Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Corintianach 7:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Is mòr mo dhànachd dhur taobh, is mòr mo bhòstadh às ur leth. Tha mi air mo lìonadh le cofhurtachd; tha mi a' cur thairis le toileachas nar n‑uile àmhghar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Is mòr mo dhànachd cainnte dur taobh-se, is mòr m’uaill as ur leth: lìonadh le comhfhurtachd mi, tha mi thar tomhas aoibhneach nar n‑uile àmhghar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Is mòr mo dhànachd cainnte dur taobh‐se, is mòr m’uaill as ur leth: lìonadh le comhfhurtachd mi, tha mi thar tomhas aoibhneach nar n‑uile àmhghar.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Is mor mʼ earbsa asaibh, is mor mʼ uaill asaibh, tha mi air mo lionadh le sòlas, tha mʼ aoibhneas ʼnar n-uile thrioblaid pailt thar tomhas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Corintianach 7:4
27 Iomraidhean Croise  

Mar sin dh'fhàg iadsan làthaireachd na Comhairle, a' dèanamh gàirdeachais a chionn 's gun deach an cunntadh airidh air eas‑urram fhulang airson an ainm.


Agus chan e seo a‑mhàin, ach tha sinn cuideachd a' bòstadh nar fulangais, a' tuigsinn gu bheil fulangas a' toirt leanaltais gu buil,


Tha mi a' toirt taing dham Dhia an‑còmhnaidh air ur son air sgàth gràs Dhè a bh' air a thoirt dhuibh ann an Crìosd Ìosa,


dìreach cuideachd mar a dh'aidich sibh sinne ann am pàirt, gur sinn ur n‑adhbhar moit‑se mar a tha sibhse cuideachd dhuinne – air latha ar Tighearna Ìosa.


a tha a' toirt cofhurtachd dhuinne nar n‑àmhghar gu lèir, airson 's gun tèid againn air cofhurtachd a thoirt dhaibhsan a th' ann an àmhghar sam bith, leis a' chofhurtachd leis a bheil sinn fhèin air ar cofhurtachadh le Dia.


Oir fiù 's ma nì mise beagan a bharrachd bòstaidh mun ùghdarras againne, a bhuilich an Tighearna airson ur togail‑se suas – 's chan ann airson ur sgrios – cha tèid nàire a chur orm,


Mo nàire, feumaidh mi a ràdh gu bheil sinne cuideachd air a bhith lag. Ach, ge b' e dè an seagh sa bheil neach sam bith eile dàna – tha mi a' bruidhinn gu h‑amaideach – tha mise a cheart cho dàna cuideachd.


Ach taing do Dhia, a tha an‑còmhnaidh gar treòrachadh gu buadhach ann an Ìosa Crìosd agus tromhainne a' foillseachadh fàileadh eòlais fhèin anns gach àite:


Mar sin air sgàth 's gu bheil a leithid sin de dhòchas againn, tha sinn a' cleachdadh mòr‑dhànachd


Oir ma rinn mi bòst sam bith ris‑san mur deidhinn‑se, cha deach mo nàrachadh; ach dìreach mar a thuirt sinn a h‑uile sìon ribh ann am fìrinn, mar sin cuideachd chaidh ar bòstadh mu choinneamh Thìtuis fhaighinn fìor.


Mar sin, seallaibh dhaibhsan dearbhadh ur gràidh‑se agus ar n‑uaill‑ne annaibh, mu choinneamh nan eaglaisean.


agus gu bheil a' mhòr‑chuid dhe na bràithrean san Tighearna – a tha a' gabhail misneachd air sgàth mo phrìosanachaidh – tòrr nas dàine buileach am facal aithris gun eagal.


a rèir mo ro‑dhùil 's mo dhòchais, nach tèid nàire a chur orm ann an nì sam bith, ach leis a h‑uile dànachd, gum bi Crìosd a‑nis, mar a tha e an‑còmhnaidh, air àrdachadh nam chorp‑sa, ge b' ann tro bheatha no tro bhàs.


airson 's gum bi ur bòstadh dham thaobh‑sa air a mheudachadh ann an Crìosd Ìosa, trom thighinn thugaibh a‑rithist.


Ach ma tha mi cuideachd air mo dhòrtadh a‑mach air ìobairt is seirbheis ur creideimh, tha mi toilichte 's a' dèanamh gàirdeachais còmhla ribhse uile.


A‑nis tha mi a' dèanamh gàirdeachais nam fhulangasan air ur son‑se, agus nam fheòil tha mi a' coileanadh na tha a dhìth ann an àmhgharan Chrìosd air sgàth a chuirp‑san, is i an eaglais,


Oir dè ar dòchas, no ar toileachas, no ar crùn bòstaidh? Nach e sibhse fhèin, an làthair ar Tighearna Ìosa, aig a thighinn?


Ach às dèidh fulang mar‑thà agus a bhith air ar làimhseachadh gu tàireil, mar as aithne dhuibh, ann am Philipi, gu robh sinn dàna nar Dia gus soisgeul Dhè innse dhuibh le mòran strì.


Airson 's gu bheil sinne sinn fhèin a' bòstadh annaibh, ann an eaglaisean Dhè, air sgàth ur leanaltais is ur creideimh, nur geur‑leanmhainnean gu lèir, agus anns na trioblaidean a tha sibh a' giùlain.


Oir tha taingealachd mhòr is misneachd againn às do ghràdh‑sa a chionn 's gu bheil cridheachan nan naomh ùraichte tromhadsa, a bhràthair.


Measaibh e mar an uile aoibhneas, mo bhràithrean, nuair a choinnicheas sibh ri iomadh seòrsa deuchainn;


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan