Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Timòteus 5:5 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

5 A‑nis, tha ise a tha dha‑rìribh na banntraich, 's air a fàgail na h‑aonar, a' cur a dòchais ann an Dia, agus a' leantainn ann an tagraidhean 's ann an ùrnaighean a dh'oidhche 's a latha.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

5 A‑nis cuiridh ise a tha na bantraich dha-rìribh, agus air a fàgail na h‑aonar, a dòchas ann an Dia, agus buanaichidh i a là agus a dh’oidhche ann an athchuingean, agus ann an ùrnaighean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

5 A‑nis cuiridh ise a tha na bantraich dha‑rìribh, agus air a fàgail na h‑aonar, a dòchas ann an Dia, agus buanaichidh i a là agus a dh’oidhche ann an athchuingean, agus ann an ùrnaighean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

5 Ach ise a tha ʼna bantraich a rireamh, ʼs air a fagail leatha fhein, biodh a h-earbsa ann an Dia, us thugadh i i fhein, a dhʼ oidhche ʼsa latha, do dhʼ urnaigh ʼs do dhʼ achanaich:

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Timòteus 5:5
27 Iomraidhean Croise  

An uair sin dh'innis e cosamhlachd dhaibh a' sealltainn gum bu chòir ùrnaigh a dhèanamh an‑còmhnaidh agus gun a bhith a' call misneachd.


Agus nach toir Dia ceartas dha dhaoine taghte fhèin, a tha ag èigheach ris a latha 's a dh'oidhche? Am bi e slaodach gus am freagairt?


agus an uair sin na banntraich gus an robh i ochdad 's a ceithir. Cha do dh'fhàg i an teampall, a' dèanamh seirbheis le trasgadh is ùrnaigh a latha 's a dh'oidhche.


's e seo a tha an dà threubh dheug againne ag iarraidh fhaighinn, a' dèanamh seirbheis dhùrachdaich a latha 's a dh'oidhche. Agus airson an dòchais seo, a rìgh, tha mise fo chasaid leis na h‑Iùdhaich.


A‑nis anns na làithean sin nuair a bha na deisciobail a' fàs ann an àireamh, dh'èirich gearan am measg nan Greugach an aghaidh nan Eabhrach a chionn 's gun robh am banntraichean air an cur an dearmad san fhrithealadh‑bìdh làitheil.


Mar sin dh'èirich Peadar is chaidh e còmhla riutha. Agus nuair a ràinig e, thug iad dhan t‑seòmar uachdarach e. Sheas na banntraichean uile ri thaobh, a' caoineadh agus a' sealltainn nan lèintean‑fada is nam badan aodaich eile a rinn Dorcas fhad 's a bha i còmhla riutha.


Agus thug e a làmh dhi, agus thog e suas i. An uair sin a' gairm nan naomh agus nam banntraichean, sheall e dhaibh beò i.


's e sin, airson 's gum faod sinn a bhith air ur misneachadh còmhla le creideamh a chèile, an dà chuid agaibhse agus agamsa.


Troimhesan fhuair sinne gràs is abstolachd gus ùmhlachd a' chreideimh a thoirt gu bith am measg nan nàiseanan gu lèir air sgàth ainm‑san.


Tha mi ag iarraidh gum bi sibh saor o chùraman. Tha an duine nach eil pòsta fo chùram mu rudan an Tighearna – mar a thoilicheas e an Tighearna.


agus tha na h‑ùidhean aige air an roinn. Tha am boireannach nach eil pòsta no a tha na h‑òigh fo chùram mu rudan an Tighearna, airson 's gum bi i naomh ann an corp agus ann an spiorad. Ach tha am boireannach a tha pòsta fo chùram mu rudan saoghalta – mar a thoilicheas i a fear‑pòsta.


Leis a h‑uile seòrsa ùrnaigh is tagraidh, dèanaibh ùrnaigh an‑còmhnaidh san Spiorad, agus le seo san amharc, dèanaibh faire leis a h‑uile buannachadh is thagradh airson nan naomh gu lèir.


na biodh cùram oirbh mu nì sam bith, ach sa h‑uile sìon, le ùrnaigh is guidhe, cuide ri buidheachas, biodh ur n‑iarrtasan air an dèanamh aithnichte do Dhia.


Tha mi a' guidhe oirbh mar sin, sa chiad àite, gun dèan sibh tagraidhean, ùrnaighean, iarrtasan, taingealachdan, às leth nan uile dhaoine.


Ma tha càirdean a tha nam banntraichean aig tè‑chreidmheach sam bith, cuidicheadh i iad agus na biodh iad nan uallach dhan eaglais, airson 's gun toir ise taic dhaibhsan a tha dha‑rìribh nam banntraichean.


Thoir urram do bhanntraichean, a tha dha‑rìribh nam banntraichean.


Tha mi a' toirt taing do Dhia, dham bheil mi a' dèanamh seirbheis, mar a rinn mo shinnsirean, ann an cogais ghlan, gu bheil cuimhne agam ortsa gun sgur nam ùrnaighean, a dh'oidhche 's a latha,


Oir 's ann mar sin cuideachd a bha na boireannaich naomha o shean gam brèaghachadh fhèin, iadsan aig an robh dòchas ann an Dia, umhail dham fir.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan