Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Timòteus 2:2 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

2 Agus na chuala tu uamsa tro mhòran fhianaisean, earb na rudan sin ri daoine dìleas, a bhios comasach air daoine eile a theagasg cuideachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

2 Agus na nithean a chuala tu uamsa am measg mòran fhianaisean, earb thusa na nithean sin fhèin ri daoine fìrinneach, a bhios iomchaidh daoine eile a theagasg mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

2 Agus na nithean a chuala tu uamsa am measg mòran fhianaisean, earb thusa na nithean sin fhèin ri daoine fìrinneach, a bhios iomchaidh daoine eile a theagasg mar an ceudna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

2 Agus na nichean a chual thu bhuamsa an lathair moran fhianuisean, iad sin earb ri daoine dileas, a bhios freagrach gu daoine eile a theagasg mar an ciadna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Timòteus 2:2
33 Iomraidhean Croise  

Agus thuirt e riutha, “Mar sin, tha gach sgrìobhaiche a th' air oideachadh airson rìoghachd nèimh coltach ri maighstir‑taighe, a bheir a‑mach rudan ùra is sean às an ionmhas aige.”


Seallaibh, tha mi air innse dhuibh ro‑làimh.


Agus thuirt an Tighearna, “Cò e mar sin an stiùbhard dìleas is glic sin a chuireas a mhaighstir os cionn a theaghlaich, airson an roinn bìdh a thoirt dhaibh aig an àm cheart?


A thuilleadh air a seo, tha e air iarraidh air stiùbhardan gum bi iad air am faighinn airidh air earbsa.


Ach taing do Dhia, a tha an‑còmhnaidh gar treòrachadh gu buadhach ann an Ìosa Crìosd agus tromhainne a' foillseachadh fàileadh eòlais fhèin anns gach àite:


Chan e gu bheil sinn comasach anainn fhèin air smaoineachadh gu bheil nì sam bith a' tighinn uainn fhèin, ach tha ar comas o Dhia,


dìreach mar a dh'ionnsaich sibh e o Epaphras, ar co‑sheirbheiseach gràdhach, a tha air ur son‑se gu lèir na mhinistear dìleas do Chrìosd,


Tha taingealachd agam dhàsan a neartaich mi, Crìosd Ìosa ar Tighearna, air sgàth gun do mheas e mi dìleas, gam chur na sheirbheis.


An t‑òrdugh seo tha mi ag earbsadh riutsa, a Thimòteuis, a mhic, a rèir nam fàidheadaireachdan a chaidh an dèanamh mud dheidhinn‑sa roimhe, gus an cath thu tromhpa an deagh chath.


Na dèan dìmeas air an tiodhlac a th' annad, a chaidh a thoirt dhut tro fhàidheadaireachd còmhla ri sìneadh làmhan chomhairle nan èildear ort.


Le bhith a' cur nan rudan seo mu choinneamh nam bràithrean bidh thu nad dheagh sheirbheiseach do dh'Ìosa Crìosd, air do bheathachadh le faclan a' chreideimh agus leis an deagh theagasg a tha thu air a leantainn.


Na sìn do làmhan gu h‑aithghearr air neach sam bith, 's na biodh compàirt agad ann am peacaidhean fheadhainn eile; glèidh thu fhèin gu fìorghlan.


Cath deagh chath a' chreideimh, greimich air a' bheatha shìorraidh dhan deach do ghairm agus dhan do dh'aidich thu an deagh aideachadh mu choinneamh mhòran fhianaisean.


Ach lean thusa mi gu faiceallach ann an: teagasg, dòigh‑beatha, rùn, creideamh, foighidinn, gràdh, leanaltas,


Ach lean thusa ort anns na rudan sin a dh'ionnsaich thu 's air an d' fhuair thu dearbh‑chinnt, le fios agad cò uaithe a dh'ionnsaich thu iad,


Air an adhbhar sin, bha e mar fhiachaibh air a bhith air a dhèanamh coltach ri a bhràithrean sa h‑uile sìon, airson 's gum biodh e na àrd‑shagart tròcaireach agus dìleas anns na bhuineadh do Dhia, gus rèite a dhèanamh airson pheacaidhean an t‑sluaigh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan