Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Corintianach 4:4 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

4 Nan suidheachadh‑san tha dia an t‑saoghail seo air inntinnean nan eas‑creidmheach a dhalladh, airson 's nach bi solas soisgeul glòir Chrìosd, as e ìomhaigh Dhè, air fhoillseachadh dhaibh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

4 Anns an do dhall dia an t‑saoghail seo inntinn na dream nach eil nan creidmhich, air eagal gun dealraicheadh orra solas soisgeul glòrmhor Chrìosd, neach as e ìomhaigh Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

4 Anns an do dhall dia an t‑saoghail seo inntinn na dream nach eil nan creidmhich, air eagal gun dealraicheadh orra solas soisgeul glòrmhor Chrìosd, neach as e ìomhaigh Dhè.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

4 Anns an do dhall dia an t-saoghail so inntinnean nam mi-chreideach, gus nach dearrsadh orra solus soisgeil gloir Chriosta, agus is esan iomhaigh Dhe.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Corintianach 4:4
42 Iomraidhean Croise  

An sìol a chaidh a chur am measg dhroigheann, is e seo an neach a tha a' cluinntinn an fhacail, ach tha cùram an t‑saoghail agus mealltaireachd beairteis a' tachdadh an fhacail, agus fàsaidh e neo‑thorrach.


Chaidh am Facal a dhèanamh na fheòil agus ghabh e còmhnaidh nar measg. Chunnaic sinne a ghlòir‑san, mar ghlòir an Aonghin on Athair, làn gràis agus fìrinn.


Chan fhaca neach sam bith Dia riamh, ach rinn Dia an t‑Aonghin Mic, a tha ann an com an Athar, follaiseach e.


A‑nis tha breitheanas an t‑saoghail seo ann; a‑nis bidh riaghladair an t‑saoghail seo air a thilgeil a‑mach.


Thuirt Ìosa riutha, “Tha an solas nur measg airson ùine bhig fhathast. Coisichibh cho fada 's a tha an solas agaibh, airson 's nach beir an dorchadas oirbh. Oir an neach a tha a' coiseachd anns an dorchadas, chan aithne dha càit a bheil e a' dol.


“Tha e air an sùilean a dhalladh agus air an cridhe a dhèanamh cruaidh, airson 's nach faic iad len sùilean agus nach tuig iad len cridhe, agus nach tionndaidheadh iad 's gun slànaichinn‑sa iad.”


Agus an neach a tha gam fhaicinn‑sa, tha e a' faicinn an aoin a chuir a‑mach mi.


Cha dèan mi mòran bruidhne còmhla ribh tuilleadh, oir tha riaghladair an t‑saoghail seo a' tighinn, agus chan eil grèim sam bith aigesan orm,


Mura bithinn‑sa air na h‑obraichean a dhèanamh nam measg nach do rinn aon neach eile, cha bhiodh iad ciontach de pheacadh; ach a‑nis chunnaic iad, agus dh'fhuathaich iad an dà chuid mise agus m' Athair.


a thaobh bhreitheanais, a chionn 's gu bheil riaghladair an t‑saoghail seo air a dhìteadh.


Bhruidhinn Ìosa riutha a‑rithist, ag ràdh, “Is mise solas an t‑saoghail. An neach a leanas mise, cha choisich e ann an dorchadas, ach bidh solas na beatha aige.”


gus an sùilean fhosgladh, airson 's gum faod iad tionndadh o dhorchadas gu solas, o chumhachd Shàtain gu Dia, airson 's gum faod iad mathanas pheacaidhean fhaighinn agus àite am measg na feadhna a th' air an naomhachadh tro chreideamh annamsa.’


gum feumadh an Crìosd fulang agus, mar a' chiad neach ag èirigh o na mairbh, gun cuireadh e an cèill solas an dà chuid dhar sluagh‑ne agus dha na Cinnich.”


Chan eil, ach gu bheil na rudan a tha iad ag ìobradh air an ìobradh do dheamhain is chan ann do Dhia agus chan eil mi ag iarraidh gum bi sibh nur luchd‑compàirt de dheamhain.


gus nach gabhadh Sàtan brath oirnn, oir chan eil sinn aineolach air na h‑innleachdan aigesan.


A‑nis nuair a thàinig mi gu Tròas airson soisgeul Chrìosd 's a chaidh doras fhosgladh dhomh san Tighearna,


Oir ma thàinig an rud a tha a' dol à bith le glòir, fada nas motha na sin tha a' ghlòir aig an rud a mhaireas.


Ach bha an inntinnean air an cruadhachadh; oir, gus an latha an‑diugh ann an leughadh an t‑seann tiomnaidh tha an aon chòmhdach a' fantainn gun togail, oir is ann an Crìosd a tha e air a thoirt air falbh.


Ach tha sinne uile – le aghaidhean gun chòmhdach, a' coimhead mar ann an sgàthan air glòir an Tighearna – gar n‑atharrachadh chun na h‑aon ìomhaigh o ghlòir gu glòir, dìreach mar on Tighearna, an Spiorad.


Oir is e Dia, a thuirt, “À dorchadas soillsicheadh solas,” an t‑Aon a th' air deàlradh nar cridheachan airson solas eòlas glòir Dhè a thoirt dhuinn ann an aghaidh Ìosa Crìosd.


a thug e fhèin seachad airson ar peacaidhean airson 's gun saoradh e sinn on linn olc a tha an làthair, a rèir toil ar Dè agus ar n‑Athar,


anns an do choisich sibh roimhe a rèir cùrsa an t‑saoghail seo, a rèir riaghladair cumhachd an adhair, an spiorad a tha a‑nis ag obrachadh ann an cloinn na h‑eas‑ùmhlachd,


Oir chan eil sinn a' gleac ri fuil is feòil, ach ri riaghladairean, ri ùghdarrasan, ri cumhachdan‑saoghail an dorchadais seo, ri cumhachdan spioradail na h‑aingidheachd sna h‑àiteachan nèamhaidh.


Esan, ged a bha e ann an cruth Dhè, nach do mheas co‑ionnanachd ri Dia mar nì air an dèanadh e grèim,


Is esan ìomhaigh an Dè neo‑fhaicsinnich, ciad‑ghin a' chruthachaidh gu lèir.


dhan do rùnaich Dia a dhèanamh aithnichte am measg nan Cinneach dè a th' ann am beairteas glòir na dìomhaireachd seo, is e Crìosd annaibhse, dòchas na glòire.


a rèir soisgeul glòire an Dè bheannaichte, a chaidh earbsadh riumsa.


an dùil ris an dòchas bheannaichte agus ri nochdadh glòir ar Dè mhòir 's ar Slànaigheir Ìosa Crìosd.


Is esan deàrrsadh a ghlòir‑san agus fìor ìomhaigh a shusbaint, a' cumail suas a h‑uile sìon le facal a chumhachd, às dèidh dha peacaidhean a ghlanadh air falbh, shuidh e air deas‑làimh na mòrachd sna h‑àrdan.


Oir tha e do‑dhèanta dhaibhsan a chaidh a shoillseachadh aon uair, a bhlais an tiodhlac nèamhaidh 's a chaidh an dèanamh nan compàirtich dhen Spiorad Naomh,


Agus tha facal fàidheadaireachd nas cinntiche againne, 's nì sibhse math aire a thoirt dha, mar do lampa a tha a' deàlradh ann an àite dorcha, gus am bris an latha agus gus an èirich reul na maidne nur cridheachan.


Ach an neach aig a bheil fuath dha bhràthair, tha esan san dorchadas agus tha e a' coiseachd san dorchadas, agus chan eil fios aige càit a bheil e a' dol, oir dhall an dorchadas a shùilean.


A‑rithist tha mi a' sgrìobhadh àithne ùr thugaibh; a tha fìor annsan agus annaibh‑se, oir tha an dorchadas a' dol seachad agus tha an solas fìor a' deàlradh a‑cheana.


Tha fios againn gur ann le Dia a tha sinne agus gu bheil an saoghal gu lèir na laighe fo chumhachd an fhir uilc.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan