Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Corintianach 5:8 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

8 Tha deagh‑mhisneachd againn agus b' fheàrr leinn a bhith air falbh bhon bhodhaig is aig an dachaigh leis an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

8 Tha deagh mhisneach againn, agus bu roghnaiche leinn gu mòr a bhith air choigrich as a’ cholainn, agus a bhith an làthair maille ris an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

8 Tha deagh mhisneach againn, agus bu roghnaiche leinn gu mòr a bhith air choigrich as a’ cholainn, agus a bhith an làthair maille ris an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

8 Ach anns a' chorp, no às a' chorp, an seo no 'n sin gum bi, Sinn fhèin thoirt suas do sheirbheis Dhè, 's e seo ar miann gu sìor.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

8 Ach tha sinn am misnich, agus tha deagh thoil againn a bhith air fogradh bho ʼn choluinn, ʼsa bhith lathair maille ris an Tighearna.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Corintianach 5:8
22 Iomraidhean Croise  

“Thuirt a mhaighstir ris, ‘Is math a rinn thu, a sheirbheisich mhaith is dhìleis. Bha thusa dìleas thairis air beagan; cuiridh mise os cionn mhòran thu. Thig a‑steach do dh'aoibhneas do mhaighstir!’


“Thuirt a mhaighstir ris, ‘Is math a rinn thu, a sheirbheisich mhaith is dhìleis. Bha thusa dìleas thairis air beagan; cuiridh mise os cionn mhòran thu. Thig a‑steach do dh'aoibhneas do mhaighstir.’


“A Thighearna, a‑nis tha thu a' leigeil led sheirbheiseach siubhal ann an sìth, a rèir d' fhacail.


Ma nì neach sam bith seirbheis dhòmhsa, feumaidh e mo leantainn; agus ge b' e àite anns am bi mise, an sin bidh mo sheirbheiseach cuideachd. Ma nì neach sam bith seirbheis dhòmhsa, bheir m' Athair urram dha.


Agus ma thèid mi agus gun ullaich mi àite dhuibh, thig mi a‑rithist, agus gabhaidh mi sibh thugam fhèin, airson 's far a bheil mise, gum bi sibhse cuideachd.


“Athair, is miann leam cuideachd gum biodh iadsan a thug thu dhomh còmhla rium far a bheil mise, airson 's gum faiceadh iad mo ghlòir a tha thusa air a thoirt dhomh a chionn 's gun do ghràdhaich thusa mi mus deach bunaitean an t‑saoghail a stèidheachadh.


An uair sin fhreagair Pòl, “Dè a tha sibh a' dèanamh, a' caoineadh agus a' briseadh mo chridhe? Oir tha mise deiseil chan ann a‑mhàin airson a bhith air mo chur an grèim ach fiù 's gus bàsachadh airson ainm an Tighearna Ìosa.”


Mar sin tha sinn an‑còmhnaidh deagh‑mhisneachail, le fios a bhith againn, fhad 's a tha sinn aig an taigh sa bhodhaig, gu bheil sinn air falbh on Tighearna –


Mar sin tha e mar amas againn cuideachd, ge b' ann aig an dachaigh no air falbh uaithe, a bhith ga thoileachadh.


A mhuinntir ghràdhaichte, tha sinne a‑nis nar cloinn do Dhia, agus cha deach a dhèanamh follaiseach fhathast dè a bhios annainn. Ach tha fios againn nuair a nochdas e, gum bi sinn coltach ris, oir chì sinn e dìreach mar a tha e.


Agus cha bhi mallachadh sam bith ann tuilleadh agus bidh rìgh‑chathair Dhè agus an Uain ann, agus nì a sheirbheisich seirbheis dha.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan