Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Eòin 1:3 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

3 Gu robh gràs, tròcair agus sìth còmhla rinn o Dhia an t‑Athair agus o Ìosa Crìosd, Mac an Athar, ann am fìrinn agus ann an gràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

3 Gràs, tròcair, agus sìth gu robh maille ribh o Dhia an t‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd, Mac an Athar, ann am fìrinn agus ann an gràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

3 Gràs, tròcair, agus sìth gu robh maille ribh o Dhia an t‑Athair, agus on Tighearna Iosa Crìosd, Mac an Athar, ann am fìrinn agus ann an gràdh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

3 Grasan, iochd, agus sith gun robh maille ribh bho Dhia an t-Athair, ʼs bho Iosa Criosta, Mac an Athar, ann am firinn ʼs an carrantachd.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Eòin 1:3
9 Iomraidhean Croise  

Gu na h‑uile a th' anns an Ròimh a th' air an gràdhachadh le Dia agus a th' air an gairm gus a bhith nan naoimh: Gràs dhuibhse agus sìth o Dhia ar n‑Athair agus on Tighearna Ìosa Crìosd.


Oir ann an Crìosd Ìosa chan eil timcheall‑ghearradh no neo‑thimcheall‑ghearradh feumail airson sìon, ach creideamh a tha ag obair tro ghràdh.


Agus bha gràs ar Tighearna tuilleadh 's a' cur thairis, còmhla ri creideamh agus gràdh, ann an Crìosd Ìosa.


Gu Timòteus, fìor leanabh tro chreideamh: Gràs, tròcair is sìth o Dhia an t‑Athair agus o Chrìosd Ìosa ar Tighearna.


Cùm an eisimpleir de dh'fhaclan fallain a chuala tu uamsa, ann an creideamh 's ann an gràdh ann an Crìosd Ìosa.


Is ann an seo a tha gràdh; chan e gun do ghràdhaich sinne Dia ach gun do ghràdhaich esan sinne, agus gun do chuir e a Mhac mar ìobairt‑rèite airson ar peacaidhean.


An t‑èildear, Chun na baintighearna thaghte agus a cuid chloinne, air a bheil gràdh agam ann am fìrinn, agus chan e mise a‑mhàin, ach cuideachd iadsan uile aig a bheil eòlas air an fhìrinn,


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan