Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Timòteus 5:9 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

9 Biodh banntrach nach eil nas òige na seasgad bliadhna, bean aon duine, air a cur air an liosta

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

9 Na gabhar bantrach anns an àireamh a bhios fo thrì-fichead bliadhna a dh’aois, a bha na mnaoi aon duine,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

9 Na gabhar bantrach anns an àireamh a bhios fo thrì‐fichead bliadhna a dh’aois, a bha na mnaoi aon duine,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

9 Biodh bantrach air a taghadh, nach eil na ʼs lugha na tri fichead bliadhna a dhʼ aois, a bha ʼna mnaoi aon duine,

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Timòteus 5:9
10 Iomraidhean Croise  

Feumaidh mar sin am fear‑coimhid a bhith os cionn adhbhar càinidh, fear de dh'aon bhean, measarra, ciallach, urramach, aoigheil, comasach air teagasg,


Ach diùlt na banntraichean òga, oir nuair a tha na h‑ana‑miannan aca air an tarraing air falbh o Chrìosd, tha iad airson pòsaidh.


Bu mhiann leam mar sin gum pòsadh an fheadhainn òga, gun giùlaineadh iad clann, gun ruitheadh iad an dachaighean, gun a bhith a' toirt cothruim càinidh sam bith dhan nàmhaid.


Biodh na deuconan nam fir de dh'aon bhean, a' stiùireadh an cuid chloinne gu math agus an dachaighean fhèin.


Ma tha càirdean a tha nam banntraichean aig tè‑chreidmheach sam bith, cuidicheadh i iad agus na biodh iad nan uallach dhan eaglais, airson 's gun toir ise taic dhaibhsan a tha dha‑rìribh nam banntraichean.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan