Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




3 Eòin 1:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 Fhir ghràdhaichte, tha thu a' dèanamh gu dìleas na nì thu airson nam bràithrean agus airson nan coigreach,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 A bhràthair ghràdhaich, is dìleas a nì thu gach nì a tha thu a’ dèanamh do na bràithrean, agus do choigrich;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 A bhràthair ghràdhaich, is dìleas a nì thu gach nì a tha thu a’ dèanamh do na bràithrean, agus do choigrich;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Fhir ro ghradhaichte, tha thu dileas anns gach saothair, a tha thu gabhail air son nam braithrean, ʼs air son nan coigreach mar an ciadna,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




3 Eòin 1:5
13 Iomraidhean Croise  

“Cò, mar sin, a tha na sheirbheiseach dìleas agus glic, a chuir a mhaighstir os cionn seirbheisich a thaighe, a thoirt am bìdh dhaibh aig an àm cheart?


Chaidh am fear a fhuair na còig tàlannan is rinn e malairt leotha agus bhuannaich e còig tàlannan eile.


Agus thuirt an Tighearna, “Cò e mar sin an stiùbhard dìleas is glic sin a chuireas a mhaighstir os cionn a theaghlaich, airson an roinn bìdh a thoirt dhaibh aig an àm cheart?


Anns na làithean sin sheas Peadar am measg nam bràithrean (b' e àireamh na feadhna a bha an làthair mu cheud is fichead) agus thuirt e,


Cuidichibh le feumalachdan nan naomh agus thoiribh aoigheachd.


Mar sin, fhad 's a tha an cothrom againn, dèanamaid math dhan a h‑uile duine, agus gu h‑àraidh dhaibhsan a tha de theaghlach a' chreideimh.


Agus ge b' e dè a nì sibh, ann am facal no ann an gnìomh, dèanaibh iad uile ann an ainm an Tighearna Ìosa, a' toirt taing do Dhia an t‑Athair troimhesan.


'S na dèanaibh dearmad air aoigheachd, oir le seo, gun fhios dhaibh, thug feadhainn aoigheachd do dh'ainglean.


Mar sin, ma thig mi, cuiridh mi an cuimhne na gnìomhan a tha e a' dèanamh, gar càineadh le faclan olca, agus air sgàth 's nach eil sin a' fòghnadh dha, chan eil e fhèin a' gabhail ris na bràithrean agus tha e gam bacadh‑san a tha a' gabhail riutha, agus gan tilgeil a‑mach às an eaglais.


Rinn mi mòran toileachas nuair a thàinig bràithrean agus a thug iad fianais mun fhìrinn agad, dìreach mar a tha thu a' coiseachd anns an fhìrinn.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan