Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Corintianach 5:7 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

7 oir tha sinn a' coiseachd le creideamh, chan ann le sealladh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

7 (Oir tha sinn a’ gluasad a rèir creidimh, agus chan ann a rèir seallaidh.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

7 (Oir tha sinn a’ gluasad a rèir creidimh, agus chan ann a rèir seallaidh.)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Laoidhean o na Sgriobtaran Naomha 1987

7 Nas ait ler n‑anman fhaotainn 's fad, 's ro‑fhada leinn e uainn; Air imrich b' ait leinn dol on fheòil, 's ar còmhnaidh fhaotainn shuas.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

7 (Oir tha sinn a triall tromh chreideamh, ʼs cha n-ann tromh shealladh soilleir)

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Corintianach 5:7
10 Iomraidhean Croise  

Oir a‑nis tha sinn a' faicinn gu dorcha tro ghlainne ach an uair sin chì sinn aghaidh ri aghaidh, a‑nis is aithne dhomh ann an cuid ach an uair sin aithnichidh mi dìreach mar a tha mise cuideachd air m' aithneachadh.


Chan e gu bheil tighearnas againne thar ur creideimh, ach 's e co‑luchd‑obrach a th' annainn airson ur n‑aoibhneis, oir, nur creideamh, tha sibh a' seasamh.


mar sin chan eil sinne a' coimhead air na rudan a tha rim faicinn, ach air na rudan nach eil rim faicinn; oir tha na rudan a chithear aimsireil, ach tha na rudan nach fhaicear sìorraidh.


agus cha mhise tuilleadh a tha beò, ach Crìosd a tha beò annamsa. Agus a' bheatha a tha mi a‑nis a' caitheamh san fheòil tha mi a' caitheamh tro chreideamh ann am Mac Dhè, a thug gràdh dhomh agus a thug e fhèin seachad air mo shon.


Ach bidh am fìrean beò tro chreideamh annamsa. Agus ma thionndaidheas e air ais, cha bhi tlachd aig m' anam ann.”


Ged nach fhaca sibh e, tha sibh ga ghràdhachadh. Ged nach eil sibh a‑nis ga fhaicinn tha sibh a' creidsinn ann, 's tha sibh a' dèanamh gàirdeachais le aoibhneas thar bhriathran is làn glòire,


Seasaibh na aghaidh, daingeann sa chreideamh, le fios gu bheil na h‑aon fhulangasan air an coileanadh nur bràithreachas air feadh an t‑saoghail.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan