Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Timòteus 1:14 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

14 Glèidh an rud math sin a dh'earb mise riut, tron Spiorad Naomh a tha a' còmhnaidh annainne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

14 Coimhead an taisgeach math sin a dh’earbadh riut, tre an Spiorad Naomh, a tha a chòmhnaidh annainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

14 Coimhead an taisgeach math sin a dh’earbadh riut, tre an Spiorad Naomh, a tha a chòmhnaidh annainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

14 Gleidh an deagh thasgaidh tromh ʼn Spiorad Naomh, a tha tamh unnainn.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Timòteus 1:14
21 Iomraidhean Croise  

Mar sin, mura robh sibh dìleas anns an t‑saidhbhreas eucorach, cò a dh'earbas ribh am fìor shaidhbhreas?


Spiorad na Fìrinn – nach urrainn dhan t‑saoghal a ghabhail, a chionn 's nach eil e ga fhaicinn no eòlach air. Is aithne dhuibhse e, oir tha e a' fantainn còmhla ribh, agus bidh e annaibh.


Mòran sa h‑uile dòigh! An toiseach, chaidh briathran Dhè earbsadh dha na h‑Iùdhaich.


Ma tha an Spiorad aigesan a thog Ìosa o na mairbh a' còmhnaidh annaibh, bheir esan a thog Crìosd o na mairbh cuideachd beatha dhar bodhaigean bàsmhor, tro chòmhnaidh an Spioraid annaibh.


Oir ma bhios sibh beò a rèir na feòla, feumaidh sibh bàsachadh, ach ma chuireas sibh, tron Spiorad, gu bàs gnìomhan na bodhaige, bidh sibh beò.


Chan eil sibhse, ge‑tà, anns an fheòil ach anns an Spiorad, ma tha Spiorad Dhè dha‑rìribh a' còmhnaidh annaibh. Ach mura h‑eil Spiorad Chrìosd aig neach sam bith, cha bhuin e dha.


Nach aithne dhuibh gur sibhse teampall Dhè agus gu bheil Spiorad Dhè a' còmhnaidh annaibh?


No nach aithne dhuibh gu bheil ur corp na theampall dhan Spiorad Naomh a tha nur broinn, a th' agaibh o Dhia, agus nach ann leib' fhèin a tha sibh?


Oir ma nì mi seo om rùn fhèin, tha duais agam, ach mura h‑ann om rùn fhèin, tha stiùbhardachd air a h‑earbsa dhomh.


Mar sin, à seo suas chan aithne dhuinn duine sam bith a rèir na feòla; fiù 's ged a b' aithne dhuinn Crìosd a rèir na feòla, ach a‑nis chan aithne dhuinn e mar seo tuilleadh.


Ach air a' chaochladh, a' faicinn gun deach soisgeul an neo‑thimcheall‑ghearraidh earbsadh dhòmhsa, mar a chaidh soisgeul an timcheall‑ghearraidh earbsadh do Pheadar


anns a bheil sibhse cuideachd air ur togail còmhla gus a bhith nur n‑àite‑còmhnaidh do Dhia tron Spiorad.


Agus na bithibh air mhisg le fìon, oir is e pòitearachd a tha an sin, ach bithibh air ur lìonadh leis an Spiorad,


agus Ìosa, ris an canar Iustus. Is iadsan an aon fheadhainn dhen timcheall‑ghearradh a tha nan co‑luchd‑obrach dhòmhsa airson rìoghachd Dhè, agus tha iad air a bhith nan cofhurtachd dhomh.


a rèir soisgeul glòire an Dè bheannaichte, a chaidh earbsadh riumsa.


Ò! Thimòteuis, glèidh na chaidh earbsadh riut, a' tionndadh air falbh o fhaoin‑abairtean ain‑diadhaidh agus o chonnsachadh, a th' air ainmeachadh, gu breugach, mar “eòlas”,


Air an adhbhar sin tha mi a' fulang nan rudan seo, ach chan eil nàire orm, oir tha fios agam cò san do chreid mi, agus chaidh dearbhadh dhomh, gu bheil Esan comasach air an rud sin a dh'earb mise ris a ghleidheadh gus an Latha sin.


Agus na chuala tu uamsa tro mhòran fhianaisean, earb na rudan sin ri daoine dìleas, a bhios comasach air daoine eile a theagasg cuideachd.


A‑nis a chionn 's gun do ghlan sibh ur n‑anman tro ùmhlachd dhan fhìrinn airson gràidh neo‑chealgach dha na bràithrean, gràdhaichibh a chèile dha‑rìribh, à cridhe glan.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan