Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Corintianach 7:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 A‑nis tha mi toilichte, chan ann airson 's gun robh sibh brònach, ach airson 's gun robh sibh brònach gu aithreachas. Oir chaidh ur dèanamh brònach ann am modh diadhaidh, airson 's nach tigeadh call oirbh ann an nì sam bith tromhainne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 A‑nis tha gàirdeachas orm, chan ann airson sibh a bhith duilich, ach gu robh sibh duilich a‑chum aithreachais: oir bha doilgheas oirbh air mhodh diadhaidh, a‑chum nach tigeadh call oirbh ann an aon nì dar taobh-ne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 A‑nis tha gàirdeachas orm, chan ann airson sibh a bhith duilich, ach gu robh sibh duilich a‑chum aithreachais: oir bha doilgheas oirbh air mhodh diadhaidh, a‑chum nach tigeadh call oirbh ann an aon nì dar taobh‐ne.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 A nis tha aoibhneas orm: cha n-ann gun dʼ rinneadh muladach sibh, ach gun dʼ rinneadh muladach sibh gu aithreachas. Oir rinneadh muladach sibh a reir Dhe, air sheol ʼs nach fuilig sibh dochann bhuainne ann an ni air bith.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Corintianach 7:9
18 Iomraidhean Croise  

Thugaibh a‑mach toradh iomchaidh an aithreachais.


San aon dòigh, tha mi ag ràdh ribh gu bheil gàirdeachas an làthair ainglean Dhè airson aon pheacach a nì aithreachas.”


Bha e iomchaidh a bhith subhach agus aoibhneach, oir bha do bhràthair seo marbh, agus tha e beò; bha e caillte, agus chaidh fhaighinn.’”


Tha mi ag ràdh ribh, san aon dòigh bidh aoibhneas air nèamh airson aon pheacach a nì aithreachas nas motha na airson naochad 's a naoi fìrean aig nach eil feum air aithreachas.”


a' toirt fianais an dà chuid do dh'Iùdhaich is do Ghreugaich mu aithreachas a thaobh Dhè agus mu chreideamh nar Tighearna Ìosa Crìosd.


Oir is e seo ar bòst: fianais ar cogais, gun do ghiùlain sinne sinn fhèin san t‑saoghal, ann an sìmplidheachd is dùrachd dhiadhaidh agus chan ann ann an gliocas feòlmhor, ach ann an gràs Dhè, agus gu h‑àraidh dhur taobh‑se.


do dh'fheadhainn nar fàileadh o bhàs gu bàs, dhan fheadhainn eile nar fàileadh o bheatha gu beatha. Agus cò a tha freagarrach airson nan rudan seo?


Oir ma dh'adhbhraich mi bròn dhuibh leis an litir, chan eil aithreachas orm; eadhon ma bha aithreachas orm – oir tha mi a' faicinn gun do dh'adhbhraich an litir bròn dhuibh, ged nach robh seo ach airson greis.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan