Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Corintianach 10:1 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

1 A‑nis, tha mi fhèin, Pòl, a' guidhe oirbh tro chiùineas is shèimheachd Chrìosd – mise a tha iriosal nuair a tha mi aghaidh ri aghaidh còmhla ribh, ach a tha dàna nuair a tha mi air falbh!

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

1 A‑nis tha mise fhèin Pòl a’ guidhe oirbh, tre mhacantas agus shèimheachd Chrìosd, neach air dhomh a bhith an làthair a tha ìosal nur measg, ach air dhomh a bhith uaibh a tha dàn oirbh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

1 A‑nis tha mise fhèin Pòl a’ guidhe oirbh, tre mhacantas agus shèimheachd Chrìosd, neach air dhomh a bhith an làthair a tha ìosal nur measg, ach air dhomh a bhith uaibh a tha dàn oirbh:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

1 A nis tha mise fhein Pol a guidhe oirbh á uchd ciuineachd us stuamachd Chriosta, mise a tha san lathair diblidh ʼnur measg, ach as an lathair dana oirbh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Corintianach 10:1
38 Iomraidhean Croise  

Gabhaibh mo chuing oirbh, agus ionnsaichibh uam, oir tha mise macanta is iriosal ann an cridhe, agus gheibh sibh fois dhur n‑anman.


“Canaibh ri nighean Shioin, ‘Seall, tha do rìgh a' tighinn thugad, iriosal, agus na shuidhe air asal, agus air searrach, loth asail.’”


A‑nis b' e seo an cuibhreann dhen Sgriobtar a bha e a' leughadh: “Chaidh a threòrachadh mar chaora gu a spadadh, agus mar a tha uan mu choinneamh an neach‑lomaidh sàmhach, mar sin chan eil e a' fosgladh a bheòil.


Agus tha Isaiah cho dàn 's gu bheil e ag ràdh: “Chaidh mo lorg leothasan nach robh gam shireadh; dh'fhoillsich mise mi fhèin dhaibhsan nach do dh'fhaighnich air mo shon.”


Tha mi a' guidhe oirbh mar sin, a bhràithrean, tro thròcairean Dhè, ur bodhaigean a nochdadh nam beò‑ìobairt, naomh is iomchaidh do Dhia, 's e sin ur n‑adhradh spioradail.


Ach ann am pàirt tha mi air sgrìobhadh thugaibh nas dàine gus an chuimhneachadh dhuibh, air sgàth a' ghràis a chaidh a thoirt dhòmhsa le Dia,


Agus bha mi còmhla ribh ann an laigse is ann an eagal is ann am mòran ball‑chrith


Tha sinne nar n‑amadain air sgàth Chrìosd, ach tha sibhse glic ann an Crìosd. Tha sinne lag, ach tha sibhse làidir. Tha sibhse air ur faicinn ann an urram, ach sinne ann an eas‑urram.


Dè as fheàrr leibh? An tig mi thugaibh le slait, no ann an gaol agus le spiorad na ciùine?


Oir tha iad ag ràdh, “Tha a litrichean trom agus làidir, ach tha a làthaireachd phearsanta lag agus a chainnt suarach.”


Tha mi ag iarraidh oirbh, nuair a tha mi an làthair, nach leig mi leas a bhith cho dàna leis an dànachd leis a bheil mi a' cur romham a bhith dàna an aghaidh cuid, a tha a' coimhead oirnne mar gun robh sinne a' coiseachd a rèir na feòla.


Tha sibh a' coimhead air rudan mar a tha iad air an taobh a‑muigh. Ma tha neach sam bith cinnteach às fhèin, gur ann le Crìosd a tha e, cuimhnicheadh e air a seo a‑rithist ann fhèin: dìreach mar as ann le Crìosd a tha esan, gur ann a tha sinne cuideachd.


Mo nàire, feumaidh mi a ràdh gu bheil sinne cuideachd air a bhith lag. Ach, ge b' e dè an seagh sa bheil neach sam bith eile dàna – tha mi a' bruidhinn gu h‑amaideach – tha mise a cheart cho dàna cuideachd.


Ma dh'fheumas mi bòstadh, bòstaidh mi mu na rudan a bhuineas dham laigse.


Às leth a leithid seo de dhuine bòstaidh mi, ach às mo leth fhèin cha bhòst mi; ach na mo laigsean.


Mar sin air sgàth 's gu bheil a leithid sin de dhòchas againn, tha sinn a' cleachdadh mòr‑dhànachd


Mar sin tha sinne nar tosgairean airson Chrìosd, mar gun robh Dia a' dèanamh a thagradh tromhainne; tha sinn a' guidhe oirbh às leth Chrìosd, bithibh rèidh ri Dia.


Agus ag obrachadh còmhla ris, tha sinne cuideachd a' dèanamh tagradh ribh gun gràs Dhè a ghabhail gu dìomhain.


Is mòr mo dhànachd dhur taobh, is mòr mo bhòstadh às ur leth. Tha mi air mo lìonadh le cofhurtachd; tha mi a' cur thairis le toileachas nar n‑uile àmhghar.


Tha fios agaibh gum b' ann air sgàth laigse cuirp a shearmonaich mi an soisgeul dhuibh an toiseach;


Seall, tha mise, Pòl, ag ràdh ribh, ma thèid ur timcheall‑ghearradh, nach bi Crìosd na bhuannachd sam bith dhuibh.


Air an adhbhar seo, tha mise Pòl, prìosanach Chrìosd Ìosa air ur son‑se a Chinneacha –


Mar sin tha mise, prìosanach an Tighearna, a' guidhe oirbh gun coisich sibh ann an dòigh a tha iomchaidh dhan ghairm leis an deach ur gairm,


Biodh ur ciùineas follaiseach dhan a h‑uile neach. Tha an Tighearna faisg;


ma dh'fhanas sibh dha‑rìribh sa chreideamh, stèidhichte is daingeann, agus gun a bhith air ur gluasad o dhòchas an t‑soisgeil a chuala sibh, a chaidh a shearmonachadh dhan chruthachadh gu lèir fo nèamh, air an deach mise, Pòl, mo dhèanamh nam mhinistear.


Tha am fàilte seo, a tha na comharra anns gach litir, sgrìobhte lem làimh‑sa, Pòl; seo mar a tha mi a' sgrìobhadh.


Sgrìobh mise, Pòl, seo le mo làimh fhèin; pàighidh mise e, gun a ràdh riut gu bheil thusa thu fhèin fo fhiachan dhòmhsa.


b' fheàrr leam guidhe ort as leth a' ghràidh, on is mise Pòl a tha nam sheann duine, agus a tha a‑nis cuideachd nam phrìosanach de Chrìosd Ìosa.


Mo luchd‑gràidh, tha mi a' guidhe oirbh, mar choigrich is luchd‑cuairt, seachnaibh ana‑miannan na feòla, a tha a' cogadh an aghaidh an anma.


Bha mise, Eòin – ur bràthair a tha nam chom‑pàirtiche leibh ann an trioblaid is ann an rìoghachd agus ann an leanaltas ann an Ìosa – air an eilean ris an canar Patmos air sgàth facal Dhè agus teisteanas Chrìosd.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan