Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Corintianach 5:20 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

20 Mar sin tha sinne nar tosgairean airson Chrìosd, mar gun robh Dia a' dèanamh a thagradh tromhainne; tha sinn a' guidhe oirbh às leth Chrìosd, bithibh rèidh ri Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

20 Uime sin is teachdairean sinn airson Chrìosd, mar gun cuireadh Dia impidh leinne: tha sinn a’ guidhe oirbh as uchd Chrìosd, bithibh rèidh ri Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

20 Uime sin is teachdairean sinn airson Chrìosd, mar gun cuireadh Dia impidh leinne: tha sinn a’ guidhe oirbh as uchd Chrìosd, bithibh rèidh ri Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

20 Air son Chriosta ma ta tha sinn ʼnar teachdairean, Dia mar gum bʼ eadh a comhairleachadh tromhainn. An ainm Chriosta ma ta tha sinn a guidhe oirbh, dianaibh reite ri Dia.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Corintianach 5:20
28 Iomraidhean Croise  

“An neach a dh'èisteas ribhse, èistidh e riumsa; an neach a dhiùltas sibhse, diùltaidh e mise; agus an neach a dhiùltas mise, tha e a' diùltadh an Aoin a chuir a‑mach mi.”


“Agus thuirt am maighstir ris an t‑seirbheiseach, ‘Gabh a‑mach gus na rathaidean mòra agus na frith‑rathaidean agus co‑èignich daoine gus tighinn a‑steach, airson 's gum bi mo thaigh air a lìonadh.


Mar sin thuirt Ìosa riutha a‑rithist, “Sìth dhuibh! Mar a chuir an t‑Athair a‑mach mise, mar sin tha mise cuideachd gur cur‑se a‑mach.”


Oir ma bha sinn, fhad 's a bha sinn nar nàimhdean, air ar dèanamh rèidh ri Dia tro bhàs a Mhic, is motha gu mòr, às dèidh dhuinn a bhith air ar dèanamh rèidh, a bhios sinn air ar sàbhaladh tro bheatha‑san.


Mar sin tha mi sona ann an laigsean, ann an càinidhean, ann an àmhgharan, ann an geur‑leanmhainnean, agus ann an duilgheadasan, airson Chrìosd. Oir nuair a tha mi lag, an uair sin tha mi làidir.


a tha air ar dèanamh comasach air a bhith nar ministearan de thiomnadh nuadh; chan ann den litir, ach den Spiorad; oir tha an litir a' marbhadh, ach tha an Spiorad a' beothachadh.


Mar sin, le fios a bhith againn air eagal an Tighearna, tha sinn a' cur ìmpidh air daoine, ach tha sinn fhèin air ar dèanamh follaiseach do Dhia, agus tha dòchas agam cuideachd gu bheil sinn air ar dèanamh follaiseach nur cogaisean‑se.


Agus ag obrachadh còmhla ris, tha sinne cuideachd a' dèanamh tagradh ribh gun gràs Dhè a ghabhail gu dìomhain.


dham bheil mi nam thosgaire ann an sèidhnichean, airson 's gum bruidhinn mi gu dàna mu dheidhinn, mar as còir dhomh bruidhinn.


agus troimhesan gum biodh a h‑uile sìon air a dhèanamh rèidh ris fhèin, às dèidh dha sìth a dhèanamh tro fhuil a chroinn‑ceusaidh‑san; troimhesan, tha mi ag ràdh, ge b' iad rudan a th' air talamh no rudan a th' air nèamh.


Mar sin an neach a dhiùltas seo chan e duine a tha e a' diùltadh ach Dia, Esan a tha cuideachd air a Spiorad Naomh fhèin a thoirt dhuibh.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan