tighearna.


Mar sin na bithibh amaideach ach tuigibh dè i toil an Tighearna.


chan ann le seirbheis sùile, mar fheadhainn a thoilicheas daoine, ach mar sheirbheisich Chrìosd, a' dèanamh toil Dhè on anam,


an‑còmhnaidh nam uile ùrnaigh a' guidhe air ur son gu lèir le aoibhneas,


a th' air tighinn thugaibh, dìreach mar a tha e a' toirt a‑mach toraidh 's a' fàs san t‑saoghal gu lèir, eadhon mar a tha e cuideachd a' dèanamh nur measg‑se, on latha san cuala sibh e 's a thuig sibh gràs Dhè ann am fìrinn;


Leigibh le facal Dhè còmhnaidh a ghabhail annaibh gu saidhbhir, leis a h‑uile gliocas a' teagasg 's a' comhairleachadh a chèile le sailm is le laoidhean is le òrain spioradail, a' seinn le taingealachd nur cridheachan do Dhia.


Tha Epaphras – a tha dhib' fhèin – seirbheiseach Chrìosd, a' cur fàilte oirbh, an‑còmhnaidh a' strì gu dùrachdach na ùrnaighean air ur son, airson 's gun seas sibh coileanta is làn‑chinnteach ann an uile thoil Dhè.


Coisichibh le gliocas a thaobh nam muinntir a th' air an taobh a‑muigh, a' cleachdadh an ama san dòigh as fheàrr.


a' cuimhneachadh air obair ur creideimh, agus saothair ur gràidh, agus leanaltas ur dòchais nar Tighearna Ìosa Crìosd, fa chomhair ar Dia 's ar n‑Athair.


Dèanaibh ùrnaigh gun sgur.


Air an adhbhar sin tha sinne cuideachd ag ùrnaigh an‑còmhnaidh air ur son‑se, gum biodh sibh air ur cunntadh airidh air gairm ar Dia agus gum biodh gach iarrtas math air a choileanadh, agus obair a' chreideimh le cumhachd.


Tha mi a' toirt taing dham Dhia, a' toirt iomradh ort an‑còmhnaidh nam ùrnaighean,


airson 's gum bi co‑chomann do chreideimh èifeachdach ann a bhith ag aideachadh a h‑uile rud math a th' againn ann an Crìosd.


Oir tha feum agaibh air fulangas airson duais ur geallaidh fhaighinn às dèidh toil Dhè a dhèanamh.


gur coileanadh leis gach rud math airson a thoil a dhèanamh, ag obrachadh nar measg na tha taitneach fa chomhair‑san, tro Ìosa Crìosd; dhàsan gu robh glòir fad saoghal nan saoghal. Amen.


Ach ma tha dìth gliocais air neach sam bith agaibh, iarradh e air Dia e – esan a tha a' toirt gu fialaidh dhan a h‑uile neach gun dìmeas a dhèanamh – agus thèid a thoirt dha.


Ach tha an gliocas a tha o shuas sa chiad dhol‑a‑mach fìorghlan, an uair sin sìtheil, caomh, furasta a chomhairleachadh, làn tròcaire is deagh thoraidhean, saor o chlaon‑bhreith 's o cheilg,


Oir is e seo toil Dhè, gun cuireadh sibh gu tosd amaideas dhaoine gòrach le math a dhèanamh,


airson 's nach bi sibh beò nas motha san ùine a th' air fhàgail ann an ana‑miannan dhaoine, ach ann an toil Dhè.


Agus tha an saoghal a' dol seachad, 's a chuid ana‑miann; ach mairidh am fear a nì toil Dhè gu sìorraidh.


Agus tha fios againn gun tàinig Mac Dhè agus gun tug e dhuinne tuigse airson 's gum bi eòlas againn airsan a tha fìor, agus tha sinne annsan a tha fìor, na Mhac, Ìosa Crìosd. Is esan an Dia fìor agus a' bheatha shìorraidh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan