Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Timòteus 1:18 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

18 Gun toireadh an Tighearna dhàsan gum faigheadh e tròcair on Tighearna san Latha sin, agus is math as aithne dhut na rinn e de sheirbheis ann an Ephesus.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

18 Gun deònaicheadh an Tighearna dhàsan gum faigh e tròcair on Tighearna anns an là sin: agus tha sàr-fhios agad, cia lìon nithean anns an do rinn e frithealadh dhomh ann an Ephesus.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

18 Gun deònaicheadh an Tighearna dhàsan gum faigh e tròcair on Tighearna anns an là sin: agus tha sàr‐fhios agad, cia lìon nithean anns an do rinn e frithealadh dhomh ann an Ephesus.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

18 Gun deonaich an Tighearna dha gun ruig e air trocair bho ʼn Tighearna san latha sin. Agus is ro mhath tha fhios agad fhein a liuthad ni, anns na fhreasdail e ormsa ann an Ephesus.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Timòteus 1:18
26 Iomraidhean Croise  

A dhèanamh tròcair air ar n‑athraichean, agus an cùmhnant naomh aige a chuimhneachadh,


air sgàth tròcair chaomh ar Dè‑ne, leis an tadhail èirigh‑na‑grèine oirnn on àirde


agus Ioanna bean Chusa, stiùbhard Heroid, agus Susanna, agus mòran eile, a fhritheil dhaibh a‑mach às an cuid fhèin.


Agus thàinig iad gu Ephesus, agus dh'fhàg e an sin iad. Ach chaidh e fhèin a‑steach dhan t‑sionagog, agus reusanaich e ris na h‑Iùdhaich.


Ach a' fàgail soraidh leotha thuirt e, “Tillidh mi thugaibh mas e toil Dhè e,” agus sheòl e o Ephesus.


Agus thachair, fhad 's a bha Apollos aig Corint, gun deach Pòl tro sgìrean àrd na tìre agus thàinig e gu Ephesus. An sin fhuair e cuid de dheisciobail.


a neartaicheas cuideachd sibh chun an deiridh, gun chionta air latha ar Tighearna Ìosa Crìosd.


Ach fuirichidh mi ann an Ephesus chun na Caingis,


bidh obair gach neach air fhoillseachadh, oir nochdaidh an Latha i, a chionn 's gun tèid a foillseachadh le teine, agus dearbhaidh an teine dè an seòrsa obair a tha gach aon air a dhèanamh.


Oir a thaobh frithealaidh dha na naoimh tha e tuilleadh 's a chòir dhòmhsa sgrìobhadh thugaibh,


Ach Dia, a tha beairteach ann an tròcair, air sgàth a mhòr‑ghràidh leis an do ghràdhaich e sinn,


Oir dè ar dòchas, no ar toileachas, no ar crùn bòstaidh? Nach e sibhse fhèin, an làthair ar Tighearna Ìosa, aig a thighinn?


Dìreach mar a ghuidh mi ort fuireach ann an Ephesus, fhad 's a bha mi dol a‑steach do Mhacedònia, gum biodh tu ag àithne do chuid gun a bhith a' toirt seachad teagasg eadar‑dhealaichte.


Air an adhbhar sin tha mi a' fulang nan rudan seo, ach chan eil nàire orm, oir tha fios agam cò san do chreid mi, agus chaidh dearbhadh dhomh, gu bheil Esan comasach air an rud sin a dh'earb mise ris a ghleidheadh gus an Latha sin.


Gun toireadh an Tighearna tròcair do thaigh Onesiphorus, oir gu tric dh'ùraich e mi 's cha robh nàire air mum shèinichean.


Ach seach gu robh e san Ròimh, shir e mi gu dùrachdach agus lorg e mi.


A‑nis, chuir mi Tichicus gu Ephesus.


Mu dheireadh tha crùn fìreantachd air a thasgadh suas dhomh, a bheir an Tighearna, am breitheamh fìreanta, dhomh san latha sin agus chan ann a‑mhàin dhòmhsa ach cuideachd dhaibhsan uile a ghràdhaich a thighinn‑san.


Oir chan eil Dia cho neo‑fhìreanta 's gun dìochuimhnicheadh e ur saothair agus an gràdh a sheall sibh dha ainm, mar a rinn sibh frithealadh agus mar a tha sibh fhathast a' frithealadh dha na naoimh.


A thaobh an t‑sàbhalaidh seo rinn na fàidhean – a rinn fàidheadaireachd mun ghràs a bha gus a thighinn thugaibhse – sgrùdadh is rannsachadh mionaideach.


“Gu aingeal na h‑eaglaise ann an Ephesus, sgrìobh: Seo na rudan a tha esan a tha a' cumail nan seachd rionnagan na làimh dheis ag ràdh, esan a tha a' coiseachd am measg nan seachd lampairean òir:


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan