Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




3 Eòin 1:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Mar sin, bu chòir dhuinne gabhail ri an leithidean sin, airson 's gum bi sinn nar co‑luchd‑obrach dhan fhìrinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Uime sin tha e mar fhiachan oirnne gabhail rin leithidean sin, a‑chum gum bitheamaid nar co‑shaothraichean don fhìrinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Uime sin tha e mar fhiachan oirnne gabhail rin leithidean sin, a‑chum gum bitheamaid nar co‑shaothraichean don fhìrinn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Is còir dhuinne ma ta gabhail ri ʼn leithidean sin, gus sinn a bhith ʼnar comh-oibrichean na firinne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




3 Eòin 1:8
17 Iomraidhean Croise  

Agus mura gabh no nach èist neach sam bith ri ur briathran, crathaibh an dust o ur casan nuair a dh'fhàgas sibh an taigh no am baile sin.


“Ge b' e cò a ghabhas ribhse, gabhaidh e riumsa, agus ge b' e a ghabhas riumsa, gabhaidh e ris an Aon a chuir a‑mach mi.


“Agus freagraidh esan on taobh a‑staigh, ‘Na cuir dragh orm; tha an doras a‑nis dùinte, agus tha mo leanabanan còmhla rium anns an leabaidh. Chan urrainn dhomh èirigh is rudeigin a thoirt dhut.’


Agus ag obrachadh còmhla ris, tha sinne cuideachd a' dèanamh tagradh ribh gun gràs Dhè a ghabhail gu dìomhain.


A thaobh Thìtuis, is esan mo chompanach 's mo cho‑obraiche nur measg‑se; a thaobh ar bràithrean, is iadsan teachdairean nan eaglaisean, glòir Chrìosd.


Seadh, tha mi ag iarraidh ortsa cuideachd, a chompanaich dhìleis, na boireannaich seo a rinn saothair còmhla riumsa san t‑soisgeul a chuideachadh, cuide ri Clemens 's an còrr dhem cho‑luchd‑obrach, aig a bheil an ainmean ann an leabhar na beatha.


agus Ìosa, ris an canar Iustus. Is iadsan an aon fheadhainn dhen timcheall‑ghearradh a tha nan co‑luchd‑obrach dhòmhsa airson rìoghachd Dhè, agus tha iad air a bhith nan cofhurtachd dhomh.


Agus chuir sinn Timòteus thugaibh, ar bràthair agus co‑obraiche Dhè ann an soisgeul Chrìosd, gus an stèidhicheadh e sibh agus gum misnicheadh e sibh a thaobh ur creideimh.


gu Apphia ghràdhach, agus gu Archippus ar co‑shaighdear, agus chun na h‑eaglaise a tha nad thaigh.


agus Marcas, Aristarchus, Dèmas agus Lùcas, mo cho‑obraichean.


Mar sin, ma thig mi, cuiridh mi an cuimhne na gnìomhan a tha e a' dèanamh, gar càineadh le faclan olca, agus air sgàth 's nach eil sin a' fòghnadh dha, chan eil e fhèin a' gabhail ris na bràithrean agus tha e gam bacadh‑san a tha a' gabhail riutha, agus gan tilgeil a‑mach às an eaglais.


Oir chaidh iad a‑mach air sgàth an Ainm, gun sìon a ghabhail o na cinnich.


Sgrìobh mi rudeigin chun na h‑eaglaise, ach cha do ghabh Diotrephes, leis am miann a bhith na cheannard orra, rinne.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan