Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




3 Eòin 1:10 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

10 Mar sin, ma thig mi, cuiridh mi an cuimhne na gnìomhan a tha e a' dèanamh, gar càineadh le faclan olca, agus air sgàth 's nach eil sin a' fòghnadh dha, chan eil e fhèin a' gabhail ris na bràithrean agus tha e gam bacadh‑san a tha a' gabhail riutha, agus gan tilgeil a‑mach às an eaglais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

10 Uime sin ma thig mi, cuiridh mi an cuimhne a obraichean a tha e a’ dèanamh, a’ bith-labhairt nar n‑aghaidh le briathran aingidh: agus cha leòr leis sin, ach cha mhò a tha e fhèin a’ gabhail ris na bràithrean, agus tha e a’ bacadh na dream leis am b’àill, agus gan tilgeadh a‑mach as an eaglais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

10 Uime sin ma thig mi, cuiridh mi an cuimhne a obraichean a tha e a’ dèanamh, a’ bith‐labhairt nar n‑aghaidh le briathran aingidh: agus cha leòr leis sin, ach cha mhò a tha e fhèin a’ gabhail ris na bràithrean, agus tha e a’ bacadh na dream leis am b’àill, agus gan tilgeadh a‑mach as an eaglais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

10 Air an aobhar sin ma thig mi, ni mi follaiseach na gniomhan a tha e dianamh, a glagaireachd ʼnar n-aghaidh-ne le cainnt dhroch-mheinnich; ʼs mar nach foghnadh so leis, cha n-eil e fhein a gabhail ris na braithrean, ʼs tha e gam bacail-san a tha gabhail riu, agus gan tilgeadh a mach as an eaglais.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




3 Eòin 1:10
16 Iomraidhean Croise  

Is beannaichte sibh, nuair a bheir daoine fuath dhuibh, agus a dhùineas iad a‑mach sibh agus a bheir iad droch bheul dhuibh agus a dhiùltas iad mar olc ur n‑ainm, air sgàth Mhic an Duine.


Thuirt a phàrantan na briathran seo a chionn 's gun robh eagal nan Iùdhach orra, oir bha na h‑Iùdhaich air aontachadh mu thràth, nan aidicheadh duine sam bith gum b' esan Crìosd, gun deigheadh a chur às an t‑sionagog.


Anns na làithean sin sheas Peadar am measg nam bràithrean (b' e àireamh na feadhna a bha an làthair mu cheud is fichead) agus thuirt e,


Dh'innis mi roimhe 's tha mi ga ràdh ro‑làimh – mar gum bithinn an làthair an dara h‑uair, agus a‑nis 's mi às ur làthair – ris an fheadhainn a pheacaich roimhe agus ris a' chòrr gu lèir – ma thig mi thugaibh a‑rithist – nach caomhain mi iad –


Mar sin, fhad 's a tha an cothrom againn, dèanamaid math dhan a h‑uile duine, agus gu h‑àraidh dhaibhsan a tha de theaghlach a' chreideimh.


Agus aig an aon àm tha iad ag ionnsachadh a bhith leisg, a' siubhal nan taighean, agus chan ann a‑mhàin leisg, ach cuideachd nan gobairean 's a' gabhail gnothaich ri rudan nach buin dhaibh, a' bruidhinn air rudan nach bu chòir dhaibh.


Ma thig neach sam bith thugaibh agus nach toir e leis an teagasg seo, na gabhaibh a‑steach dhur taigh e, agus na cuiribh fàilte air.


Tha mòran rudan agam ri sgrìobhadh thugaibh, ach chan eil mi airson pàipear is dubh a chosg. Agus tha dòchas agam tighinn thugaibh agus bruidhinn ribh aghaidh ri aghaidh airson 's gum bi ar sòlas làn.


Rinn mi mòran toileachas nuair a thàinig bràithrean agus a thug iad fianais mun fhìrinn agad, dìreach mar a tha thu a' coiseachd anns an fhìrinn.


Fhir ghràdhaichte, tha thu a' dèanamh gu dìleas na nì thu airson nam bràithrean agus airson nan coigreach,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan