Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Peadar 1:21 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

21 Oir cha b' ann le toil duine a chaidh fàidheadaireachd a thoirt a‑mach aig àm sam bith, ach, air an giùlain leis an Spiorad Naomh, bhruidhinn daoine o Dhia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

21 Oir cha tàinig an fhàidheadaireachd a rèir toil duine o shean: ach labhair daoine naomha Dhè, mar a sheòladh iad leis an Spiorad Naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

21 Oir cha tàinig an fhàidheadaireachd a rèir toil duine o shean: ach labhair daoine naomha Dhè, mar a sheòladh iad leis an Spiorad Naomh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

21 Oir cha tainig faisneachd uair air bith le toil duine: ach labhair daoine naomh Dhe le gluasad an Spioraid Naoimh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Peadar 1:21
29 Iomraidhean Croise  

Oir thuirt Daibhidh fhèin tron Spiorad Naomh: “‘Thuirt an Tighearna rim Thighearna: “Suidh aig mo dheas‑làimh gus an cuir mi do nàimhdean fod chasan.”’


mar a thuirt e tro bheul fhàidhean naomha fhèin, o shean,


“A bhràithrean, dh'fheumadh an Sgriobtar a bhith air a choileanadh, a bhruidhinn an Spiorad Naomh ro‑làimh le beul Dhaibhidh mu Iùdas, a bha na fhear‑treòrachaidh dhaibhsan a ghlac Ìosa.


Agus ag eas‑aontachadh nam measg fhèin, dh'fhàg iad às dèidh do Phòl aon rud a ràdh: “Bha an Spiorad Naomh ceart nuair a thuirt e ri ur n‑athraichean tron fhàidh Isaiah:


Ach na rudan a dh'innis Dia ro‑làimh le beul nam fàidhean uile, gum fulaingeadh an Crìosd aige, choilean e san dòigh sin.


Agus tha an Spiorad Naomh cuideachd a' toirt fianais dhuinn. Oir às dèidh dha a ràdh:


Mar sin, mar a tha an Spiorad Naomh ag ràdh: “An‑diugh, ma chluinneas sibh a ghuth,


Tha an Spiorad Naomh a' nochdadh nach deach an t‑slighe a‑steach dhan Àite Naomh fhathast fhoillseachadh fhad 's a bha a' chiad phàillean fhathast na sheasamh.


A' sireadh gu dè an neach no dè an t‑àm a bha Spiorad Chrìosd a bh' annta a' foillseachadh dhaibh, a' dèanamh fàisneachd air fulangasan Chrìosd agus na glòirean a leanadh.


Agus thuit mi mu choinneamh a chasan gus adhradh a dhèanamh dha, agus thuirt e rium, “Faic nach dèan thu sin, oir is e co‑sheirbheiseach dhut a th' annamsa agus dhad bhràithrean, iadsan aig a bheil teisteanas Ìosa. Dèan adhradh do Dhia, oir is e teisteanas Ìosa spiorad na fàidheadaireachd.”


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan