Biblia Todo Logo
Bìoball air-loidhne

- Sanasan -




1 Timòteus 5:16 - An Tiomnadh Nuadh anns an Eadar-Theangachadh Ùr Gàidhlig 2017

16 Ma tha càirdean a tha nam banntraichean aig tè‑chreidmheach sam bith, cuidicheadh i iad agus na biodh iad nan uallach dhan eaglais, airson 's gun toir ise taic dhaibhsan a tha dha‑rìribh nam banntraichean.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Gàidhlig 1992

16 Ma tha aig creidmheach no aig ban-chreidmheach bantraichean, fòireadh iad orra, agus na biodh an trom air an eaglais; a‑chum gun dèan i cabhair orrasan a tha nam bantraichean da‑rìribh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Am Bìoball Iomraidh Gàidhlig 1880 1992

16 Ma tha aig creidmheach no aig ban‐chreidmheach bantraichean, fòireadh iad orra, agus na biodh an trom air an eaglais; a‑chum gun dèan i cabhair orrasan a tha nam bantraichean da‑rìribh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac

Tiomnadh Nuadh (MacEachen) 1875

16 Ma tha bantraichean aig creideach air bith, freasdaileadh e orra, ʼs na biodh an cudthrom air an eaglais; gus am bi ann na dhʼ fhoghnas dhaibh-san, a tha ʼnam bantraichean a rireamh.

Faic an caibideil Dèan lethbhreac




1 Timòteus 5:16
4 Iomraidhean Croise  

ach ma tha duine sam bith ann nach eil a' solarachadh airson a chàirdean agus gu sònraichte airson a theaghlaich fhèin, tha e air a' chreideamh àicheadh agus rud nas miosa, tha e na eas‑creidmheach.


Biodh banntrach nach eil nas òige na seasgad bliadhna, bean aon duine, air a cur air an liosta


tè aig a bheil teisteanas airson deagh obraichean, ma thog i clann, ma thug i aoigheachd, ma nigh i casan nan naomh, ma thug i cuideachadh dhaibhsan a bh' ann an trioblaid, ma thug i i fhèin do gach deagh obair.


Lean sinn:

Sanasan


Sanasan