Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Timòteus 2:15 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

15 Dèan a h‑uile dìcheall thu fhèin a nochdadh dearbhte do Dhia, neach‑obrach gun nàire, a' mìneachadh facal na fìrinne gu ceart.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

15 Dèan dìcheall air thu fhèin a nochdadh dearbhte do Dhia, ad shaothraiche nach ruig a leas nàire a ghabhail, a’ roinn facal na fìrinn gu ceart.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

15 Dèan dìcheall air thu fhèin a nochdadh dearbhte do Dhia, ad shaothraiche nach ruig a leas nàire a ghabhail, a’ roinn facal na fìrinn gu ceart.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

15 Thoir deagh aire gun giulan thu thu fhein taitneach do Dhia, na dʼ fhear oibre nach ruig a leas nàire ghabhail, a cur an ceill facal na firinne mar is còir:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Timòteus 2:15
29 Iomraidhean Croise  

Agus thuirt e riutha, “Mar sin, tha gach sgrìobhaiche a th' air oideachadh airson rìoghachd nèimh coltach ri maighstir‑taighe, a bheir a‑mach rudan ùra is sean às an ionmhas aige.”


Le mòran chosamhlachdan dhen leithid sin bhruidhinn e am facal riutha, a rèir mar a b' urrainn dhaibh èisteachd.


Agus thuirt an Tighearna, “Cò e mar sin an stiùbhard dìleas is glic sin a chuireas a mhaighstir os cionn a theaghlaich, airson an roinn bìdh a thoirt dhaibh aig an àm cheart?


“Fheara Israeil, èistibh ris na briathran seo: Ìosa o Nàsaret, duine a chaidh a dhearbhadh le Dia dhuibhse, le obraichean cumhachdach is iongantasan is comharraidhean, a rinn Dia troimhesan nur measg‑se, mar tha fios agaib' fhèin,


Oir cha do tharraing mi air ais o chomhairle Dhè gu lèir a chur an cèill dhuibh.


Oir an neach a nì an t‑seirbheis seo do Chrìosd tha e taitneach do Dhia agus air a dheagh mheasadh le daoine.


Cuiribh fàilte air Apelles, a th' air a dheagh mheasadh ann an Crìosd. Cuiribh fàilte orrasan a bhuineas do theaghlach Aristobuluis.


Na toiribh ur buill dhan pheacadh mar ionnsramaidean na h‑eucoir; ach thoiribh sib' fhèin do Dhia mar iadsan a th' air a bhith air an toirt o bhàs gu beatha, agus ur buill do Dhia mar ionnsramaidean fìreantachd.


A dh'aindeoin sin am measg nan inbheach tha sinn a' bruidhinn gliocas, ged nach e gliocas na linne seo a th' ann no gliocas riaghladairean na linne seo, a tha a' tighinn gu neoni.


Oir chan e an neach a tha ga mholadh fhèin a th' air a dheagh mheasadh, ach an neach a tha an Tighearna a' moladh.


a tha air ar dèanamh comasach air a bhith nar ministearan de thiomnadh nuadh; chan ann den litir, ach den Spiorad; oir tha an litir a' marbhadh, ach tha an Spiorad a' beothachadh.


Ach chuir sinn cùl ri rudan falaichte na nàire, chan ann a' coiseachd ann an ceilg, no a' fiaradh facal Dhè, ach le foillseachadh na fìrinn, gar moladh fhèin do chogais gach neach ann an sealladh Dhè.


Mar sin tha e mar amas againn cuideachd, ge b' ann aig an dachaigh no air falbh uaithe, a bhith ga thoileachadh.


Oir a bheil mi a‑nis a' feuchainn ri moladh dhaoine fhaighinn, no moladh Dhè? No a bheil mi a' strì gus daoine a thoileachadh? Nam bithinn fhathast a' feuchainn ri daoine a thoileachadh, cha bhithinn nam sheirbheiseach do Chrìosd.


Annsan tha sibhse cuideachd, às dèidh dhuibh èisteachd ri facal na fìrinn, soisgeul ur sàbhalaidh, agus às dèidh dhuibh creidsinn ann, chaidh ur seuladh le Spiorad Naomh a' gheallaidh,


ach eadhon mar a bha sinn taitneach le Dia, 's an soisgeul air earbsadh rinn. Mar sin, tha sinn a' bruidhinn, chan ann a' toileachadh dhaoine, ach Dia, a tha a' dearbhadh ar cridheachan.


Agus tha sinn gur misneachadh, a bhràithrean: comhairlichibh iadsan a tha dìomhain, thoiribh cofhurtachd dhaibhsan aig nach eil misneachd, cumaibh suas iadsan a tha lag, bithibh foighidneach le gach neach.


Le bhith a' cur nan rudan seo mu choinneamh nam bràithrean bidh thu nad dheagh sheirbheiseach do dh'Ìosa Crìosd, air do bheathachadh le faclan a' chreideimh agus leis an deagh theagasg a tha thu air a leantainn.


Feuchamaid ma‑thà air a dhol a‑steach dhan fhois sin air eagal 's gun tuit fear sam bith a rèir an aon seòrsa eiseimpleir de dh'eas‑ùmhlachd.


Is beannaichte an duine a dh'fhuilingeas buaireadh, oir air a dhearbhadh, gheibh e crùn na beatha, a gheall Dia dhan fheadhainn aig a bheil gràdh dha.


Le a thoil fhèin ghin e sinn le facal na fìrinne, airson 's gum biodh sinne nar seòrsa de chiad‑toraidh de a chreutairean.


An àite sin, a bhràithrean, bithibh buileach dìcheallach airson ur gairm 's ur taghaidh a dhèanamh cinnteach, oir ann a bhith a' dèanamh nan rudan seo, cha tuislich sibh idir.


Agus nì mi a h‑uile dìcheall an‑còmhnaidh, gum bi na rudan seo agaibh nur cuimhne às dèidh dhomh fàgail.


Mar sin, a mhuinntir ghràdhaichte, a chionn 's gu bheil sibh a' feitheamh airson nan rudan seo, dèanaibh ur dìcheall a bhith air ur faighinn gun spot is gun smal leis‑san ann an sìth.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan