Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




2 Corintianach 1:15 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

15 Agus leis a' chinnt seo bha mi ag iarraidh tighinn thugaibh an toiseach, airson 's gum faigheadh sibh beannachd dà uair.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

15 Agus anns a’ mhuinghinn seo b’àill leamsa teachd dur n‑ionnsaigh air tùs, ionnas gum faigheadh sibhse ath-ghràs;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

15 Agus anns a’ mhuinghinn seo b’àill leamsa teachd dur n‑ionnsaigh air tùs, ionnas gum faigheadh sibhse ath‐ghràs;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

15 Us anns an earbsa so bha toil agam tighinn gu ʼr n-ionnsuidh, los gum faigheadh sibh an ath ghras;

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




2 Corintianach 1:15
9 Iomraidhean Croise  

Ach on a bha Iòsaph, an duine aice, ionraic agus ain‑deònach a maslachadh, chuir e roimhe a cur air falbh gu dìomhair.


Oir tha fadachd orm ur faicinn, airson 's gum faod mi tiodhlac spioradail air choireigin a chompàirteachadh leibh airson ur neartachadh –


Tha fios agam, nuair a thig mi thugaibh, gun tig mi ann an lànachd bheannachd Chrìosd.


Ma bhios cuideigin acrach, itheadh e aig an taigh, airson 's nach tig sibh còmhla gu breitheanas. A thaobh nan rudan eile cuiridh mi an òrdugh iad nuair a thig mi.


Oir chan eil mi ag iarraidh ur faicinn an‑dràsta san dol seachad; oir tha dùil agam fuireach còmhla ribh airson ùine bheag, ma cheadaicheas an Tighearna.


Ach thig mi thugaibh a dh'aithghearr, ma rùnaicheas an Tighearna, agus gheibh mi a‑mach, chan ann mu chainnt na muinntir seo a th' air an sèideadh suas, ach mun cumhachd‑san.


Seallaibh, airson an treas uair tha mi deiseil gus tighinn thugaibh, agus cha bhi mi nam eallach dhuibh; oir chan eil mi ag iarraidh na tha leibh, ach sib' fhèin; oir chan e a' chlann as còir a bhith a' sàbhaladh airson am pàrantan, ach pàrantan airson an cloinne.


Agus ag obrachadh còmhla ris, tha sinne cuideachd a' dèanamh tagradh ribh gun gràs Dhè a ghabhail gu dìomhain.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan